Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ròmanaich 6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VI. CAIB. Feumaidh an Criostaidh basachadh do ʼn pheacadh, ʼsa bhith beò do Dhia.

1 Ciod ma ta their sinn? An lean sinn sa pheacadh los grasan a leasachadh?

2 Fad bho sin. Oir sinne a tha marbh do ʼn pheacadh, ciamar a chaitheas sinn ar beatha nas fhaide ann?

3 Nach eil fhios agaibh gum beil sinn uile, a tha air ar baisteadh ann an Iosa Criosta, air ar baisteadh ʼna bhàs?

4 Or leis a bhaisteadh tha sinn air ar tiodhlaiceadh maille ris gu bàs; los, mar dhʼ eirich Criosta bho na mairbh tromh ghloir ʼAthar, gun imich sinn mar an ciadna ann an nuadhachd beatha.

5 Oir ma tha sinn air ar co-shuidheachadh ann an coltas a bhàis, is amhuil a bhios sinn ann an coltas ʼaiseirigh.

6 Fiosrach air so, gum beil ar seann duine air a cheusadh maille ris, gu corp a pheacaidh a sgrios, agus nach dian sinn seirbhis do ʼn pheacadh nas fhaide.

7 Oir tha esan, a tha marbh, air a shaoradh bho ʼn pheacadh.

8 A nis ma tha sinn marbh maille ri Criosta, tha sinn a creidsinn gum bi sinn beo maille ri Criosta:

9 Us fios againn, an deigh do Chriosta eirigh bho na mairbh, nach fhaigh e bàs tuille, cha bhi tighearnas aig a bhàs air tuille.

10 Oir a thaobh ʼs gun do bhàsaich e do ʼn pheacadh, bhàsaich e aon uair: ach a thaobh ʼs gum beil e beo, ʼsann do Dhia tha e beo.

11 Mar an ciadna measaibhse, gum beil sibh fhein marbh gu dearbh do ʼn pheacadh, ach beo do Dhia ann an Iosa Criosta ar Tighearna.

12 Le sin na righicheadh am peacadh ʼnur coluinn bhàsmhoir, ann an rathad ʼs gun geill sibh dha h-ana-miannan.

13 Cha mhua liubhras sibh ur buill mar innealan uilc do ʼn pheacadh: ach tairgibh sibh fhein do Dhia, mar dhaoine a tha beo bho na mairbh, us ur buill ʼnan airm a cheartais do Dhia.

14 Oir cha bhi lamh-an-uachdar aig a pheacadh oirbh: oir cha n-eil sibh fo ʼn lagh, ach fo ghrasan.

15 Ciod ma ta? Am peacaich sinn bho nach ann fo ʼn lagh, ach fo ghrasan a tha sinn? Na leigeadh Dia.

16 Nach aithne dhuibh gur h-ann dhasan dha ʼm fiach sibh sibh fhein ʼnur seirbhisich gu umhlachadh dha, dhasan is seirbhisich sibh dha ʼm beil sibh umhailt, co dhiu ʼsann do ʼn pheacadh gu bàs, no do dhʼ umhlachd gu ceartas?

17 Ach taing do Dhia gun do gheill sibhse, a bha ʼnur seirbhisich do ʼn pheacadh, bho ʼr cridhe do ʼn rian theagaisg sin, dha na liubhradh sibh.

18 Rinneadh sibh ma ta, us sibh air ur saoradh bho ʼn pheacadh, ʼnur seirbhisich do cheartas.

19 Tha mi labhairt mar dhuine as leth laigse ur feola: ceart mar liubhair sibh ur buill gu neo-ghloine sheirbhiseachadh, agus drochbheart gu drochbheart: mar sin a nis liubhraibh ur buill gu ceartas a sheirbhiseachadh gu naomhachd.

20 Oir nuair bha sibh ʼnur seirbhisich do ʼn pheacadh, bha sibh saor bho cheartas.

21 Ciod an toradh ma ta; bhʼ agaibh an uair sin sna nichean, as a bheil sibh a gabhail nàire nis? Oir se am bàs is crioch dhaibh.

22 Ach a nis, air dhuibh a bhith air ur saoradh bho ʼn pheacadh, ʼs air ur dianamh ʼnur seirbhisich do Dhia, tha ur toradh agaibh gu naomhachd, ʼs ur deireadh a bheatha shiorruidh.

23 Oir se tuarasdal a pheacaidh am bàs. Ach grasan De, a bheatha shiorruidh ann an Iosa Criosta ar Tighearna.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan