Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


II. CAIB. Comhairlean ri ʼn toirt do na h-ainglean, no do na h-easbuigean, a tha an Ephesus, an Smima, am Pergamus, agus an Thiatira.

1 Sgriobh gu aingeal eaglais Ephesuis: So na nichean, a tha esan, a tha cumail nan seachd reultan ʼna laimh dheis, a tha g-imeachd am miadhon nan seachd coinnleirean òir, a g-radh:

2 Is aithne dhomh tʼ oibrichean, ʼs do shaothair, agus dʼ fhaighidin, agus nach urrainn dhut cur suas riusan a tha olc; agus chuir thu diachuinn orrasan, a tha g-radh gur ostail iad, ʼs nach eadh; agus fhuair thu briagach iad.

3 Agus tha faighidin agad, ʼs dhʼ fhuilig thu as leth mʼ ainmse, ʼs cha do mheath thu.

4 Ach tha agam ad aghaidh, gun do threig thu do chiad charrantachd.

5 Cuimhnich ma ta co as a thuit thu; us gabh aithreachas, us dian do chiad oibrichean: mur dian, thig mi ort, agus atharraichidh mi do choinnleir as ʼaite, mur gabh thu aithreachas.

6 Ach tha so agad, gum beil fuath agad air dianadasan nan Nicolaiteach, a tha fuathach leamsa cuideachd.

7 Esan aig am beil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean: Dhasan a bhuadhaicheas bheir mi ri icheadh de chraoibh na beatha, a tha ann am pàrras mo Dhia.

8 Agus gu aingeal eaglais Smirna sgriobh: So na nichean a tha a chiad aon, ʼs an t-aon deirionnach, a bha marbh, ʼsa tha beo, a g-radh:

9 Is aithne dhomh do thrioblaid agus do bhochduinn, ach tha thu beairteach; us tha thu faighinn toibheum bhuapa-san, a tha g-radh gur Iudhaich iad fhein, ʼs nach eadh, ach is iad sinagog shatain.

10 Na gabh eagal á ni dhiu sin a tha thu gu fulang. Fiach, tilgidh an deomhan cuid dhibh am priosan, gu diachuinn a chur oirbh; us bithidh sibh ann an càs deich latha. Bi-sa dileas gu bàs, agus bheir mi dhut, crùn na beatha.

11 Am fear aige a bheil cluasan, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean: Am fear a bheir buaidh, cha dhochainnear leis an ath bhàs.

12 Agus gu aingeal eaglais Phergamuis sgriobh: ʼSiad so tha esan, aig a bheil an claidheamh giar dà fhaobharach a g-radh:

13 Is aithne dhomh càite a bheil thu fuireach, far a bheil suidheachan shatain; agus tha thu cumail mʼ ainme, ʼs cha dʼ aicheadh thu mo chreideamh. Agus sin sna ceart laithean anns an robh Antipas ʼna fhianuis dhilis dhomh, a mharbhadh ʼnur measg, far a bheil satan a tamh.

14 Ach tha beagan agam ad aghaidh: a chionn gum beil feadhainn agad an sin a tha cumail teagasg Bhalaaim, a dhʼ ionnsuich do Bhalac ceap-tuislidh a chur romh chlann Israil, iad a dhʼ icheadh, agus striopachas a dhianamh:

15 Agus tha agad mar an ciadna iadsan, a tha cumail teagasg nan Nicolaiteach.

16 Mar an ciadna dian peanas: ʼs mur dian, thig mi ort gu h-ealamh, agus cathaidh mi ʼnan aghaidh le claidheamh mo bheoil.

17 Esan aig am beil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean: Do ʼn fhear a bhuadhaicheas bheir mi manna diomhair, us bheir mi dha clach gheal, ʼs air a chloich ainm ùr sgriobhte, nach aithne do neach sa bith, ach dhasan a gheobh i.

18 Agus gu aingeal eaglais Thiatira sgriobh: ʼSiad so a tha Mac Dhe a g-rach, aig a bheil suilean mar lasair theine, ʼsa chasan coltach ri pràis fhior-ghlain:

19 Is aithne dhomh tʼ oibrichean, agus do chreideamh, agus do charrantachd, agus do fhrithealadh, agus tʼ fhaighidin, agus do ghniomhran deirionnach, a tha nas pailte na do chiad ghniomhran.

20 Ach tha beagan agam ad aghaidh: gum beil thu leigeil leis a bhoirionnach Iesabel, a tha g-radh gur ban-fhaidh i fhein, mo sheirbhisich a theagasg, sa mhealladh gu striopachas a dhianamh, ʼs gu nichean a dhʼ iobradh do iodholan iche.

21 Us thug mi ùine dhi gu peanas a dhianamh; us cha mhath leatha aithreachas a ghabhail as a striopachas.

22 Faic, tilgidh mi ann an leabaidh i; agus bithidh iadsan, a tha dianamh striopachais rithe, an trioblaid ro-mhor, mur gabh iad aithreachas as an gniomhran.

23 Agus marbhaidh mi a clann gu bàs, us bithidh fios aig na h-eaglaisean uile gur mise fear-rannsachaidh nan airnean ʼs nan cridheachan: us bheir mi do gach neach agaibh a reir ur n-oibrichean. Ach tha mi g-radh ribhse,

24 ʼS ri càch uile a tha an Thiatira: Co sam bith, aig nach eil an teagasg so, ʼs dha nach bʼ aithne doimhneachd shatain, mar their iad, nach cuir mi tuilleadh eallaich oirbh:

25 Ach sin a thʼ agaibh cumaibh gu teann gus an tig mi.

26 Us dhasan, a bheir buaidh, ʼsa chumas mʼ oibrichean thun na crìche, bheir mi cumhachd thairis air na cinnich,

27 Agus riaghlaidh e iad le slait iarruinn, agus mar shaghach criadhadair bristear iad,

28 Ceart ʼs mar a fhuair mise bho mʼ Athair; us bheir mi reul na maidne dha.

29 Esan aig a bheil cluas, cluinneadh e ciod a tha an Spiorad a g-radh ris na h-eaglaisean.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan