Taisbeanadh 17 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XVII. CAIB. An striopach mhor, agus an t-uilebheist air a bheil i ʼna suidhe. 1 Agus thainig a h-aon de na seachd ainglean, aig an robh na seachd cupaichean, us labhair e rium, a g-radh: Thig, us fiachaidh mi dhut diteadh na striopaiche mòire, a tha ʼna suidhe air moran uisgeachan, 2 Ris an dʼ rinn righrean an talmhuinn striopachas, us chuireadh iadsan, a tha tamh air an talamh, air mhisg le fion a siursachd. 3 ʼS thug e mi anns an spiorad do ʼn fhasach. Agus chunnaic mi boirionnach ʼna suidhe air uilebheist air dhath sgarlaide, lan ainmeannan toibheum, air an robh seachd cinn ʼs deich adhaircean. 4 ʼS bha am boirionnach sgeadaichte mun cuairt le purpur, agus le sgarlaid, agus dealtraichte le òr, ʼs le clachan priseil, ʼs le leugan, agus cupa òir aice ʼna laimh lan de thruailleachd ʼs de shalachar a striopachais; 5 ʼS air a bathais bha ainm sgriobhte: Mistire: Babilon mhor, mathair striopachasan agus truailleachdan an talmhuinn. 6 Agus chunnaic mi am boirionnach air mhisg le fuil nan naomh, ʼs le fuil martairean Iosa. Agus ghabh mi iongantas, air dhomh a faicinn, le mor ioghnadh. 7 Us thuirt an t-aingeal rium: Car-son a tha iongantas ort? Innsidh mi dhut mistire a bhoirionnaich, ʼs na beiste a tha ga giulan, air a bheil na seachd cinn ʼs na deich adhaircean. 8 An t-uilebheist a chunnaic thu, bha e, ʼs cha n-eil, us tha e gu eirigh a nuas as an t-sloc gun ghrunnd, agus theid e gu leir-sgrios; us gabhaidh luchd-comhnuidh an talmhuinn (aig nach eil an ainmeannan sgriobhte an leabhar na beatha bho chruthachadh an t-saoghail) iongantas ri faicinn an uilebheist a bha, ʼs nach eil ann. 9 Agus se so an seagh anns a bheil gliocas. ʼSiad na seachd cinn seachd monaidhnean, air a bheil am boirionnach ʼna suidhe, agus is seachd righrean iad. 10 Thuit coig, tha h-aon a lathair, ʼs am fear eile cha tainig fhathast; ʼs nuair a thig, cha n-fhaod e fuireach ach goirid. 11 Agus an t-uilebheist a bha, ʼs nach eil ann, se an t-ochdamh, agus ʼsann de na seachd e, us theid e gu leir-sgrios. 12 Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, is deich righrean iad, nach dʼ fhuair fhathast rioghachd, ach gheobh iad cumhachd aon uair an deigh an uilebheist. 13 Tha iad so a dhʼ aon aigne, us liubhraidh iad an neart ʼs an cumhachd seachad do ʼn uilebheist. 14 Cogaidh iad so ris an Uan, us bheir an t-Uan buaidh orra: a chionn gur e Tighearna nan tighearnan, us Righ nan righrean, ʼs tha iadsan, a tha maille ris, air an gairm, ʼs air an taghadh, agus dileas. 15 Us thuirt e rium: Na h-uisgeachan a chunnaic thu, air a bheil an striopach ʼna suidhe, is sluaghan, agus fineachan, agus teangannan iad. 16 ʼS na deich adhaircean, a chunnaic thu air a bheist, bheir iad fuath do ʼn striopaich, us creachaidh iad i, us ruisgidh iad i, us ithidh iad a feoil, agus loisgidh iad i fhein le teine. 17 Oir chuir Dia ʼnan cridhe, gun dian iad ni sa bith a thoilicheas e, gun toir iad an rioghachd do ʼn uilebheist gus an coimhlionar facail Dhe. 18 Agus am boirionnach a chunnaic thu, si am baile mor i, aig a bheil rioghachd thairis air righrean an talmhuinn. |