Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ròmanaich 9 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


IX. CAIB. Speis an ostail do na h-Iudhaich: gum beil tagha Dhe saor, ʼsa dol nas fhaide na an cinneadh aca-san.

1 Tha mi labhairt na firinn ann an Criosta, ʼs cha bhriag, mo chogais a togail fianuis domh anns an Spiorad Naomh:

2 Gum beil duilichinn mhor orm agus bron daonnan na mʼ chridhe.

3 Oir dhuraiginn mi fhein a bhith na mʼ anathema bho Chriosta air son mo bhraithrean, mo dhaimhich a reir na feola,

4 A tha ʼnan Isralaich, leis an leis uchd-mhacachd cloinne, agus a ghloir, agus an tiomnadh, agus toirt seachad an lagha, agus an umhlachd, agus na geallaidhnean;

5 Is leo na h-aithrichean, agus bhuapa tha Criosta a reir na feola, a tha fos cionn gach ni, Dia a tha beannaichte a chaoidh. Amen.

6 Cha n-e gun dʼ fhailnich facal De. Oir cha n-Isralaich iad uile, a tha bho Israel:

7 Cha mhua a tha iadsan uile ʼnan cloinn, a tha de shiol Abrahaim: Ach ann an Isaac gairmear do shiol:

8 Se sin, nach iad clann na feola, a tha ʼnan cloinn do Dhia: ach gur iad clann a ghealltanais, a mheasar mar shiol.

9 Oir se so facal a ghealltanais: A reir an ama so thig mi; us bithidh mac aig Sara.

10 Agus cha n-ise a mhain: ach Rebecca cuideachd, a ghin dithis comhla bho ʼr n-athair Isaac.

11 Oir mun dʼ rugadh fhathast a chlann, no mun dʼ rinn iad math no olc (los gun seasadh run Dhe air reir an taghaidh),

12 Cha n-ann as leth oibrichean, ach as a leth-san a ghairm, a chaidh a radh rithe:

13 Ni am fear is sine seirbhis do ʼn fhear is oige, mar tha e sgriobhte: Thug mi gradh do Iacob, us fuath do Esau.

14 Ciod a their sinn ma ta? Am beil anaceartas ann an Dia? Fad bho sin.

15 Oir tha e g-radh ri Maois: Ni mi trocair airsan dha ʼm beil mi trocaireach; us fiachaidh mi iochd dhasan dha ʼn dian mi trocair.

16 Mar sin cha n-ann bhuaithse leis an toil, no bhuaithsan a ruitheas, ach bho Dhia a tha fiachuinn trocaire.

17 Oir tha ʼn Sgriobtur a g-radh ri Pharao: ʼSann as leth so fhein a thog mi suas thu los mo chumhachd a thaisbeanadh unnad, ʼs mʼ ainm a bhith air a luaidh air feadh an t-saoghail uile.

18 Mar sin tha e fiachuinn trocair dhasan a ʼs aill leis, us esan a ʼs aill tha e cruadhachadh.

19 Their thu ma ta rium: Car-son ma ta a tha e faighinn coire? Oir co a bhacas a thoil?

20 O dhuine, co thusa gum freagradh tu Dia? An abair an ni dealbhte ris-san a dhealbh e: Car-son a rinn thu mar so mi?

21 No as an aon mheall chreadha nach eil e an comas a chriadhadair aon saghach a dhianamh gu onair, agus saghach eile gu as-onair?

22 Ciod ma tha Dia, an deigh dha cur suas gu ro fhaighidneach ri saghaichean feirge, uidheamaichte gu sgrios, deonach air a chorruich a nochdadh; ʼsa chumhachd a dhianamh aithnichte,

23 Los saibhreas a ghloire fhiachuinn air saghaichean na trocaire, a dheasaich e gu gloir?

24 Seadh gu dearbh sinne, a ghairm e cha n-e de na h-Iudhaich a mhain, ach de na cinnich cuideachd,

25 Mar tha e g-radh ann an Osé: Riusan, nach bu phobull domh, their mi mo phobull; agus ribhse nach bʼ annsa leam, annsachd; us rithse nach dʼ fhuair trocair, ise a fhuair trocair.

26 Us tachraidh, anns an aite far an deach a radh riu: Cha sibh mo phobull, an sin theirear riu mic an De bheo.

27 Agus tha Isaias a g-eigheach mu Israel: Ged a bhitheadh aireamh chlann Israil mar ghainmhich na fairge, se fuigheall a bhios sabhailte.

28 Oir criochnaichidh e fhacal ga ghiorrachadh ann an ceartas: a chionn ni an Tighearna facal goirid air talamh:

29 ʼS mar a thuirt Isaias roimh laimh: Mur biodh Tighearna nam feachd air siol fhagail againn, dhianteadh sinn mar Shodom, us bhithemid coltach ri Gomorra.

30 Ciod ma ta a their sinn? Gun do ghlac na cinnich, nach robh leantuinn ceartais, ceartas, seadh, an ceartas sin a tha bho chreideamh.

31 Ach nach dʼ rainig Israel, le lagh a cheartais a leanail, air lagh a cheartais.

32 Car-son? a chionn nach ann bho chreideamh, ach mar gum bʼ ann bho oibrichean a shir iad e: oir thuislich iad air a chloich-thuislidh.

33 Mar tha e sgriobhte: Seall, cuiridh mi clach-thuislidh ann an Sion, us carraig sgainneil; agus co sa bith a chreideas ann, cha naraichear e.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan