Taisbeanadh 22 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XXII. CAIB. Uisge agus craobh na beatha: a chrioch. 1 Agus dhʼ fhiach e dhomh abhuinn uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a tighinn bho chathair Dhe agus an Uain. 2 Agus am miadhon a straide, ʼs air dà thaobh na h-aibhne bha craobh na beatha, a giulan dà mheas dhiag, a toirt a mach a meas a h-uile mios, agus bha duilleagan na craoibhe gu leigheas nan cinneach. 3 Agus cha bhi mollachd ann idir tuille: ach bithidh cathair Dhe agus an Uain ann, agus ni a sheirbhisich seirbhis dha. 4 Agus chi iad a ghnuis, ʼs bithidh ʼainm air clar an aodainn. 5 ʼS cha bhi oidhche ann nas fhaide; ʼs cha chuir iad feum air solus an lochrain, no solus na greine: oir soilleirichidh an Tighearna Dia iad, agus righichidh iad fad linn nan linn. 6 Us thuirt e rium: Tha na facail so ro dhileas agus fior. Agus chuir an Tighearna, Dia spioraid nam faidhean, aingeal fhein, a dhʼ fhiachuinn dha sheirbhisich na dhʼ fheumas tachairt gu h-aithghearr. 7 Agus, seall, tha mi tighinn gu h-aithghearr. Is beannaichte esan a chumas facail faisneachd an leabhair so. 8 Agus is mise Eoin, a chuala ʼsa chunnaic na nichean so. Agus an deigh dhomh cluinntinn agus faicinn, thuit mi sios a dhianamh aoraidh romh chasan an aingil, a dhʼ fhiach dhomh na nichean so; 9 Us thuirt e rium: Fiach nach dian thu e: oir is mise do cho-sheirbhiseach, ʼs dhe do bhraithrean na faidhean, us dhiusan a chumas facail faisneachd an leabhair so: thoir aoradh do Dhia. 10 Us thuirt e rium: Na seul facail faisneachd an leabhair so: oir tha an t-àm faisg. 11 An neach a tha ciurradh, ciurradh e fhathast; ʼs an neach a tha truaillidh, leanadh e ri truailleachd fhathast; ʼs an neach a tha ceart, biodh e air a cheartachadh fhathast; ʼs an naomh, biodh e air a naomhachadh fhathast. 12 Fiach thig mi gu h-aithghearr, ʼs tha mo dhuais maille rium, los toirt do ʼn h-uile duine a reir oibrichean. 13 Is mise Alpha agus Omega, a chiad aon agus an t-aon mu dheireadh, an tùs agus a chrioch. 14 Is beannaichte iadsan, a nigheas an eideadh am fuil an Uain; los gum bi còir aca air craoibh na beatha, ʼs gun teid iad a stigh tromh na geatachan do ʼn bhaile. 15 A mach tha coin, us luchd-draoitheachd, us luchd-mi-gheamnachd, us murtairean, us luchd-iodhol-aoraidh, ʼs a h-uile h-aon leis an toil, agus a ni briag. 16 Chuir mise, Iosa, mʼ aingeal a thoirt fianuis dhuibh air na nichean so anns na h-eaglaisean. Is mise friamh agus gineal Dhài, reul bhoillsgeach ʼs reul na maduinne. 17 Agus tha an spiorad agus bean-na-bainnse a g-radh: Thig. ʼS an neach a tha cluinntinn, abradh e: Thig. ʼS an neach a tha paiteach, thigeadh e: ʼs an neach leis an toil, gabhadh e uisge na beatha a nasgaidh. 18 Oir tha mi toirt fianuis do ʼn h-uile h-aon a chluinneas facail faisneachd an leabhair so: Ma chuireas duine air bith ris na nichean so, cuiridh Dia air-san na plaighean a tha sgriobhte anns an leabhar so. 19 ʼS ma bheir duine air bith bho fhacail leabhar na faisneachd so, bheir Dia air falbh a chuid-san á leabhar na beatha, us as a bhaile naomh, ʼs bho na nichean sin a tha sgriobhte anns an leabhar so. 20 Tha esan, a tha toirt teisteanais air na nichean so, a g-radh: Gu cinnteach tha mi tighinn gu h-aithghearr. Amen. Thig, a Thighearna Iosa. 21 Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh uile. Amen. A Chrioch. |