Philipianach 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875II. CAIB. Tha e gam brosnachadh gu aontachd agus irioslachd, agus an sabhaladh oibreachadh le fiamh ʼs ball-chrith. 1 Uime sin ma tha dad a dhʼ fhurtachd ann an Criosta, ma tha dad de chobhair carrantachd, ma tha dad de chomunn an spioraid, ma tha dad de dhʼ innibh truais: 2 Lionaibh suas mʼ aighear le sibh a bhith a dhʼ aon inntinn, an aon charrantachd agaibh, an t-aon bheachd, an t-aon aigne; 3 Gun ni dhianamh tromh chomhstri no fhaoin ghloir: ach ann an irioslachd gach aon a meas chàich nas fhearr na e fhein; 4 Gach aon a sealltuinn, cha n-ann air na nichean is leis fhein, ach is le daoine eile. 5 Oir biodh am beachd so unnaibh, a bha cuideachd ann an Iosa Criosta: 6 Esan, ʼs e an cruth Dhe, nach do shaoil e ʼna reubainn a bhith co-ionann ri Dia: 7 Ach rinn e e fhein ʼna neoni, a gabhail riochd seirbhisich, diante an coltas dhaoine, ʼs air fhaighinn ann an cruth mar dhuine. 8 Dhʼ islich e e fhein a striochdadh gu h-iriosal gu bàs, seadh gu bàs na croise. 9 Agus air son so thog Dia suas e, ʼs thug e dha ainm, a tha fos cionn a h-uile ainm, 10 ʼS gun lub ann an ainm Iosa a h-uile glun dhiusan, a tha air neamh, air talamh, ʼs fo ʼn talamh, 11 Agus gun aidich a h-uile teanga, gum beil an Tighearna Iosa Criosta ann an gloir Dhe an t-Athair. 12 Uime sin, a mhuinntir mo mhor ghraidh (mar a bha sibh umhailt riamh), cha n-ann a mhain ʼs mi san lathair, ach moran nas mua nis ʼs mi as an lathair, oibrichibh ur sabhaladh le fiamh ʼs le ball-chrith. 13 Oir se Dia, a tha g-oibreachadh unnaibh an toil mar-aon ʼs an gniomh, a reir a dheagh thoil fhein. 14 Dianaibh ma ta a h-uile ni gun ghearan ʼs gun ag: 15 Los gum bi sibh neo-chiontach, ʼs ʼnur cloinn aon-fhillte do Dhia, gun chron am miadhon sluaigh, a tha coirbte agus fiar, sibhse a tha soillseachadh ʼnam measg mar sholus an t-saoghail, 16 A gleidheadh facal na beatha gu mo ghloir-sa ann an latha Chriosta, a chionn nach do ruith mi gun fheum, ʼs nach dʼ oibrich mi gun fheum, 17 Seadh agus ma dhʼ iobrar mi air iobairt us seirbhis ur creidimh-sa, bithidh aoibhneas orm, us ni mi co-aighear maille ribh uile. 18 Agus air son an ni chiadna biodh aoibhneas oirbhse cuideachd, ʼs dianaibh aighear comhla riumsa. 19 Agus tha mi an dochas anns an Tighearna Iosa, gun cuir mi Timoti gu h-aithghearr gu ʼr n-ionnsuidh; los gum bi mise cuideachd ann an deagh ghean, nuair gheobh mi fios ciod is cor dhuibhse. 20 Oir cha n-eil duine agam cho aon-inntinneach, aig a bheil ro-churam dhibhse le fior ghradh. 21 Oir tha iad uile g-iarraidh nan nichean is leo fhein, cha n-iad nan nichean is le Iosa Criosta. 22 Agus tuigibh dearbhadh air, chionn, mar mhac dha ʼathair, rinn esan seirbhis maille riumsa san t-soisgeul. 23 Tha mi an dochas ma ta esan a chur gu ʼr n-ionnsuidh, cho luath ʼsa chi mi ciod a dhʼ eirgheas dhomh. 24 ʼS tha mi g-earbsa anns an Tighearna, gun tig mi fhein gu h-athghoirid gu ʼr n-ionnsuidh. 25 Ach chunnaic mi iomchuidh Epaphroditus, mo bhrathair, mo cho-oibriche, ʼs mo cho-shaighdear, agus ur n-ostal-sa, agus fear-frithealaidh mʼ uireasuidh, a chur gu ʼr n-ionnsuidh: 26 Oir gu dearbh bha e fad an deidh oirbh uile; ʼs bha duilichinn air, a chionn gun cuala sibh gun robh e tinn. 27 Oir gu fior bha e tinn ʼs ri uchd a bhàis: ach rinn Dia iochd ris: ʼs cha n-ann ris-san a mhain, ach riumsa cuideachd, eagal bròn air muin bròin a thighinn orm. 28 As leth so chuir mi air adhart e na bu luaithe, gu aighear a bhith oirbh ri fhaicinn a rithist, ʼs gus mise bhith gun mhulad. 29 Gabhaibh ris ma ta leis a h-uile aighear anns an Tighearna, ʼs biodh a leithid ann an urram agaibh: 30 A thaobh gur h-ann as leth obair Chriosta a thainig e gu uchd a bhàis, a toirt seachad a bheatha, los na bha dhith air ur dleasnas domhsʼ a choimhlionadh. |