Ròmanaich 7 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VII. CAIB. Shaor Criosta sinn bho ʼn lagh, us bho smal a pheacaidh, ged tha ana-miannan fhathast a cogadh ruinn. 1 Nach eil fhios agaibh, a bhraithrean, (oir tha mi labhairt ri feadhainn dha ʼn aithne an lagh) gum beil cumhachd aig an lagh thairis air duine fhad ʼs is beo e? 2 Oir am boirionnach aig a bheil fear, tha i ceangailte ris an lagh fhad ʼs is beo a fear: ach ma gheobh a fear bàs, tha i fuasgailte bho lagh a fir. 3 Uime sin, fhad ʼs is beo a fear, theirear ban-adhaltrach rithe, ma bhios i cuide ri fear eile: ach ma gheobh a fear bàs, tha i air a saoradh bho lagh a fir: air chor ʼs nach ban-adhaltrach i, ged a bhiodh i cuide ri fear eile. 4 Uime sin, mo bhraithrean, tha sibhse mar an ciadna marbh do ʼn lagh tromh chorp Chriosta, los gum buin sibh do aon eile a dhʼ eirich a rithist bho na mairbh, ʼs gun toir sinn a mach toradh do Dhia. 5 Oir nuair a bha sinn san fheoil, dhʼ oibrich ana-miannan nam peacannan, a bha tromh ʼn lagh, ʼnar buill, gu toradh a thoirt a mach gu bàs. 6 Ach tha sinn a nis air ar fuasgladh bho lagh a bhàis, anns an robh sinn an sàs, los gun dian sinn seirbhis le urachd spioraid, ʼs cha n-ann le seanachd na litreach. 7 Ciod ma ta a their sinn? Am peacadh an lagh? Fad bho sin. Ach cha bʼ aithne dhomh am peacadh ach tromh ʼn lagh: oir bha mi gun aithne air sannt, mur abradh an lagh: Na sanntaich. 8 Ach am peacadh a gabhail fàth bho ʼn fhainte, dhʼ oibrich e unnamsa a h-uile sannt. Oir gun an lagh bha am peacadh marbh. 9 Us chaith mise mo bheatha uaireigin as aonais an lagh. Ach nuair a thainig an fhainte, bheothaich am peacadh; 10 Agus bhasaich mise; agus an fhainte a dhʼ orduicheadh gu beatha, fhuaradh dhomhsʼ i ʼna h-aobhar bàis. 11 Oir am peacadh a gabhail fàth bho ʼn fhainte, mheall e mi, us mharbh e mi leatha. 12 Air an aobhar sin tha an lagh gu deimhinn naomh, agus an fhainte naomh, agus ceart, agus math. 13 An dʼ rinneadh ma ta sin a tha math ʼna bhas dhomhsa? Fad bho sin. Ach am peacadh, los gum faicear ʼna pheacadh e, dhʼ oibrich e tromh ʼn mhath am bàs dhomhsa; los gum fàs am peacadh tromh ʼn fhainte fos cionn tomhais peacach. 14 Oir tha fios againn gum beil an lagh spioradail; ach tha mise feolmhor, air mo reic fo ʼn pheacadh. 15 Oir an ni tha mi dianamh, cha n-eil mi ga thuigsinn. Oir am math is toigh leam, cha n-e tha mi dianamh: ach an t-olc is fuathach leam, se tha mi dianamh. 16 Le sin ma tha mi dianamh an ni nach toigh leam, tha mi g-aontachadh leis an lagh, gum beil e ceart. 17 A nis cha mhise ma ta nas fhaide a tha dianamh sin, ach am peacadh a tha tamh unnam. 18 Oir is aithne dhomh nach eil am math a tamh unnam, se sin, na mʼ fheoil. Oir tha an toil gu math deas dhomh: ach math a chur an gniomh, cha n-eil mi faotuinn. 19 Oir cha n-e am math is aill leam, a tha mi dianamh: ach se an t-olc nach math leam, a tha mi dianamh. 20 A nis ma tha mi a dianamh an ni nach aill leam, cha mhise nas fhaide a tha ga dhianamh, ach am peacadh a tha tamh unnam. 21 Leis a sin tha mi a faighinn lagha, nuair tha mhiann orm math a dhianamh, gum beil an t-olc a lathair agam. 22 Oir tha mi gabhail tlachd á lagh Dhe a reir leth-a-stigh an duine: 23 Ach tha mi faicinn lagh eile na mʼ bhuill a gleachd an aghaidh lagh mʼ inntinn, ʼs gam thoirt fo dhaorsa do lagh a pheacaidh a tha na mʼ bhuill. 24 Is truagh an duine mi, co a shaoras mi bho chorp a bhàis so? 25 Grasan De tromh Iosa Criosta ar Tighearna. Uime sin tha mise fhein a geilleadh do lagh Dhe leis an inntinn: ach do lagh a pheacaidh leis an fheoil. |