Taisbeanadh 16 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XVI. CAIB. Dortadh nan seachd cupaichean; ʼs na plaighean a lean ʼnan lorg. 1 Agus chuala mi guth mor as an teampull a cantuinn ris na seachd ainglean: Falbhaibh, us taomaibh a mach seachd cupaichean fearg Dhe air an talamh. 2 Us dhʼ fhalbh a chiad fhear, us thaom e mach a chupa air an talamh, agus thuit lot goirt agus cràiteach air na daoine air an robh comharradh an uilebheist, agus orrasan a thug aoradh dha iomhaigh. 3 Agus thaom an darna aingeal a chupa sa mhuir, us chinn i ʼna fuil, mar fhuil duine mhairbh; us bhàsaich a h-uile h-anam beo sa mhuir. 4 Agus thaom an treas fear a chupa air na h-aibhnichean, ʼs air na tobraichean uisge; us rinneadh iad ʼnam fuil. 5 Us chuala mi aingeal nan uisgeachan a g-radh: Tha thu ceart, a Thighearna, a tha, ʼsa bha, an t-aon naomh, a bhreithnich na nichean so: 6 Oir dhoirt iad fuil nan naomh ʼs nam faidhean, us thug thusa dhaibh fuil ri ol: ʼs gun do thoill iad sin. 7 Us chuala mi a h-aon eile bho ʼn altair, a g-radh: Seadh, a Thighearna Dhia uile-chumhachdaich, is firinneach agus ceart do bhreitheanasan. 8 Agus thaom an ceathramh aingeal a chupa air a ghrein: ʼs thugadh comas dha daoine a chràdh le teas agus le teine; 9 ʼ S bha daoine air an losgadh le teas mor, us thug iad toibheum do ainm Dhe, aig an robh cumhachd thairis air na plaighean sin, ʼs cha mhua rinn iad peanas gu gloir a thoirt dha. 10 Agus thaom an coigeamh aingeal a chupa air suidheachan an uilebheist; agus dhʼ fhàs a rioghachd dorcha, agus chagainn iad an teangannan le cràdh; 11 ʼS thug iad toibheum do Dhia neamh as leth an doruinnean ʼs an lotan, ʼs cha dʼ rinn iad peanas as leth an oibrichean. 12 Agus thaom an siathamh aingeal a chupa air an abhuinn mhoir sin Euphrates, us thiormaicheadh suas a h-uisge, gu rathad a reiteachadh do na righrean bho eirigh na greine. 13 Us chunnaic mi á bial an dreagoin, ʼs á bial an uilebheist, agus á bial an fhaidh-bhreige, tri spioraid neoghlan an coltas losgainn. 14 Oir is spioraid dheomhan iad, a dianamh chomharran, agus tha iad a dol a mach gu righrean an talmhuinn uile, gus an tional cruinn gu cath mu choinneamh latha mor an De uile-chumhachdaich. 15 Seall, thig mi mar mheirleach. Is beannaichte esan a ni faire, ʼsa ghleidheas a thrusgan, air chor ʼs nach imich e ruisgte, ʼs gum faicear a nàire. 16 Us tionailidh e iad ri cheile ann an aite, ris an abrar san Eabhra Armagedon. 17 Agus thaom an seachdamh aingeal a chupa san athar, us thainig guth mor as an teampull bho ʼn chathair, a g-radh: Tha e diante. 18 ʼS bha dealanaich ann, us guthan, us tairneanaich; ʼs bha crith-thalmhuinn mhor ann, nach robh riamh a leithid bhon a bha daoine air an talamh, a leithid de chrith-thalmhuinn cho mor. 19 Us rinneadh am baile mor ʼna thri earannan; agus thuit bailtean nan cinneach: ʼs thainig Babilon mhor an cuimhne air bialaobh Dhe, gu cupan-fion fraoch fheirge a thoirt dhi. 20 Agus theich a h-uile eilean air falbh, agus na beanntan cha dʼ fhuaradh. 21 Agus thuit clachan-meallain mora mar thàlann bho neamh air daoine; ʼs thug daoine toibheum do Dhia as leth plaigh nan clachan-meallain: oir bha i anabarrach mor. |