Taisbeanadh 10 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875X. CAIB. Guth aingil threin: thugadh an leabhar dha gus ithe. 1 Agus chunnaic mi aingeal treun eile a tighinn a nuas bho neamh, sgeadaichte le nial, ʼs bogha-frois air a cheann, agus bha aodann mar a ghrian, ʼsa chasan mar phuist theine; 2 ʼS bha leabhar beag fosgailte aige ʼna laimh; us chuir e a chas dheas air a mhuir, ʼsa chas chli air an talamh; 3 Agus ghlaodh e le guth ard, mar a bheuchdas leomhan. ʼS an deigh dha eigheach, labhair seachd tairneanaich an guthan. 4 ʼS nuair a labhair na seachd tairneanaich an guthan, bha mi dol a theannadh ri sgriobhadh: agus chuala mi guth bho neamh a g-radh rium: Seul na nichean a labhair na seachd tairneanaich, ʼs na sgriobh iad. 5 Agus thog an t-aingeal, a chunnaic mi ʼna sheasamh air a mhuir ʼs air an talamh, suas a lamh dheas gu neamh; 6 Us mhionnaich e air-san, a tha beo a chaoidh nan caoidhean, a chruthaich neamh ʼs na nichean a thʼ ann, agus an talamh ʼs na nichean a thʼ ann, agus a mhuir ʼs na nichean a thʼ innte: Nach bi tìm ann tuille: 7 Ach ri laithean guth an t-seachdamh aingil, nuair a theannas e ris an trombaid a sheideadh, bithidh mistire Dhe air a lan-choimhlionadh, mar a theagaisg e le sheirbhisich na faidhean. 8 Agus chuala mi rithist guth bho neamh a labhairt rium, ʼsa g-radh: Rach, us gabh an leabhar a tha fosgailte á laimh an aingil, a tha ʼna sheasamh air a mhuir ʼs air an talamh. 9 Agus chaidh mi dhʼ ionnsuidh an aingil a g-radh ris, e thoirt dhomh an leabhair. Us thuirt e rium: Gabh an leabhar, us ich e; us ni e do bhru searbh, ach na dʼ bhial bithidh e cho blasda ri mil. 10 ʼS ghabh mi an leabhar á laimh an aingil, us shluig mi sios e; agus bha e na mʼ bhial cho blasda ri mil, ʼs nuair dhʼ ich mi e, rinneadh mo bhruth searbh. 11 Us thuirt e rium: Feumaidh tu faisneachd a dhianamh fhathast do dhʼ ioma cinneadh, agus sluagh, agus teangadh, agus righ. |