Philipianach 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875III. CAIB. Tha e gan cur ʼnam faireachadh an aghaidh fhaidhean-breige: tha e sealltuinn air gach ni eile mar chall gu Criosta chosnadh. 1 A thaobh na cuid eile, a bhraithrean, biodh aoibhneas oirbh san Tighearna. Cha dhragh leamsa gu dearbh na nichean ciadna a sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh, ach is riatanach dhuibhse e. 2 Bithibh air ur faicill bho choin, bithibh air ur faicill bho dhroch luchd-oibre, bithibh air ur faicill bho ʼn chomh-ghearradh. 3 Oir is sinne an timchioll-ghearradh, a tha seirbhiseachadh Dhe san spiorad, ʼs aig a bheil ar n-uaill á Iosa Criosta, ʼs nach eil a cur buin as an fheoil, 4 Ged a dhʼ fhaodainn-sa gu dearbh bun a chur as an fheoil. Ma tha duine air bith eile a saoilsinn gum faod e earbsa bhith aige as an fheoil, is mua na sin mise, 5 ʼS mi air mo thimchioll-ghearrradh air an ochdamh latha, ʼs mi de shliochd Israil, de threibh Bheniamin, Eabhrach de na h-Eabhraich, a reir an lagha am Phairiseach, 6 A thaobh eud a dianamh geur-leanmhuinn air eaglais Dhe; a reir a cheartais, a tha san lagh, mo ghiulan gun achasan: 7 Ach na bha gu buannachd dhomh, sheall mi orra mar chall air son Chriosta. 8 A thuilleadh air sin tha mi meas a h-uile ni ʼna chall air son eolas barraichte Iosa Criosta mo Thighearna; as a lethse dhʼ fhuilig mi call a h-uile ni, ʼs tha mi gam mheas mar shalachar, gus mi Criosta a bhuannachd, 9 ʼS gum faighear mi ann-san cha n-ann le mo cheartas fhein, a tha bho ʼn lagh, ach leis a cheartas sin a tha bho chreideamh Iosa Criosta: an ceartas sin a tha bho Dhia ann an creideamh, 10 Gu aithne a bhith agam air, ʼs air cumhachd ʼaiseirigh, ʼs air comhphairt ʼna fhulangas, air mo dhianamh na mʼ mhac-samhuilt a bhàis: 11 Fiach an teid agam a dhʼ aon chor air ruighinn air an aiseirigh, a tha bho na mairbh: 12 Cha n-e gun deach agam air fhathast, no gum beil mi cheana coimhlion: ach tha mi leanailt, fiach, air sheol sa bith, an glac mi sin leis am beil mi air mo ghlacadh le Iosa Criosta. 13 A bhraithrean, cha n-eil mi meas gun do ghlac mi. Ach aon rud: a diochuimhneachadh gu dearbh na tha am dheigh, gam shineadh fhein dhʼ ionnsuidh nan nichean a tha romham, 14 Tha mi greasad thun a chuspair, gu duais gairm neamhaidh Dhe ann an Iosa Criosta. 15 Uibhir ʼsa tha coimhlionta dhinn ma ta, bithemid san aigne so; ʼs ma tha chaochla rùin agaibh, foillsichidh Dia dhuibh so cuideachd. 16 Ach co-dhiu bhon a thainig sinn gu bhith a dhʼ aon inntinn, fanamaid san riaghailt chiadna. 17 Bithibh ʼnur luchd-leanmhuinn ormsa, a bhraithrean, agus gabhaibh beachd orrasan, a tha g-imeachd ceart mar a tha samhuilt agaibh bhuainn. 18 Oir tha moran a g-imeachd, muʼn dʼ innis mi tric dhuibh (agus a gal tha mi nis ga innse), ʼnan naimhdean do chrois Chriosta: 19 Dha ʼn deireadh sgrios: dha ʼn Dia am bru: agus dha ʼn uaill an nàire, a tha leagail am beachd air nichean talmhaidh. 20 Ach tha ar comhradh-ne ann am flathanas; as a bheil duil againn ris an t-Slanair, ar Tighearna Iosa Criosta, 21 A dhʼ ath-dhealbhas ar corp diblidh, air a chumadh ri corp a ghloir-san, a reir an oibreachaidh leis an urrainn da gach uile ni a chur fo smachd dha fhein. |