Taisbeanadh 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875I. CHAIBIDEAL. Tha Eoin a faighinn orduigh sgriobhadh thun nan seachd eaglaisean, a tha ann an Asia: an doigh air am facas Criosta leis. 1 Taisbeanadh Iosa Criosta, a thug Dia dha a shoilleireachadh dha sheirbhisich nan nichean, a dhʼ fheumas tachairt gu h-aithghearr: ʼsa dhʼ fhiach e, le aingeal fhein a chur gu sheirbhiseach Eoin, 2 A thug teisteanas air facal Dhe, agus teisteanas Iosa Criosta, gach ni a chunnaic e. 3 Is beannaichte esan a leughas, ʼsa dhʼ eisdeas ri facail na faisneachd so, ʼsa chumas na nichean sin, a tha sgriobhte innte: oir tha an t-àm dluth. 4 Eoin thun nan seachd eaglaisean a thʼ ann an Asia. Grasan gun robh dhuibhse agus sith bhuaithe-san, a tha, ʼsa bha, ʼsa tha ri tighinn; agus bho na seachd spioraid, a tha air bialaobh a chathrach; 5 Agus bho Iosa Criosta, an fhianuis dhileas, ciadghin nam marbh, agus prionns righrean an talmhuinn, a thug gaol duinn, ʼsa ghlan sinn bho ʼr peacannan ʼna fhuil fhein, 6 ʼSa rinn sinn ʼnar rioghachd agus ʼnar sagairt do Dhia agus dha ʼAthair: dha-san gun robh gloir us rioghachd fad shaoghal nan saoghal. Amen. 7 Faic, tha e tighinn leis na neoil, agus chi a h-uile suil e, us iadsan cuideachd a lot e. Agus guilidh treibhean an talmhuinn uile air an son fhein as a leth: Mar sin biodh. Amen. 8 Is mise Alpha agus Omega, an toiseach ʼs an deireadh, os an Tighearna Dia: an t-Uile-chumhachdach, a tha, ʼsa bha, ʼsa tha ri tighinn. 9 Bha mise, Eoin, ur brathair, ʼs ur companach ann an trioblaid, agus ann an rioghachd, ʼs ann am faighidin Iosa Criosta, ann an eilein ris an abrar Patmos, air son facal De, agus air son teisteanas Iosa. 10 Bha mi anns an spiorad air latha an Tighearna, us chuala mi air mo chulaobh guth mor mar de thrombaid, 11 A g-radh: Na tha thu faicinn sgriobh ann an leabhar; agus cuir thun nan seachd eaglaisean, a tha ann an Asia, gu Ephesus, agus gu Smirna, agus gu Pergamus, agus gu Thiatira, agus gu Sardis, agus gu Philadelphia, agus gu Laodicéa. 12 Agus thionndaidh mi gus an guth fhaicinn, a bha labhairt rium: ʼs air tionndadh dhomh, chunnaic mi seachd coinnleirean òir; 13 Agus am miadhon nan seachd coinnleirean òir a h-aon coltach ri Mac an duine, air eideadh le culaidh sios gu chasan, agus crioslaichte mu chiochan le crios òir; 14 ʼS bha cheann agus fhalt soilleir, mar chloimh ghil, agus mar shneachda; ʼs bha shuilean mar lasair theine; 15 ʼS bha chasan coltach ri prais ghlain, mar ann an àmhuinn laiste; agus bha ghuth mar fhuaim moran uisgeachan; 16 Agus bha aige ʼna laimh dheis seachd reultan; agus a mach as a bhial thainig claidheamh giar dà-fhaobharach; agus bha aodann mar a ghrian a dearrsadh ʼna neart. 17 ʼS nuair a chunnaic mi e, thuit mi aig a chasan, mar gum bʼ ann marbh. Us chuir e a lamh dheas orm, a g-radh: Na gabh eagal: Is mise a chiad aon agus an t-aon deirionnach, 18 ʼS tha mi beo, agus bha mi marbh, us faic is beo mi a chaoidh nan caoidhean, agus tha iuchraichean a bhàis agus iutharna agam. 19 Sgriobh ma ta na nichean a chunnaic thu, ʼsa tha ann, ʼsa dhʼ fheumas a bhith diante an deigh so. 20 Run-diomhair nan seachd reultan, a chunnaic thu na mʼ laimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir: na seachd reultan, ʼsiad ainglean nan seachd eaglaisean; agus na seachd coinnleirean, ʼsiad na seachd eaglaisean. |