Taisbeanadh 18 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XVIII. CAIB. Tuiteam Babiloin: righrean us ceannaichean a gal thairis oirre. 1 Agus an deigh nan nichean so chunnaic mi aingeal eile tighinn a nuas bho neamh le cumhachd mhoir; agus rinneadh soilleir an talamh le ghloir. 2 Us dhʼ eigh e le ʼuile neart, a g-radh: Thuit, thuit Babilon mhor; us rinneadh i ʼna h-aros dheomhan, ʼs ʼna garadh a h-uile spioraid neo-ghlain, ʼs ʼna comhnuidh do ʼn h-uile ian neoghlan agus graineil: 3 A chionn gun dʼ ol na cinnidhean uile de dhʼ fhion fearg a striopachais, agus rinn righrean an talmhuinn striopachas rithe, us rinneadh ceannaichean an talmhuinn beairteach le miad a soghalachd. 4 Us chuala mi guth eile bho neamh, a g-radh: Gabhaibh a mach aiste, mo phobuill, air chor ʼs nach bi sibh ʼnur luchd-comhphairt a h-i eucoirean, ʼs nach faigh sibh dhe a plaighean. 5 Oir rainig a peacannan gu ruig neamh, agus chuimhnich an Tighearna a h-eucoirean. 6 Thugaibh dhi mar thug ise dhuibhse; us dublaibh dhi dubailte a reir a gniomhran: ʼsa chupa anns na mheasgaich i, measgaichibh dhi an dubladh. 7 A mhiad ʼsa ghloraich i i fhein, ʼsa chaith i a beatha an soighneas, urad ʼs sin thugaibh dhi de phianadh agus de bhròn: a chionn gum beil i cantuinn ʼna cridhe: Tha mi na mʼ shuidhe na mʼ bhanrighn; ʼs cha bhantrach mi; agus cha n-fhaic mi bròn. 8 Uime sin thig a plaighean an aon latha, am bàs, agus bròn, agus gorta, ʼs loisgear i le teine: a chionn tha Dia cumhachdach, a bheir breth oirre. 9 Agus righrean an talmhuinn, a rinn striopachas rithe, agus a chaith am beatha an sogh maille rithe, ni iad gal us caoidh thairis oirre, nuair a chi iad smuid a losgaidh: 10 A seasamh fad as le eagal a doruinne, a g-radh: Och, och am baile mor ud, Babilon, am baile laidir ud: oir ann ari aon uair thainig do bhreitheanas ort. 11 Agus ni ceannaichean an talmhuinn gal agus tursa thairis oirre: oir cha cheannaich duine am bathar tuilleadh: 12 Bathar de dhʼ òr, ʼs de dhʼ airgiod, ʼs de chlachan priseil, ʼs de neamhnuidean, ʼs de dhʼ anart grinn, ʼs de phurpur, ʼs de shioda, ʼs de sgarlaid, (ʼsa h-uile seorsa fhiodha thìne, ʼsa h-uile seorsa shaghaichean ibhori, ʼsa h-uile seorsa shaghaichean de chlachan priseil, ʼs de phràis, ʼs de dhʼ iarunn, ʼs de mharmor, 13 Agus canal), ʼs de bholtraichean, ʼs de dhʼ ungaidhnean, ʼs de thùis, ʼs de dhʼ fhion, ʼs de dhʼ ola, ʼs de chruithneachd, ʼs de fhlùr, ʼs de dhʼ ainmhidhean-làid, ʼs de chaoraich, ʼs de dhʼ eich, ʼs de charbadan, ʼs de thraillean, agus de anmannan dhaoine. 14 Agus meas miann tʼ anma threig iad thu, agus uile nichean reamhra agus matha, bhàsaich iad bhuat, ʼs cha n-eil iad ri ʼm faighinn tuille. 15 Ceannaichean nan nichean so, a rinneadh beairteach, seasaidh iad fad as bhuaipe le eagal a doruinne, a caoidh, ʼsa gal, 16 Agus a g-radh: Och, och am baile mor ud, a bha air eideadh le anart grinn, ʼs le purpaidh, ʼs le sgarlaid, ʼsa bha air a dhealrachadh le òr, ʼs le clachan luachmhor, ʼs le neamhnuidean: 17 Oir an aon uair thainig beartas cho mor gu neoni; ʼta h-uile maighistir luing, ʼs gach fear a tha seoladh air loch, agus maraichean, ʼsa mhiad ʼsa tha ri saothair air fairge, sheas iad fad as, 18 Agus ghlaodh iad, a faicinn aite a losgaidh, a g-radh: Co am baile a tha coltach ris a bhaile mhor so? 19 Agus chuir iad duslach air an cinn, us ghlaodh iad a g-acain, ʼsa baoidh, a g-radh: Och, och am baile mor ud, anns an dʼ rinneadh beairteach le phrisean iadsan uile aig an robh saghaichean air muir: oir an aon uair chreachadh e. 20 Dian gairdeachas fos a chionn, a neamh, agus sibhse ostail naomh a agus fhaidhean: oir leag Dia binn ur breitheanais air. 21 Us thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhoir, us thilg e anns a mhuir i, a g-radh: Le urchair mar so tilgear sios Babilon, am baile mor sin, us tuilleadh idir cha n-fhaighear i. 22 Agus guth chlarsair, us luchd-ciuil, us luchd-seinn air piob ʼs air trombaid, cha chluinnear tuille unnad; agus fear-ceairde de cheaird air bith, cha n-fhaighear tuille unnad; agus fuaim muillinn cha chluinnear unnad tuille; 23 Us solus lochrain cha soillsich unnad tuille; us guth fear-na-bainnse agus bean-na-bainnse, cha chluinnear unnad nas mua: oir bʼ iad do cheannaichean daoine mora an talmhuinn, oir chaidh na cinnidhean uile air iomrall le do dhraoitheachdan. 24 Agus fhuaradh innte fuil fhaidhean us naomh, agus dhiusan uile a mharbhadh air an talamh. |