Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 20 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XX. CAIB. Cheangladh satan mile bliadhna: anmannan nam martair a righeachadh maille ri Criosta anns a chiad aiseirigh: ionnsuidh mu dheireadh shatain an aghaidh na h-eaglais: am breitheanas deirionnach.

1 Us chunnaic mi aingeal a tighinn a nuas bho neamh, aig an robh iuchair an t-sluic gun ghrunnd, agus slabhraidh mhor ʼna laimh.

2 ʼS rug e air an dreagon, an t-seann nathair, ris an abrar an deomhan agus satan, agus cheangail e e mile bliadhna;

3 Agus thilg e e anns an t-sloc gun ghrunnd, us dhruid e stigh e, us chuir e seul air, los nach mealladh e tuille na cinnich, gus an coimhlionteadh am mile bliadhna; ʼs ʼnan deigh sin feumar fhuasgladh ùine ghoirid.

4 ʼS chunnaic mi caithrichean, us shuidh iad orra, us thugadh breitheanas dhaibh; agus anmannan nan daoine dhe ʼn tugadh an cinn air son teisteanas Iosa, ʼs air son facal Dhe, ʼs nach tug aoradh do ʼn uilebheist no dha iomhaigh, no nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn no air an lamhan: agus bha iad sin beo, us righich iad maille ri Criosta mile bliadhna.

5 Cha tainig a chuid eile de na mairbh beo, gus na choimhlionadh am mile bliadhna. Se so a chiad aiseirigh.

6 Is beannaichte agus is naomh esan, aig a bheil pàirt anns a chiad aiseirigh: orra sin cha n-eil cumhachd aig an ath bhàs: ach bithidh iad ʼnan sagairt do Dhia ʼs do Chriosta, us righichidh iad maille ris mile bliadhna.

7 ʼS nuair a thig am mile bliadhna gu ceann, fuasglar satan as a phriosan, us theid e mach, us meallaidh e na cinnich, a tha air ceithir chearnan an talmhuinn, Gog us Magog, us tionailidh e ri cheile iad gu cath, ʼs an aireamh mar ghainmheach na mara.

8 Agus chaidh iad suas air liad an talmhuinn, agus chuairtich iad camp nan naomh, agus am baile ionmhuinn.

9 Us thainig teine nuas á neamh bho Dhia, agus sgrios e iad; us thilgeadh an deomhan a bha gam mealladh anns an lochan theine ʼs phronnastuil, far am bi an t-uilebheist.

10 ʼS am faidh-breige air am pianadh a latha ʼsa dhʼ oidhche a chaoidh agus a chaoidh.

11 Us chunnaic mi cathair mhor gheal, agus bho aodann an tì a bha ʼna shuidhe oirre theich talamh agus neamh, agus aite cha dʼ fhuaradh dhaibh.

12 Us chunnaic mi na mairbh, beag agus mor, ʼnan seasamh air bialaobh na cathrach, agus dhʼ fhosgladh na leabhraichean; agus dhʼfhosgladh leabhar eile, se leabhar na beatha: agus thugadh breth air na mairbh bho na nichean a bha sgriobhte sna leabhraichean, a reir an gniomhran.

13 Agus thug a mhuir seachad na mairbh a bhʼ innte; ʼs thug am bàs agus iutharna seachad na mairbh a bhʼ unnta: agus thugadh breth orra, air gach aon a reir ʼoibrichean.

14 Us thilgeadh iutharna ʼs am bàs anns an lochan theine. Se so an darna bàs.

15 Agus co sa bith nach dʼ fhuaradh sgriobhte an leabhar na beatha, thilgeadh e san lochan theine.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan