Taisbeanadh 12 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XII. CAIB. Taisbeanadh a bhoirionnaich a bha air a h-eideadh leis a ghrein, ʼs an dreagoin mhoir a bha dianamh geur-leanmhuinn oirre. 1 Us chunnacas comharradh mor air neamh: Boirionnach air a h-eideadh leis a ghrein, ʼsa ghealach fo a casan, agus crùn de dhà reil dhiag air a ceann. 2 Agus bha i glaodh, ʼs i lethtromach, ri saothair-chloinne, agus bha i ann an cràdh gu bhith air a h-aisead. 3 Agus chunnacas comharradh eile air neamh: us seall dreagon mor dearg, aig an robh seachd cinn, us deich adhaircean; agus air a chinn seachd crùintean; 4 Agus tharruinn ʼearball leis an treas cuid de reultan neamh, us thilg e air an talamh iad; us sheas an dreagon air bialaobh a bhoirionnaich a bha ri h-aisead, los, nuair a bheireadh i, gun slugadh e suas a mac. 5 Us rug i leanabh gille, a bha gu riaghladh nan uile chinneach le slait iaruinn; agus ghlacadh a mac suas gu Dia, ʼs gu chathair, 6 ʼS theich am boirionnach do ʼn fhàsach, far na dheasaicheadh aite dhi le Dia, gus iad ga beathachadh mile dà chiad ʼs tri fichead latha. 7 Agus bha cath mor air neamh: chath Micheil us ʼainglean ris an dreagon, agus chath an dreagon agus ʼainglean; 8 ʼS cha deach e leo, ʼs cha mhua fhuaradh an aite tuilleadh air neamh. 9 Agus thilgeadh a mach an dreagon mor sin, an t-seann nathair, ris an abrar an deomhan us satan, a tha mealladh an t-saoghail uile; ʼs chaidh a thilgeil gu talamh, agus chuireadh sios a chuid ainglean comhla ris. 10 Us chuala mi guth ard air neamh, a g-radh: A nis thainig sabhaladh, us neart, us rioghachd ar De-ne, agus cumhachd a Chriost-san: a chionn gun do thilgeadh a mach fear-casaid ar braithrean, a bha dianamh casaid orra a latha ʼsa dhʼ oidhche an lathair ar De-ne. 11 Agus bhuadhaich iad air tromh fhuil an Uain, ʼs tromh fhacal an teisteanais, ʼs cha tug iad gaol dha ʼm beatha gu ruig am bàs. 12 Biodh aoibhneas ort ma ta, a neamh, us oirbhse a tha tamh air. Mo thruaighe an talamh ʼsa mhuir: a chionn gun tainig an deomhan a nuas oirbh, agus mor fhearg air, us fios aige nach eil ach ùine ghoirid aige. 13 ʼS nuair a chunnaic an dreagon gun do thilgeadh gu talamh e, rinn e geur-leanmhuinn air a bhoirionnach, a rug an leanabh gille; 14 ʼS thugadh do ʼn bhoirionnach dà sgéith iolaire mòire, gus i dhʼ fhalbh air iteig do ʼn fhasach gu h-aite fhein, far am beathaichear i car time, agus tìmean, agus leth thìme, bho aodann na nathrach. 15 Agus thaom an nathair as a bial uisge, mar abhuinn, an deigh a bhoirionnaich, gu toirt oirre a bhith air a giulan air falbh leis an abhuinn. 16 ʼS chuidich an talamh leis a bhoirionnach, us dhʼ fhosgail an talamh a bhial, agus thraogh e an abhuinn, a thaom an dreagon as a bhial. 17 ʼS ghabh an dreagon fearg ris a bhoirionnach; agus dhʼ fhalbh e a chur catha ris a chuid eile dhe siol, a tha cumail faintean Dhe, ʼs aig a bheil teisteanas Iosa Criosta. 18 Agus sheas e air gainmheach na mara. |