Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


III. CAIB. Na tha aige ri sgriobhadh gu eaglaisean Shardis, Philadelphia, us Laodicéa.

1 Agus gu eaglais aingeal Shardis sgriobh: ʼSiad so tha esan a g-radh aig a bheil seachd spioraid Dhe, ʼs na seachd reultan: Is aithne dhomh tʼ oibrichean, gum beil an t-ainm agad a bhith beo, ʼs tha thu marbh.

2 Bi ri faire, agus neartaich a chuid eile, a tha an coinneamh bàsachadh. Oir cha n-eil mi faighinn tʼ oibrichean lan an lathair mo Dhia.

3 Biodh e ma ta na dʼ chridhe ciod an doigh air an dʼ fhuair ʼs an cuala tu, agus gleidh, us gabh aithreachas. Uime sin mur dian thu faire, thig mi ort mar mheirleach, ʼs cha bhi fios agad ciod an uair air an tig mi ort.

4 Ach tha beagan ainmeannan agad an Sardis, nach do thruaill an trusgan; agus imichidh iad maille riumsa an geal-eideadh: oir is airidh iad air.

5 An neach a bheir buaidh, theid eideadh mar so ann an trusgan geal, ʼs cha dhubh mi ainm á leabhar na beatha, us aidichidh mi ʼainm an lathair mʼ Athar, agus an lathair ʼainglean.

6 Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean.

7 Agus gu aingeal eaglais Philadelphia sgriobh: ʼSiad so tha esan a g-radh, a tha Naomh agus Fior, aig a bheil iuchair Dhài: a dhʼ fhosglas gun duine a dhuineas: a dhuineas gun duine a dhʼ fhosglas:

8 Is aithne dhomh tʼ oibrichean. Faic, thug mi dorus fosgailte dhut romhad, nach urrainn do dhuine air bith a dhunadh: a chionn tha beagan neart agad, us ghleidh thu mʼ fhacal, ʼs cha dʼ aicheadh thu mʼ ainm.

9 Seall, bheir mise h-ugad de shinagog shatain, a tha g-radh gur Iudhaich iad, ʼs nach eadh, ach a tha briagach: faic, bheir mi orra tighinn, agus aoradh a dhianamh aig do chasan; agus aithnichidh iad gun tug mise gaol dhut.

10 A chionn gun do chum thu facal mʼ fhaighidin, cumaidh mise thusa cuideachd bho uair a bhuairidh, a tha gu tighinn air an t-saoghal uile, mar dhiachuinn orrasan a tha tamh air an talamh.

11 Faic, tha mi tighinn gu h-aithghearr: gleidh gu teann na thʼ agad, gus nach faigh duine air bith do chrùn.

12 An neach a bheir buaidh, ni mi post dheth ann an teampull mo Dhia, ʼs cha teid e mach tuilleadh; agus sgriobhaidh mi ainm mo Dhia air, us ainm baile mo Dhia, Ierusalem nuadh, a tha tighinn a nuas á flathanas bho mo Dhia, agus mʼ ainm naomh fhein.

13 Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean.

14 Agus gu aingeal eaglais Laodicéa sgriobh: Is iad so tha Amen a g-radh, an fhianuis dhileas agus fhirinneach, esan is toiseach creutair Dhe:

15 Is aithne dhomh tʼ oibrichean: nach eil thu fuar, ʼs nach eil thu teth: bʼ fhearr gun robh thu fuar no teth!

16 Ach a chionn gum beil thu meogh-bhlath, gun a bhith fuar no teth, teannaidh mi ri dʼ sgeith a mach as mo bhial.

17 A chionn gum beil thu g-radh: Tha mi beairteach, ʼs air mo dhianamh saibhir, ʼs gun fheum agam air ni; ʼs tu gun fhios gum beil thu mi-shealbhach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus ruisgte.

18 Se mo chomhairle dhut, thu a cheannach bhuamsa òir air a dhearbhadh san teine, los gum fàs thu beairteach, ʼs gum bi thu air tʼ eideadh an aodach geal, ʼs nach bi nàire do lomnochd ri faicinn, agus ung do shuilean le sàbh-shul, los gum faic thu.

19 Iadsan is toigh leam, tha mi cronachadh ʼsa smachdachadh. Bi eudmhor ma ta, agus gabh aithreachas.

20 Seall, tha mi am sheasamh aig an dorus ʼsa bualadh: ma dhʼ eisdeas neach air bith ri mʼ ghuth, ʼs gum fosgail e an dorus dhomh, thig mi stigh ga ionnsuidh, agus ithidh mi maille ris, us esan maille riumsa.

21 Dhasan, a bheir buaidh, bheir mi comas suidhe maille rium air mo chathair: amhuil mar a thug mise buaidh, ʼsa shuidh mi maille ri mʼ Athair air a chathair-san.

22 Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan