Philipianach 4 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875IV. CAIB. Tha e gam brosnachadh gu leanailt gu buan air beartan matha, ʼsa toirt taing dhaibh air son an tiodhlaicean dha. 1 Uime sin, a bhraithrean ro ghaolach ʼs dha bheil mo mhor speis, mo shòlas agus mo chrùn; fanaibh mar so steidheil san Tighearna, a chuideachda mo ruin. 2 Tha mi guidhe air Ebhodia, ʼs tha mi griosad air Sintiche, iad a bhith a dhʼ aon bheachd san Tighearna. 3 Us tha mi g-achanaich ortsa cuideachd, a chompanaich threibhdhirich, na boirionnaich sin a chuideachadh, a dhʼ oibrich anns an t-soisgeul comhla riumsa, maille ri Clement agus mo luchd-cuideachaidh eile, aig am beil an ainmean an leabhar na beatha. 4 Bithibh aoibhneach san Tighearna daonnan: a rithist tha mi g-radh: Bithibh aoibhneach. 5 Biodh ur stuamachd follaiseach do dhaoine uile: tha an Tighearna faisg. 6 Na biodh iomaguin oirbh: ach anns a h-uile ni le urnaigh ʼs le achanaich maille ri buidheachas, biodh ur n-iarratasan aithnichte do Dhia. 7 Agus gun gleidh sith Dhe, a tha dol fos cionn a h-uile tuigse, ur cridhe ʼs ur n-inntinn ann an Iosa Criosta. 8 Mar thuilleadh, a bhraithrean, ge bʼ iad nichean a tha fior, ge bʼ iad nichean a tha geamnaidh, ge bʼ iad nichean a tha ceart, ge bʼ iad nichean a tha naomh, ge bʼ iad nichean a tha gaolach, ge bʼiad nichean a tha cliuiteach, ma tha subhailc ann, ma tha moladh air oilean, orra sin smaoinichibh. 9 Na nichean a dhʼ fhaghluim sibh, ʼsa ghabh sibh, ʼsa chuala sibh, ʼsa chunnaic sibh unnamsa, dianaibh iad; agus bithidh Dia na sithe maille ribh. 10 A nis tha mi gabhail mor aoibhneis san Tighearna, a chionn mu dheireadh thall gun do bhlathaich ur deagh thoil riumsa as ùr, ceart mar a bha i roimh: ach bha e ana-cothromach dhuibh. 11 Cha n-ann mar air son uireasuidh a tha mi labhairt: oir dhʼ ionnsuich mi bhith toilichte le ciod air bith staid sam bi mi. 12 Is aithne dhomh cur suas ris an dà chuid, gainne agus pailteas: (chleachdadh mi ris a h-uile h-aite ʼs ris a h-uile ni) a bhith sasaichte mar aon ʼsa bhith air acras, pailteas a mhealtuinn mar-aon agus uireasuidh fhulang. 13 ʼS urrainn domh a h-uile ni dhianamh annsan, a tha gam neartachadh. 14 An deigh sin uile is math a rinn sibh, mo chuideachadh na mʼ thrioblaid. 15 Agus tha fios agaibhse cuideachd, a mhuinntir Philippi, nuair a dhʼ fhag mi Macedonia, ann an tùs an t-soisgeil, nach do chuidich eaglais air bith leam a thaobh toirt agus gabhail, ach sibhse a mhain: 16 Oir aon uair agus uair eile, chuir sibh do Thessalonica na bha gu mʼ fheum. 17 Cha n-e gum beil mi g-iarraidh an tiodhlaic, ach se tha bhuam an toradh lan-phailt air ur taobhsa. 18 Ach tha h-uile ni agam, ʼs tha mo leor mhor agam: tha mi lan, ʼs mi air faighinn bho Epaphroditus nan nichean a chuir sibh h-ugam, fàile cubhraidh, iobairt bhlasda, thaitneach do Dhia. 19 Ach gum bʼ e mo Dhia a ni suas dhuibh ur n-uile iarratas a reir a bheartais ann an gloir ann an Iosa Criosta. 20 A nis do Dhia ʼs ar n-Athair gun robh gloir fad shaoghal nan saoghal. Amen. 21 Cuiribh fàilt air a h-uile naomh ann an Iosa Criosta. 22 Tha na braithrean a tha maille riumsa a cur fàilte oirbh. Tha na naoimh uile a cur fàilte oirbh, fos leth iadsan a tha de theaghlach Chésair. 23 Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ri ʼr spiorad. Amen. |