Ròmanaich 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875III. CAIB. Am barrachd a thʼ aig na h-Iudhaich thar na cinnich: tha daoine uile ʼnam peacaich: cha naomhaichear duine air bith le oibrichean an lagha, ach le grasan Chriosta. 1 Ciod e ma ta barrachd an Iudhaich? no ciod e math an timchioll-ghearraidh? 2 Is mor sin sa h-uile doigh. An toiseach gu dearbh, a chionn gur ann riusan a chaidh briathran Dhe earbsadh. 3 Ciod ma ta ma bha cuid dhiu nach do chreid? an dian am mi-chreideamh-san firinn De gun tairbhe? Na leigeadh Dia. 4 Oir tha Dia firinneach: ʼs tha h-uile duine ʼna bhriagadair, mar tha e sgriobhte: Los gum firinnichear thu na dʼ bhriathran, ʼs gum buadhaich thu, nuair a bheirear breth ort. 5 Ach ma bheir an t-ana-ceartas againn cliu do cheartas De, ciod a their sinn? Am beil Dia anaceart, a tha cur feirge an ceill? (tha mi labhairt mar dhuine.) 6 Fad bho sin: air chaochla doigh ciamar a bheir Dia breth air an t-saoghal so? 7 Oir ma tha firinn Dhe a cosnadh leasachadh gloire dhasan bho mʼ bhreigse, car-son a thathas fhathast a toirt breth orm mar pheacach? 8 Ach an aite sin (mar thathas gu briagach a cur as ur leth, ʼs mar tha cuid a g-radh gun abair sinn) dianamaid olc gu math a thighinn as: tha iad sin le ceartas air an diteadh. 9 Ciod a nis? Am beil sinn toirt barrachd orra? Cha n-eil idir. Oir mhìnich sinn cheana, gum beil araon na h-Iudhaich agus na Greigich fo ʼn pheacadh, 10 Mar tha e sgriobhte: Cha n-eil duine ionraic sa bith ann. 11 Cha n-eil a h-aon a tuigsinn, cha n-eil a h-aon a sireadh Dhe. 12 Chlaon iad uile bharr na slighe, dhʼ fhas iad neo-tharbhach gu leir: cha n-eil a h-aon a tha dianamh math, cha n-eil fiu a h-aon. 13 Is uaigh fhosgailte an sgornan, le ʼn teanganan labhair iad gu cealgach: tha nimh nan nathraichean fo ʼm bilean: 14 Tha am bial lan mhollachd us seirbhe: 15 Tha an casan luath gu dortadh fala: 16 Tha sgrios agus truaighe ʼnan slighean: 17 Agus rathad na sithe cha bʼ aithne dhaibh. 18 Cha n-eil eagal De romh ʼn suilean. 19 A nis tha fios againn, ciod air bith a their an lagh, gur h-ann riusan a tha fo ʼn lagh a tha e ga labhairt; gu gach bial a dhunadh, ʼs an saoghal uile a dhianamh striochdte do Dhia: 20 Oir le oibrichean an lagha cha naomhaichear feoil air bith ʼna lathair. Oir ʼsann bho ʼn lagh a tha eolas a pheacaidh. 21 Ach a nis as aonais an lagha tha ceartas De, air an tug an lagh ʼs na faidhean fianuis, air a shoilleireachadh. 22 Seadh, ceartas De tromh chreideamh Iosa Criosta do gach neach ʼs air gach neach, a chreideas ann: chionn cha n-eil eadar-dhealachadh ann: 23 Oir pheacaich iad uile, us tha iad as easbhuidh gloir Dhe. 24 Air dhaibh a bhith air an naomhachadh a nasgaidh le ghrasan, tromh ʼn t-saoradh a thʼ ann an Iosa Criosta, 25 A shonraich Dia ʼna reite tromh chreideamh ʼna fhuil, los a cheartas fhiachuinn le mathanas nam peacannan a chaidh seachad, 26 Tromh fhad-fhulangas De, los a cheartas fhiachuinn san àm so; gus e fhein a bhith ceart, ʼs ga dhianamh-sa ceart, a tha de chreideamh Iosa Criosta. 27 Càite a nis a bheil dʼ uaill? Chuireadh air chul i. Le ciod an lagh? Le lagh nan gniomhran? Cha n-ann: ach le lagh a chreidimh. 28 Oir tha sinn a meas gun naomhaichear duine le creideamh, as aonais oibrichean an lagha. 29 An e Dia nan Iudhach e a mhain? Nach e Dia nan cinneach e mar an ciadna? Seadh nan cinneach mar an ciadna. 30 Oir is aon Dia gu dearbh, a tha naomhachadh an timchioll-ghearraidh le creideamh a gus an neo-thimchioll-ghearraidh tromh chreideamh. 31 A bheil sinn ma ta cur as do ʼn lagh tromh chreideamh? Fad bho sin: ach tha sinn a steidheachadh an lagha. |