Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 19 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XIX. CAIB. Tha na naoimh a toirt gloire do Dhia air son a bhreitheanais air an striopaich mhoir: buaidh Chriosta air an uilebheist, ʼs air righrean an talmhuinn.

1 An deigh nan nichean so chuala mi mar ghuth moran sluaigh air neamh, a g-radh: Alleluia: Tha sabhaladh, agus gloir, agus cumhachd dha ʼr Dia:

2 Oir firinneach agus ceart tha bhreitheanasan-sa, a thug breth air an striopaich mhoir, a thruaill an talamh le a striopachas, agus dhiughail e fuil a sheirbhiseach air a laimh:

3 Us thuirt iad a rithist: Alleluia. Agus eiridh a deathach suas a chaoidh ʼsa chaoidh.

4 Agus thuit na ceithir seanairean fichead, ʼs na ceithir beothaichean sios, us thug iad aoradh do Dhia, a tha ʼna shuidhe air a chathair, a g-radh: Amen: Alleluia.

5 ʼS thainig guth bho ʼn chathair, a g-radh: Thugaibh moladh dha ʼr Dia, sibhse a sheirbhisich gu leir; us sibhse anns am beil fhiamh, beag agus mor.

6 Agus chuala mi mar ghuth mor-shluaigh, ʼs mar fhuaim moran uisgeachan, ʼs mar ghuth thairneanach mora, a g-radh: Alleluia: oir righich an Tighearna ar Dia uile-chumhachdach.

7 Bithemid aighearach, ʼs dianamaid aoibhneas, us thugamaid gloir dha: oir thainig posadh an Uain, us dhʼ uidheamaich a chéile i fhein.

8 ʼS thugadh dhi i fhein eideadh le anart finealta, dearrsach agus geal. Oir se an t-anart finealta naomhachd nan naomh.

9 Us thuirt e rium: Sgriobh: Is beannaichte iadsan a fhuair cuireadh gu suipeir bainis an Uain; us thuirt e rium: Tha briathran so Dhe firinneach.

10 Us thuit mi sios aig a chasan gu aoradh a thoirt da. Us thuirt e rium: Fiach nach dian thu e: is mise do cho-sheirbhiseach, ʼs fear dhe do bhraithrean aig a bheil teisteanas Iosa. Thoir aoradh do Dhia. Oir se teisteanas Iosa spiorad na faisneachd.

11 Agus chunnaic mi neamh fosgailte, agus seall each geal, us ghairmteadh esan a bha ʼna shuidhe air Dileas agus Fior, agus le ceartas tha e toirt breth ʼsa cath.

12 Agus mar lasair theine bha shuilean, ʼs air a cheann bha ioma crùn, ʼs bha ainm aige sgriobhte, nach aithne do dhuine air bith ach dha fhein.

13 Agus bha e air eideadh le trusgan breac le fuil; agus se an tʼ ainm a theirear ris, Facal De.

14 Agus lean na h-armailtean a tha air neamh e air eich gheala, sgeadaichte an anart grinn, geal agus glan.

15 Agus a mach as a bhial thainig claidheamh giar dà-fhaobharach, gus na cinnich a bhualadh leis. Us riaghlaidh esan iad le slait iaruinn; agus se tha saltairt amar-fion garg-chorruich Dhe uile-chumhachdaich.

16 Agus air eideadh, ʼs air a leis tha aige sgriobhte: Righ nan righrean, agus tighearna nan tighearnan.

17 Agus chunnaic mi aon aingeal ʼna sheasamh sa ghrein, us dhʼ eigh e le guth ard, a g-radh ris na h-eoin uile, a bha falbh air iteig tromh mhiadhon an athair: Thigibh, tionailibh cruinn gu suipeir mhor Dhe;

18 Gus an ith sibh feoil righrean, us feoil uachdran, us feoil nan treun, us feoil each ʼs na feadhnach a tha nan suidhe orra, us feoil uile shaoranach agus dhaoranach, ʼs nam beag agus nam mor.

19 Us chunnaic mi an t-uilebheist, us righrean an talmhuinn, ʼs an armailtean air an cruinneachadh ri cheile gu cogadh ris-san a bha ʼna shuidhe air an each, ʼs ri armailt-san.

20 Us rugadh air an uilebheist, ʼs air an fhaidh-bhreige maille ris, a rinn comharraidhnean ʼna lathair, leis na mheall e an fheadhainn a ghabh comharradh an uilebheist, ʼsa thug aoradh dha iomhaigh. Thilgeadh an dithis sin beo anns an lochan theine a tha losgadh le pronnastul.

21 Agus mharbhadh a chuid eile leis a chlaidheamh, a thainig a mach as a bhial-san a shuidh air an each; us lionadh na h-eoin uile le ʼm feoil.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan