Seumas 4 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875IV. CAIB. Na h-uilc a tha tighinn bho gheilleadh do dhʼ ana-miannan, ʼs bho bhith ʼnar cairdean do ʼn t-saoghal so: comhairlean an aghaidh ardain, culchainnte, &c. 1 Co as a tha cogaidhean us comhstrithean ʼnur measg? Nach ann bho so? bho ʼr n-ana-miannan, a tha cogadh ʼnur buill? 2 Tha sibh a sanntachadh, ʼs cha n-eil dad agaibh; tha sibh ri murt ʼs lan farmaid, ʼs cha n-eil dol agaibh air faighinn; tha sibh ri consachadh ʼs ri cogadh, agus cha n-eil a bheag agaibh, a chionn nach eil sibh a g-iarraidh. 3 Tha sibh a g-iarraidh, ʼs cha n-eil sibh a faighinn, a thaobh gum beil sibh a g-iarraidh gu h-olc; los a bhuileachadh air ur n-ana-miannan. 4 Adhaltraiche, nach fhios dhuibh gum beil cairdeas an t-saoghail so ʼna namhaid do Dhia? Uime sin co air bith leis an toil a bhith ʼna charaid do ʼn t-saoghal so, tha e ʼna namhaid do Dhia. 5 No bheil sibh a saoilsinn guin beil an Sgriobtur a g-radh gu diomhain: Gu eud tha an spiorad, a tha tamh unnaibh, a sanntachadh? 6 Ach tha e toirt seachad ghrasan nas mua. As leth sin tha e g-radh: Tha Dia cur an aghaidh nan uaibhreach, ʼsa toirt ghrasan do na h-iriosail. 7 Uime sin bithibh umhailt do Dhia, us cuiribh an aghaidh an deomhain, agus teichidh e bhuaibh. 8 Dluthaichibh ri Dia, us dluthaichidh e ribh. Nighibh ur lamhan, a pheacaich; agus glanaibh ur cridheachan, a luchd-na-h-inntinne dubailte. 9 Leigibh air bròn, ʼs air caoidh, ʼs air gal; biodh ur gàire air a thionndadh gu tùrsa, agus ur n-aighear gu mulad. 10 Islichibh sibh fhein an lathair an Tighearna, agus ardaichidh e sibh. 11 Na bithibh ri culchainnt air a cheile, a bhraithrean. Esan a tha cul-chaineadh a bhrathar, no a tha toirt breth air a bhrathair, tha e diomoladh an lagha, ʼsa toirt breth air an lagh. Ach ma tha thu toirt breth air an lagh, cha fhear-cumail an lagha thu, ach ad bhritheamh. 12 Is aon fhear-dianamh lagha agus britheamh a thʼ ann, a ʼs urrainn sgriosadh, agus saoradh. 13 Ach co thusa, a tha toirt breth air do choimhearsnach? Seallaibh a nis, sibhse a tha g-radh: An diugh, no am maireach, theid sinn gu leithid so de bhaile, us caithidh sinn bliadhna an sin, us ni sinn marsantachd, ni agus buannachd: 14 Sibhse dha nach leir ciod a thachras am maireach. 15 Oir ciod e ur beatha? Is toit i a chithear car tiota, ʼs an deigh sin a mheathas as: as leth sin thigeadh dhuibh a radh: Ma se toil an Tighearna e. Agus: Ma bhios sinn beo, ni sinn sid, no so. 16 Ach a nis tha sibh a gabhail tlachd as ur n-uaibhreachas. Tha h-uile leithid so de thlachd cronail. 17 Dhasan ma ta, dha ʼn aithne math a dhianamh, ʼs nach dian e, tha e ʼna pheacadh dha. |