Seumas 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875II CAIB. An aghaidh eisimeil ri daoine: cunnart aon phong de ʼn lagh a bhristeadh: tha creideamh gun oibrichean marbh. 1 Mo bhraithrean, na biodh creideamh Iosa Criosta Tighearna na glorach agaibh maille ri eisimeil ri daoine. 2 Oir ma thig fear air a bheil fàinne òir agus aodach riomhach a stigh ʼnur co-thional, ʼs mar an ciadna gun tig duine bochd a stigh an earradh suarach, 3 Agus gun toir sibh aire dhasan, a tha an eideadh riomhach, agus gun abair sibh ris: Suidh thusʼ an so gu math; ach gun abair sibh ris an duine bhochd: Seas thusʼ an sid, no suidh fo stol mo chas: 4 Nach eil sibh a toirt breth unnaibh fhein, agus gu ʼr dianamh nur britheamhan air smaointean anacearta? 5 Eisdibh, mo bhraithrean ro ghradhach, nach do thagh Dia bochdan an t-saoghail so gu bhith beairteach an creideamh, ʼs ʼnan oighreachan air an rioghachd, a gheall Dia dhaibh-san a bheir gaol da? 6 Ach thug sibhse taire do ʼn duine bhochd. Nach eil na daoine beairteach gu ʼr sarachadh le ainneart, ʼs nach eil iad gu ʼr tarruinn gu caithrichean breitheanais? 7 Nach eil iad a toirt toibheum do ʼn ainm mhath, a ghairmeadh oirbh? 8 Ma tha sibh coimhlionadh ma ta an lagha rioghail a reir nan Sgriobtur: Bheir thu gaol dha dʼ choimhearsnach mar dhut fhein, is math a tha sibh a dianamh: 9 Ach ma tha sibh a dianamh leth-bhreth air daoine, tha sibh a peacachadh, le bhith air ur diteadh leis an lagh mar pheacaich: 10 Oir co air bith a chumas an lagh uile, ach gun tuislich e ann an aon phuing, tha e ciontach an aghaidh an lagh uile. 11 Oir esan a thuirt: Na dian adhaltras, thuirt e cuideachd: Na dian marbhadh. A nis mur dian thu adhaltras, ach gun dian thu marbhadh, tha thu na dʼ fhear-bristeadh an lagha. 12 Mar so labhraibh, agus mar so dianaibh, mar dhaoine air am beil breth ri thoirt le lagh na saorsa. 13 Oir tha breitheanas gun trocair dhasan, nach dʼ rinn trocair: ʼs tha trocair ga h-ardachadh fhein fos cionn breitheanais. 14 Ciod an stà a ni e, mo bhraithrean, ma their neach gum beil creideamh aige, ach e gun oibrichean? An urrainn creideamh a shabhaladh? 15 Agus ma tha brathair no piuthar ruisgte, ʼs gun bhiadh lathail, 16 ʼS gun abair a h-aon agaibhse riu: Falbhaibh an sith, bithibh air ur garadh ʼs air ur sàsuchadh: ʼs nach toir sibh dhaibh na tha feumail do ʼn choluinn, ciod am feum a ni e? 17 Is amhuil sin creideamh, mur eil oibrichean aige, tha e marbh ann fhein. 18 Ach their cuid: Tha creideamh agadsa, agus tha oibrichean agamsa: fiach dhomh do chreideamh gun oibrichean; us fiachaidh mise dhutsa mo chreideamh le oibrichean. 19 Tha thusa creidsinn gum beil aon Dia ann: Is math a tha thu a dianamh: tha na deomhain a creidsinn, agus a crith. 20 Ach am math leat fios a bhith agad, O dhuine fhaoin, gum beil creideamh marbh gun oibrichean? 21 Ar n-athair Abraham nach bʼ ann le oibrichean a naomhaicheadh e, a tairgse suas Isaic, a mhac, air an altair? 22 Am beil thu faicinn gun do chomh-oibrich creideamh le ʼoibrichean; ʼs le oibrichean rinneadh creideamh coimhlionta? 23 Us choimhlionadh an sgriobtur, a g-radh: Chreid Abraham Dia; us mheasadh dha e gu ceartas, agus thuirteadh caraid Dhe ris. 24 Nach eil sibh a faicinn gur ann le oibrichean a tha duine air a naomhachadh, agus nach ann le creideamh a mhain? 25 Mar an ciadna Rahab an striopach, nach ann le oibrichean a naomhaicheadh i, a gabhail ris na teachdairean, ʼs gan cur air falbh rathad eile? 26 Oir mar a tha a choluinn marbh gun an spiorad, is amhuil a tha creideamh marbh gun oibrichean. |