Taisbeanadh 13 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XIII CAIB. Uilebheist nan seachd ceann, agus an darna uilebheist. 1 Agus chunnaic mi uilebheist a tighinn a nuas as a mhuir, aig an robh seachd cinn agus deich adhaircean, ʼs air ʼadhaircean deich crùintean, ʼs air a chinn ainmeannan blaisbheuma. 2 ʼ S bha an t-uilebheist a chunnaic mi coltach ri liopard, ʼs bha chasan mar chasan mhathghamhna, ʼsa bhial mar bhial leomhain. Agus thug an dreagon dha a neart fhein, ʼsa chumhachd mhor. 3 Us chunnaic mi fear de a chinn mar air a lot gu bàs, us leighiseadh a lot-bàis. Agus bha an talamh uile fo ioghnadh an deigh an uilebheist. 4 ʼS thug iad aoradh do ʼn dreagon, a thug cumhachd do ʼn uilebheist; ʼs thug iad aoradh do ʼn uilebheist, a g-radh: Co tha coltach ris an uilebheist? us co is urrainn cath ris? 5 Agus thugadh dha bial a labhairt nichean mora, agus bhlaisbheuman; ʼs thugadh cumhachd dha oibreachadh dàfhichead mios agus a dhà. 6 ʼS dhʼ fhosgail e bhial ann am blaisbheuman an aghaidh Dhe, gu toibheum a thoirt dha ʼainm, ʼs dha phaillinn, agus dhaibh-san a tha tamh air neamh. 7 Us thugadh comas dha cogadh a dhianamh an aghaidh nan naomh, ʼs buaidh a thoirt orra. Us thugadh cumhachd dha thairis air gach fine, us sluagh, us teanga, us cinneadh; 8 Agus thug iadsan uile, a tha tamh air talamh, aoradh dha, aig nach eil an ainmeannan sgriobhte an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh bho thoiseach an t-saoghail. 9 Ma tha cluas aig duine, eisdeadh e. 10 Esan a bheir am braighdeanas, theid e fhein am braighdeanas; esan a mharbhas leis a chlaidheamh, is dual da fhein a bhith air a mharbhadh leis a chlaidheamh. So far a bheil faighidin, agus creideamh nan naomh. 11 Agus chunnaic mi uilebheist eile a g-eirigh suas as an talamh, ʼs bha dà adhairc air coltach ri uan, ʼs bha e labhairt mar dhreagon. 12 Us chuir e an gniomh uile chumhachd a chiad uilebheist ʼna lathair; ʼs thug e air an talamh, us orrasan a tha tamh air, aoradh a thoirt do ʼn chiad uilebheist, dha ʼn do leighiseadh a lot-bàis. 13 Agus rinn e comharraidhnean mora, ionnus gun tug e air teine tighinn a nuas bho neamh gu talamh an sealladh dhaoine. 14 Us mheall e iadsan, a tha tamh air an talamh, leis na comharraidhnean a thugadh dha ri ʼn dianamh an lathair an uilebheist, a g-radh ri luchd-àiteachaidh an talmhuinn iad a dhianamh iomhaigh do ʼn uilebheist air a bheil lot a chlaidhimh, ʼsa dhʼ fhan beo. 15 ʼS thugadh dha, gun deach aige air beatha a thoirt do dhʼ iomhaigh an uilebheist, ʼs gum bruidhneadh iomhaigh an uilebheist; ʼs gun coisneadh e gun rachadh neach air bith nach tugadh aoradh do dhʼ iomhaigh an uilebheist a mharbhadh. 16 ʼS bheir e orra uile, beag us mor, beairteach us bochd, saoranach us daoranach, comharradh a bhith aca air an deas laimh, no air clar an aodainn: 17 Agus nach fhaodadh neach air bith ceannach no reic, ach am fear air am beil comharradh, no ainm an uilebheist, no aireamh ainme. 18 So far a bheil gliocas. Am fear aig a bheil tuigse, cunntadh aireamh an uilebheist. Oir is aireamh duine e: agus se ʼaireamh sia ciad tri-fichead agus sia. |