Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 15 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XV. CAIB. Tha an fheadhainn, a thug buaidh air an uilebheist, a toirt gloire do Dhia: na seachd ainglean leis na seachd cupaichean.

1 Us chunnaic mi comharradh eile air neamh, mor agus iongantach: seachd ainglean aig an robh na seachd plaighean deirionnach: oir unnta so tha fearg Dhe air a coimhlionadh.

2 Us chunnaic mi mar mhuir de ghloine measgaichte le teine, us iadsan a thug buaidh air an uilebheist, ʼs air ʼiomhaigh, ʼs air aireamh ʼainme, ʼnan seasamh air a mhuir ghloine, agus clarsaichean Dhe aca;

3 ʼSa seinn laoidh Mhaois, seirbhiseach Dhe, us laoidh an Uain, a g-radh: Mor agus iongantach tha tʼ oibrichean, a Thighearna Dhia uile-chumhachdaich; ceart agus fior tha do shlighean, a Righ nan linntean.

4 Co nach gabh eagal romhad, a Thighearna, ʼs nach mol tʼ ainm? Oir is tusa ad aonar a tha naomh: oir thig a h-uile cinneadh, us bheir iad aoradh na dʼ lathair, a chionn gum beil do bhreitheanasan follaiseach.

5 Agus an deigh sin choimhead mi, agus, seall, dhʼ fhosgladh teampull paillion an teisteanais air neamh;

6 Agus thainig na seachd ainglean a mach as an teampull, aig an robh na seachd plaighean, ʼs iad air an eideadh le anart glan agus geal, us crioslaichte mu ʼn uchd le criosan òir.

7 ʼS thug a h-aon de na ceithir beothaichean dha na seachd ainglean seachd cupaichean òir, lan de dhʼ fheirg Dhe, a tha beo fad linn nan linntean.

8 ʼS lionadh an teampull le deathaich bho mhoralachd Dhe, agus bho chumhachd; ʼs cha bʼ urrainn do dhuine air bith dol a stigh do ʼn teampull, gus na choimhlionadh seachd plaighean nan seachd aingeal.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan