Taisbeanadh 21 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XXI CAIB. An Ierusalem ur air fhiachuinn. 1 Agus chunnaic mi neamh ùr us talamh ùr. Oir dhʼ fhalbh a chiad neamh ʼsa chiad thalamh, agus a nis cha n-eil muir ann. 2 Us chunnaic mise, Eoin, am baile naomh, Ierusalem ùr, a tighinn a nuas bho Dhia á neamh air uidheamachadh mar bhean-bainnse sgeadaichte air son a fir. 3 Agus chuala mi guth mor bho ʼn chathair, a g-radh: Seall paillion Dhe maille ri daoine, us gabhaidh e comhnuidh cuide riu. Agus bithidh iad dha ʼnam pobull, agus bithidh Dia fhein maille riu, an Dia aca; 4 Agus siabaidh Dia bho ʼn suilean an deoir uile; ʼs cha bhi bàs ann tuille, no caoidh, no gal, cha bhi no bròn nas mua: oir shiubhail na ciad nichean. 5 Us thuirt esan a bha ʼna shuidhe air a chathair: Seall, tha mi dianamh a h-uile ni ùr. Us thuirt e rium: Sgriobh, oir is tur dileas agus fior na facail so. 6 Agus thuirt e rium: Tha e diante. Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a chrioch. Dhasan air a bheil pathadh bheir mi de thobar uisge na beatha a nasgaidh. 7 Am fear a bheir buaidh, sealbhaichidh e na nichean so, agus bithidh mi na mʼ Dhia dha, us bithidh esan ʼna mhac dhomhsa. 8 Ach aig daoine gealtach, us ana-creideach, us truaillidh, ʼs aig luchd murtaidh, agus siursachd, us draoitheachd, us iodhol-aoraidh, ʼs aig briagadairean bithidh an cuibhrionn aca san lochan, a tha losgadh le teine ʼs le pronnastul: ni is e an darna bàs. 9 Agus thainig fear de na seachd ainglean, aig an robh na cupaichean lan de na seachd plaighean deirionnach, us labhair e rium, a g-radh: Thig, agus fiachaidh mi dhut bean-na-bainnse, céile an Uain. 10 ʼS thug e suas mi ann an spiorad gu beinn mhoir agus aird, us dhʼ fhiach e dhomh am baile naomh Ierusalem a tighinn a nuas á neamh bho Dhia, 11 Agus gloir Dhe aige, ʼsa sholus coltach ri cloich phriseil, mar chloich iaspair, ʼs mar chriostal. 12 ʼS bha balla mor agus ard aige, air an robh dà gheata dhiag; us anns na geatachan dà aingeal dhiag ʼs ainmeannan sgriobhte orra, ʼsiad sin ainmeannan dà threibh dhiag chlann Israil. 13 Air taobh an ear bha tri geatachan, ʼs air an taobh tuath tri geatachan, ʼs air an taobh deas tri geatachan, ʼs air taobh an iar tri geatachan. 14 ʼS aig balla a bhaile bha dà steidh dhiag, us unntasan dà ainm dhiag dà ostal dhiag an Uain. 15 Agus aige-san, a bha labhairt rium, bha tomhas de chuilc òir, gus am baile a thomhas, agus a gheatachan, agus a bhalla. 16 ʼS tha am baile ʼua shuidheachadh ceithir-chearnach, agus tha fhad cho mor ri ʼliad; us thomhais e am baile leis a chuilc òir gu dà mhile dhiag stàd: agus ʼfhad, us ʼairde, agus a liad is aon tomhas daibh. 17 Agus thomhais e am balla ciad agus dàfhichead agus ceithir lamh-choille, tomhas duine, se sin tomhas an aingil. 18 ʼS bha am balla air a thogail de chloich-iaspair; ach bʼ òr glan am baile fhein coltach ri gloine shoilleir. 19 ʼS bha steidhean balla a bhaile sgeimheach leis a h-uile seorsa de chlachan luachmhor. Bʼ i a chiad steidh iaspar; an ath thé, sapphir; an treas té, calcedonics; an ceathramh té, emerald; 20 An coigeamh té, sardonics; an siathamh té, sardius; an seachdamh té, crisolit; an t-ochdamh té, berillus; an naoitheamh té, topas; an deicheamh té, crisoprasus; an aon-té-diag, hiacinthus, an darna-té-diag, amethistus. 21 Agus an dà gheata dhiag bu dà neamhnuid dhiag iad, a h-aon do gach geata: agus bʼ aon gheata gach neamhnuid: agus bʼ òr fior-ghlan straid a bhaile mar ghloine fhior-shoilleir. 22 ʼS cha n-fhaca mi teampull idir ann: oir se an Tighearna Dia uile-chumhachdach a theampull, agus an t-Uan. 23 ʼS cha n-eil feum aig a bhaile air a ghrein, no air a ghealaich gu dearrsadh ann: oir tha gloir Dhe ga shoilleireachadh, agus se a lochran an t-Uan. 24 Agus imichidh na cinnich ʼna sholus; ʼs bheir righrean an talmhuinn an gloir ʼs an urram ga ionnsuidh. 25 ʼS cha dhuinear a gheatachan san latha: oir cha bhi oidhche an sid. 26 Us bheir iad gloir agus onair nan cinneach ga ionnsuidh. 27 Agus cha teid ni truaillidh air bith a stigh ann, no fear a ni graineileachd, no briag, ach iadsan a tha sgriobhte an leabhar beatha an Uain. |