Ròmanaich 5 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875V. CAIB. Am bonn a thʼ againn gu dochas a chur ann an Criosta: thainig am peacadh ʼs am bas bho Adhamh, grasan us beatha bho Chriosta. 1 Air dhuinn a bhith uime sin air ar naomhachadh tromh chreideamh, tha sith againn ri Dia tromh ar Tighearna Iosa Criosta: 2 ʼS troimhse le creideamh tha rathad againn thun nan grasan sin anns a bheil sinn a seasamh, agus a gabhail uaill á dochas gloir chlann Dhe. 3 ʼS cha n-e so a mhain, ach tha sinn a gabhail uaill á trioblaidean, a tuigsinn gun oibrich trioblaidean faighidin, 4 Us faighidin diachuinn, agus diachuinn dochas, 5 Agus cha naraich dochas: a chionn gum beil carrantachd Dhe air a taomadh a mach ʼnar cridheachan leis an Spiorad Naomh, a tha air a thoirt dhuinn. 6 Oir car-son, nuair bha sinn fhathast lag, dhʼ eug Criosta, a reir an ama, air son nam mi-dhiadhaidh? 7 Oir is gann a dhʼ fhuiligeas neach bàs air son duine ionraic: ach theagamh gum biodh a mhisneach aig feareigin bàsachadh air son duine mhath. 8 Ach tha Dia a cliuthachadh a charrantachd dhuinne; a chionn ʼs nuair a bha sinn ʼnar peacaich, a reir an ama. 9 Gun dʼ fhuilig Criosta air ar son: is mor ma ta nas mua na sin, an deigh a nis a bhith air ar naomhachadh le fhuil, a bhios sinn tiaruinte bho fheirg troimh-san. 10 Oir ma reiticheadh ri Dia sinn le bàs a Mhic, nuair bu naimhdean sinn, is mua gu mor an deigh an reiteachaidh, a bhios sinn air ar sabhaladh ʼna bheatha-san. 11 ʼS cha n-e so a mhain: ach tha sinn dianamh uaill cuideachd ann an Dia tromh ar Tighearna Iosa Criosta, tromh ʼn dʼ fhuair sinn a nis reite. 12 Uime sin mar thainig am peacadh a stigh do ʼn t-saoghal so tromh aon duine, ʼs leis a pheacadh am bàs; ʼs mar so ruith am bàs air daoine gu leir troimh-san, anns na pheacaich iad uile: 13 Oir gus an lagh bha am peacadh san t-saoghal: ach cha robh am peacadh ri agairt, nuair nach robh an lagh ann. 14 Ach righich am bàs bho Adhamh gu Maois orrasan cuideachd nach do pheacaich a reir coltas cionta Adhamh, a tha ʼna shamhla air-san a bha ri tighinn. 15 Ach cha n-ionann a choire ʼs an tiodhlac. Oir ma bhasaich moran le coire a h-aon, is ro phailt na sin gu fad a thaomadh air moran grasan Dhe ʼsa thiodhlac tromh ghrasan aon duine Iosa Criosta. 16 Agus cha n-ann mar tromh aon pheacadh, a tha an tiodhlac: oir bha breitheanas gu dearbh bho h-aon gu diteadh; ach grasan bho mhoran chiontan gu naomhachadh. 17 Oir le cionta aon duine ma righich am bàs tromh ʼn aon; is ro mhua gu mor a righicheas iadsan, a gheobh mor-phailteas de ghrasan, de thiodhlac, agus de cheartas, ann am beatha tromh ʼn aon Iosa Criosta. 18 Uime sin mar a bha cionta a h-aon ʼna aobhar ditidh do dhaoine uile, is amhuil a tha ceartas a h-aon gu naomhachadh beatha dhaoine uile. 19 Oir mar a rinneadh moran ʼnam peacaich le as-umhlachd aon duine, mar sin cuideachd naomhaichear moran le umhlachd aon duine. 20 A nis thaing an lagh a stigh gu miadachadh a chionta gu mor. Ach far na mhiadaich an cionta gu mor, bu ro mhua gu mor a mhiadaich grasan. 21 Air chor ʼs mar a righich am peacadh gu bàs, is amhuil a righicheas grasan tromh cheartas gu beatha shiorruidh, tromh Iosa Criosta ar Tighearna. |