Seumas 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875III. CAIB. Air uilc na teanga: an diubhras a tha eadar gliocas talmhaidh agus gliocas neamhaidh. 1 Na bithibh, mo bhraithrean, ʼnur moran mhaighistirean, le fios gum faigh sibh breitheanas nas mua. 2 Oir tha sinn uile ciontach an iomadh nì. Mur eil duine ciontach ann am facal, tha e ʼna dhuine coimhlionta; tha e comasach air strian a chur ri chorp uile. 3 Oir fiach tha sinn a cur chabstairean am bial nan each, gus iad a bhith umhailt dhuinn, us tionndaidh sinn mun cuairt an corp uile. 4 Seall longan, ged is mor iad, agus air an greasad le gaoithean laidir, a dhʼ aindeoin sin bheirear mun cuairt iad le stiuir bhig, taobh air bith a dhʼ iarras beum an stiuradair. 5 Mar sin is ball beag gu dearbh an teanga, us ni i raiteachas mor. Seall nach crion an teine, ʼs nach mor a choille a lasas e! 6 Agus is teine an teanga, saoghal de dhʼ olc. Tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, a truailleadh na coluinne uile, ʼsa lasadh cuairt ar beatha, ʼs i fhein laiste bho iutharna. 7 Tha h-uile gné ainmhidhean, us ian, us nathraichean, ʼs de sheorsa eile, air an dianamh soitheamh, ʼs cheannsaicheadh iad le nadur an duine: 8 Ach cha n-eil duine idir a ʼs urrainn an teanga cheannsachadh; is olc luasganach i, lan de phuinsean marbhtach. 9 Leatha tha sinn a beannachadh Dhe agus an Athar; us leatha tha sinn a mollachadh dhaoine, a tha air an dianamh ri iomhaigh Dhe. 10 As an aon bhial tha beannachadh agus mollachadh a tighinn. Mo bhraithrean, cha chòir do na nichean so bhith mar so. 11 An cuir tobar a mach as an aon suil uisge milis, agus uisge searbh? 12 An urrainn do chraoibh-fhige dearcan-fiona thoirt a mach, mo bhraithrean, no do ʼn fhionain fioguisean? Cha mhua is urrainn do shàile uisge milis a thoirt bhuaithe. 13 Co tha ʼna dhuine glic ʼs air fhaghlum ʼnur measg? Fiachadh e le deagh ghiulan ʼobair fhein ann an ciuine a ghliocais. 14 Ach ma tha eud searbh agaibh, us conas ʼnur cridheachan, na dianaibh uaill, ʼs na bithibh ʼnur briagadairean an aghaidh na firinne: 15 Oir cha so gliocas, a tha tighinn bho na h-ardaibh, ach gliocas talmhaidh, colaidh, diabhluidh. 16 Oir far a bheil farmad us consachadh, an sin tha iomluas, agus a h-uile droch ghniomh. 17 Ach an gliocas a tha bho na h-ardaibh, an toiseach gu dearbh tha e geamnaidh, an sin sitheil, stuama, furasd a chomhairleachadh, aontachail do mhath, lan de dhʼ iochd ʼs de dheagh thoradh, gun a bhith toirt breth, gun cheilg. 18 Us tha toradh a cheartais air a chur ann an sith do luchd-dianamh na sithe. |