Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ròmanaich 8 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VIII. CAIB. Cha n-eil diteadh dhaibh-san a chaidh a naomhachadh le Criosta, ʼs nach eil a g-imeachd a reir na feola, ach a reir an spioraid: tha iad sin lan de dhochas ʼs de ghaol De.

1 Uime sin cha n-eil a nis diteadh idir dhaibhse, a tha ann an Iosa Criosta, ʼs nach eil a g-imeachd a reir na feola.

2 Oir shaor lagh spiorad na beatha ann an Iosa Criosta mise bho lagh a pheacaidh agus a bhàis.

3 Oir an ni bu neo-chomasach do ʼn lagh, a thaobh gun robh e lag tromh ʼn fheoil, Dia a cur a Mhic fhein an riochd feola peacaich, agus de ʼn pheacadh dhit e am peacadh san fheoil,

4 A los gum biodh naomhachd an lagha air a coimhlionadh unnainne, nach eil a g-imeachd a reir na feola, ach a reir an spioraid.

5 Oir iadsan, a tha air reir na feola, tha an aire leagte air nichean na feola: ach iadsan, a tha air reir an spioraid, tha an aire leagte air nichean spioradail.

6 Oir is bàs gliocas na feola: ach is beatha agus sith gliocas an spioraid.

7 A chionn gum beil ghocas na feola ʼna namhaid do Dhia: oir cha n-eil e striochdte do lagh Dhe, ʼs cha mhua is urrainn da bhith.

8 Iadsan ma ta a tha anns an fheoil cha n-urrainn daibh Dia a thoileachadh.

9 Ach cha n-eil sibhse san fheoil, ach san spiorad, ma se ʼs gum beil Spiorad De a tamh unnaibh. A nis neach air bith aig nach eil Spiorad Chriosta, cha leis-san e.

10 Agus ma tha Criosta unnaibh, tha ʼn corp gu dearbh marbh as leth a pheacaidh; ach tha an spiorad beo as leth naomhachd.

11 ʼS ma tha Spiorad-san, a thog Iosa bho na mairbh, a tamh unnaibh: beothaichidh esan, a thog Iosa Criosta bho na mairbh, ur coluinnean bàsmhor-sa cuideachd, as leth a spioraid-san, a tha tamh unnaibh.

12 Air an aobhar sin, a bhraithrean, cha n-eil sinn fo fhiachaibh do ʼn fheoil, gus ar caithe-beatha a bhith a reir na feola.

13 Oir ma bhios ur caithe-beatha a reir na feola, gheobh sibh bàs: ach ma chlaoidheas sibh leis an spiorad gniomhran na feola, bithidh sibh beo.

14 Oir a mhiad ʼsa tha air an stiuradh le Spiorad Dhe, is mic do Dhia iad.

15 Oir cha do ghlac sibh spiorad na daorsa rithist le eagal, ach ghlac sibh spiorad uchd-mhacachd cloinne, leis an eigh sinn: Abba (Athair).

16 Oir tha an Spiorad fhein a toirt teisteanais do ʼn spiorad againne, gur sinn mic Dhe.

17 Agus ma ʼs mic, oighreachan cuideachd: oighreachan Dhe gu dearbh, us co-oighreachan Chriosta: ach ʼsann ma dhʼ fhuiligeas sinn maille ris, a theid ar glorachadh maille ris.

18 Oir tha mi a measadh nach fhiach fulangasan na h-aimsir so an samhlachadh ris a ghloir ri tighinn, a thaisbeanar unnainn.

19 Oir tha duil a chreutair a feitheamh ri taisbeanadh mic Dhe.

20 Oir thugadh air a chreutair geilleadh do dhʼ fhaoineis, cha n-ann le dheoin, ach air a shonsa, a thug air geilleadh an dochas:

21 A chionn ʼs gun saorar an creutair fhein bho sglamhachd na truailleachd, gu saorsa gloir chlann Dhe.

22 Oir tha fios againn gum beil a h-uile creutair a g-osnaich ʼs an cradh mar ri saothair-chloinne gu ruig so.

23 Agus cha n-e mhain esan, ach sinn fhein mar an ciadna, aig a bheil ciad-thoradh an spioraid; tha sinne cuideachd a g-osnaich unnainn fhein, a feitheamh ri uchd-mhacachd mic Dhe, saorsa ar coluinne.

24 Oir tha sinn air ar sabhaladh le dochas. Ach an dochas a chithear, cha dhochas e: oir na tha duine a faicinn, cʼ uime tha dochas aige ris?

25 Ach ma tha dochas againn ris an ni nach leir dhuinn, tha sinn le faighidin a feitheamh air a shon.

26 Tha an Spiorad fhein mar an ciadna a cuideachadh ar laigse: oir cha n-aithne dhuinn, ciod air son a ghuidheadh sinn mar is còir: ach tha an Spiorad fhein a g-achanaich air ar son le ospagan nach gabh innse.

27 Agus is aithne dhasan, a tha rannsachadh nan cridheachan, ciod a tha an Spiorad a sireàdh: a chionn gum beil e g-iarraidh air son nan naomh a reir Dhe.

28 Agus tha fhios againn, gum beil a h-uile ni a co-oibreachadh gu leas dhaibh-san, a tha toirt gaoil do Dhia, dhaibh-san a ghairmeadh gu bhith ʼnan naoimh a reir a bheachdsa.

29 Oir an fheadhainn a roimh-dhʼaithnich e, iad sin roimh-dhʼorduich e, gu bhith air an dealbhadh an coltas iomhaigh a Mhic, gus e bhith ʼna chiad-ghin am measg moran bhraithrean.

30 ʼS an fheadhainn a roimh-dhʼorduich e, iad sin ghairm e; ʼs an fheadhainn a ghairm e, iad sin naomhaich e; ʼs an fheadhainn a naomhaich e, iad sin ghloraich e.

31 Ciod a their sinn ma ta ris na nichean so? Ma tha Dia leinn, co bhios ʼnar n-aghaidh?

32 Esan nach do chaomhainn a Mhac fhein, ach a liubhair seachad e air ar son uile, ciamar nach tug e dhuinn a h-uile ni maille ris?

33 Co chuireas coire as leth daoine taghte Dhe? Dia a tha gan naomhachadh.

34 Co e a dhiteas? Iosa Criosta, a fhuair bàs, seadh, a dhʼ eirich a rithist, a tha air deas laimh Dhe, a tha dianamh eadar-ghuidhe air ar son.

35 Co uime sin a sgaras sinne bho ghaol Chriosta? An e trioblaid? no airc? no gorta? no lomnochd? no gabhadh? no geur-leanmhuinn? no an claidheamh?

36 (Mar tha e sgriobhte: Air do shonsa thathas ga ʼr cur gu bàs fad an latha: thathas a sealltuinn oirnn mar chaoraich air son na casgairt.)

37 Ach tha sinn a toirt buaidh anns na nichean sin uile, as a leth-san a thug gradh dhuinn.

38 Oir tha mi cinnteach nach urrainn bàs no beatha, no ainglean, no prionnsachdan, no cumhachdan, no nichean a tha lathair, no nichean ri tighinn, no neart,

39 No airde, no doimhne, no creutair sam bith eile sinne sgaradh bho ghradh Dhe, a tha ann an Iosa Criosta ar Tighearna.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan