Ròmanaich 4 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875IV. CAIB. Cha robh Abraham air a naomhachadh le oibrichean, ach le creideamh ʼs le grasan: agus thachair sin roimh a thimchioll-ghearradh: tha na cinnich ʼnan cloinn do Dhia le creideamh. 1 Ciod uime sin a their sinn a fhuair Abraham, ar n-athair a reir na feola? 2 Oir ma naomhaicheadh Abraham le oibrichean, tha aobhar uaill aige, ach cha n-ann a thaobh Dhe. 3 Oir ciod tha ʼn sgriobtur a g-radh? Chreid Abraham Dia; us mheasadh sin dha gu ceartas. 4 A nis dhasan a tha g-oibreachadh, cha n-eil an tuarasdal air a mheas mar ghean-math, ach mar fhiachan. 5 Ach dhasan nach eil a g-oibreachadh, ach a tha creidsinn annsan a tha naomhachadh nan neo-dhiadhaidh, tha a chreideamh air a mheas gu ceartas a reir beachd grasan De. 6 Mar tha Dài cuideachd a cur an ceill sonas an duine, dha ʼm beil Dia meas ceartais gun oibrichean: 7 Is beannaichte iadsan, dha ʼn do mhathadh an lochdan, us dha ʼn do dhubhadh as am peacannan. 8 Is beannaichte an duine nach do chuir an Tighearna peacadh as a leth. 9 Am beannachadh so ma ta, an ann san timchioll-ghearradh a mhain a tha e fantuinn, no bheil e san neo-thimchioll-ghearradh mar an ciadna? Oir tha sinn a g-radh gun do mheasadh creideamh do Abraham gu ceartas. 10 Ciamar a mheasadh e ma ta? An ann san timchioll-ghearradh, no san neo-thimchioll-ghearradh? Cha n-ann san timchioll-ghearradh, ach san neo-thimchioll-ghearradh. 11 Us fhuair e comharradh an timchioll-ghearraidh, seul air ceartas a chreidimh, a bhʼ aige san neo-thimchioll-ghearradh; gus e bhith ʼna athair acasan uile a tha creidsinn gun an timchioll-ghearradh, los gum measar dhaibh-san e cuideachd gu ceartas; 12 Agus gus e bhith ʼna athair do ʼn timchioll-ghearradh, cha n-ann a mhain do luchd an timchioll-ghearraidh, ach dhaibhse cuideachd a tha leanail ceuman a chreidimh, a tha ann an neo-thimchioll-ghearradh ar n-athar Abraham. 13 Oir cha bʼ ann tromh ʼn lagh a thugadh an gealladh do Abraham, no dha shliochd, gum biodh e ʼna oighre air an t-saoghal, ach tromh cheartas creidimh. 14 Oir ma ʼs oighreachan iadsan a tha dhe ʼn lagh, tha creideamh gun bhrigh, tha an gealladh gun stath. 15 Oir se fearg a tha an lagh a g-oibreachadh. Oir far nach eil lagh, cha n-eil bristeadh lagha. 16 Mar so ʼsann bho chreideamh a tha e, los, a reir nan gras, gum biodh an gealladh daingeann do ʼn t-sliochd uile; cha n-ann a mhain dhasan a tha dhe ʼn lagh, ach dhasan mar an ciadna, a tha de chreideamh Abrahaim, agus is esan ar n-athair-ne uile, 17 (Mar tha e sgriobhte: Rinn mi thu na tʼ athair ioma cinnidh), an lathair Dhe, anns an do chreid e, ʼsa tha beothachadh nam marbh, ʼsa gairm nan nichean nach eil, mar nan nichean a tha. 18 Chreid esan ann an dochas an aghaidh dochais, gum biodh e ʼna athair ioma cinnidh, a reir ʼs mar a chaidh a radh ris: Mar so bithidh do shliochd. 19 Agus cha robh e lag ʼna chreideamh, cha mhua sheall e air a chorp fhein a nis marbh, ged a bha e cheana ciad bliadhna ach gann, no air com marbh Sara. 20 Ann an gealladh Dhe cha do thuislich e le an-earbsa, ach bha e air a neartachadh an creideamh, a toirt gloire do Dhia, 21 Lan-fhiosrach gum beil esan comasach air ni sa bith a gheall e a choimhlionadh. 22 Agus uime sin mheasadh e dha gu ceartas. 23 A nis cha n-ann a mhain air a shonsan a chaidh a sgriobhadh, gun do mheasadh e dha gu ceartas: 24 Ach air ar son-ne cuideachd, dha ʼn teid a mheas, ma se ʼs gun creid sinn annsan, a thog ar Tighearna Iosa Criosta bho na mairbh, 25 A liubhradh seachad air son ar ciontan, ʼsa dhʼ eirich a rithist air son ar naomhachaidh. |