Taisbeanadh 14 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XIV. CAIB. Mu ʼn Uan ʼs na h-oighean a tha ga leanail: mu ʼn bhreitheanas a thig air na daoine mollaichte. 1 Agus chunnacas leam: agus, seall, bha Uan ʼna sheasamh air beinn Shioin, us maille ris ciad ʼs dàfhichead ʼs ceithir mile, air an robh ainm fhein, ʼs ainm ʼAthar, sgriobhte air clar an aodainn. 2 Agus chuala mi guth bho neamh, mar fhuaim moran uisgeachan, ʼs mar fhuaim tairneanaich mhoir; agus bha an guth a chuala mi mar ghuth chlarsairean ri clarsaireachd air an clarsaichean. 3 Us sheinn iad mar gum bʼ e laoidh ùr air bialaobh na cathrach, ʼs nan ceithir beothaichean, ʼs nan seanairean; ʼs cha bʼ urrainn do dhuine air bith an laoidh a sheinn, ach an ciad, an dà fhichead, ʼs na ceithir mile sin, a cheannaicheadh bho ʼn talamh. 4 ʼSiad sin iadsan nach do thruailleadh le boirionnaich: oir is oighean iad. Tha iad so a leantuinn an Uain, ge bʼ e taobh an teid e. Chaidh iad so a cheannach bho mheasg dhaoine ʼnan ciad thoradh do Dhia ʼs do ʼn Uan. 5 ʼS ʼnam bial cha dʼ fhuaradh briag: oir tha iad gun smal air bialaobh righ-chathair Dhe. 6 Agus chunnaic mi aingeal eile a falbh air iteig tromh mhiadhon neamh, aig an robh an soisgeul siorruidh gus a shearmonachadh dhaibh-san, a tha ʼnan suidhe air an talamh, ʼs thairis air gach cinneadh, agus fine, agus teangaidh, agus sluagh: 7 A g-radh le guth ard: Biodh eagal an Tighearna oirbh, us thugaibh onair dha: a chionn gum beil uair a bhreitheanais air tighinn; agus thugaibh aoradh dhasan, a rinn neamh, agus talamh, a mhuir, agus na tobraichean uisge. 8 ʼS lean aingeal eile, a g-radh: Thuit, thuit a Bhabilon mhor ud, a thug air na cinnich uile ol de dhʼ fhion fearg a striopachais. 9 Agus lean an treas aingeal iad, a g-radh le guth ard: Ma bheir duine air bith aoradh do ʼn uilebheist, ʼs dha iomhaigh, ʼs ma ghabhas e a chomharradh air aodann, no air a laimh: 10 Olaidh esan de dhʼ fhion fearg Dhe, a tha measgaichte le fior fhion ann an cupa fheirge, agus pianar e le teine ʼs le pronnastul an lathair nan aingeal naomh, agus an lathair an Uain; 11 Agus eiridh toit an doruinn suas a chaoidh agus a chaoidh; agus fois cha n-eil a latha no dhʼoidhche aca-san, a thug aoradh do ʼn uilebheist ʼs dha iomhaigh, no aig aon a ghabhas comharradh ʼainme. 12 So far a bheil faighidin nan naomh, a tha cumail faintean Dhe agus creideamh Iosa. 13 Us chuala mi guth bho neamh a cantuinn rium: Sgriobh: Is beannaichte na mairbh a chaochlas san Tighearna. A so suas, os an Spiorad, gun gabh iad fois bho ʼn saothair: oir leanaidh an oibrichean iad. 14 Agus chunnaic mi, us seall nial geal; us neach ʼna shuidhe air an nial coltach ri Mac an duine, agus air a cheann bha crùn òir, us speal ghiar ʼna laimh. 15 Us thainig aingeal eile a mach as an teampull, a glaodhaich le guth ard ris-san a bha ʼna shuidhe air an nial: Sparr a stigh do speal, us buain, oir tha uair na buana air tighinn, ʼs gum beil faghar an talmhuinn abuich. 16 Us sparr esan, a bha ʼna shuidhe air an nial, a speal san talamh, agus bhuaineadh an talamh. 17 Us thainig aingeal eile mach as an teampull a tha air neamh, aige-san cuideachd bha speal ghiar. 18 Us thainig aingeal eile mach as an altair, aig an robh cumhachd thairis air teine; us dhʼ eigh e le guth ard ris-san aig an robh an speal ghiar, a g-radh: Sparr a stigh do speal ghiar, agus buain bagaidean fionlios an talmhuinn; oir tha a dhearcan-fiona abuich. 19 Agus sparr an t-aingeal a speal ghiar san talamh, us bhuain e fionlios an talmhuinn, us thilg e e ann am fion-amar mor fearg Dhe; 20 Agus shaltradh am fion-amar taobh-mach a bhaile, agus thainig fuil a mach as an amar suas gu ruig strianan nan each, fad mile us sia ciad stàd. |