Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Philipianach 1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


I. CHAIBIDEAL. Gaol an ostail air muinntir Philippi.

1 Pol us Timoti, seirbhisich Iosa Criosta, do na naoimh uile ann an Iosa Criosta, a thʼ ann am Philippi, maille ris na h-easbuigean ʼs na deaconan.

2 Grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.

3 Tha mi toirt taing do mʼ Dhia a h-uile uair a chuimhnicheas mi oirbh,

4 Daonnan na mʼ urnaighean uile a guidhe air ur son gu leir le aoibhneas,

5 Air son ur co-chomuinn ann an soisgeul Chriosta bho ʼn chiad latha gus a nis:

6 A g-earbsa so fhein, gun dian esan, a thòisich an deagh obair, a coimhlionadh gu latha Iosa Criosta:

7 Mar a tha e ceart dhomhsa so a smaoineachadh mu ʼr deidhinn uile, ʼs gum beil sibh agam na mʼ chridhe, ʼs na mʼ chuibhrichean, ʼs ann an dion, ʼs an daingneachadh an t-soisgeil, gum beil sibh uile ʼnur luchd comhphairt na mʼ shòlas:

8 Oir se Dia mʼ fhianuis air cho mor ʼsa tha mo dheidh oirbh uile ann an innibh Iosa Criosta.

9 Agus se so tha mi guidhe, gum miadaich ur carrantachd nas mua ʼs nas mua ann an eolas, agus anns a h-uile tuigse,

10 Gus an raghnaich sibh na nichean is fhearr; los gum bi sibh treibhdhireach ʼs gun choire gu latha Iosa Criosta,

11 Air ur lionadh le toradh a cheartais tromh Iosa Criosta gu gloir ʼs gu moladh Dhe.

12 A nis, a bhraithre, is math leam fios a bhith agaibh, gum beil na tha tachairt dhomhsa a tighinn a thaobh coltais gu leasachadh an t-soisgeil;

13 Air chor ʼs gum beil mo cheanglaichean ann an Criosta follaiseach sa chùirt uile, agus anns gach aite eile;

14 ʼS gum beil moran de na braithrean san Tighearna a gabhail misnich, bho mo cheanglaichean-sa, gu facal De a labhairt le barrachd danadais gun ghioraig.

15 Tha cuid gu dearbh tromh fharmad agus chomh-stri; agus cuid eile le toil mhath a searmonachadh Chriosta;

16 Cuid bho charrantachd, us fios aca gun deachaidh mo chur air son dion an t-soisgeil:

17 Ach tha cuid bho chonas a searmonachadh Chriosta gu neo-threibhdhireach, ann am beachd leasachadh craidh a chur ri mo chuibhrichean.

18 Ach dé an omhail? Fhad ʼsa thathas air a h-uile cor, biodh e le fàth no le firinn, a toirt eolais air Criosta; as leth so tha mi aoibhneach, seadh, us bithidh mi aoibhneach.

19 Oir is aithne dhomh gun tionndaidh so gu mʼ shabhaladh tromh ur n-urnaighse, agus tromh chuideachadh Spiorad Iosa Criosta,

20 A reir mo dhuil-sa agus mo dhochais, nach naraichear air aona chor mi: ach leis a h-uile earbsa a nis, mar riamh, gun ardaichear Criosta na mʼ chorpsa, co-dhiu ʼsann tromh mo bheatha no tromh mo bhàs.

21 Oir dhomhsʼ a bhith beo se Criosta, ʼsa bhith marbh buannachd.

22 Agus ma se ʼs gun toir a bhith beo san fheoil toradh mo shaothrach domh, ciod a raghnaicheas mi, cha n-aithne dhomh.

23 Ach tha mi air mo theannachadh eadar an dà chuid: an deidh a thʼ agam a bhith air mʼ fhuasgladh, ʼsa bhith maille ri Criosta, se gu fad moran is fhearr:

24 Ach se fuireach san fheoil, a tha riatanach air ur sonsa.

25 ʼS le mʼ earbsa a bhith mar so, tha brath agam gum fan ʼs gum fuirich mi fada maille ribh uile, gus ur leas, ʼs gu solas a chreidimh,

26 Gus ur n-aighear a bhith nas pailte ann an Iosa Criosta air mo shonsa, le mi thighinn uair eile gu ʼr n-ionnsuidh.

27 A mhain biodh ur caithe-beatha freagrach do shoisgeul Chriosta; air chorʼs co-dhiu thig mi ʼsa chi mi sibh, no as an lathair gun cluinn mi mu ʼr deidhinn, gum beil sibh a seasamh gu daingeann ann an aon spiorad, a dhʼ aon inntinn a co-oibreachadh air son creideamh an t-soisgeil;

28 Agus na gabhaibh a bheag a dhʼ eagal roimh naimhdean: ni a tha ʼna aobhar ditidh dhaibhse, ach dhuibhse ʼna aobhar sabhalaidh, agus so bho Dhia:

29 Oir thugadh dhuibhse air son Chriosta, cha n-e a mhain gun creid sibh ann, ach cuideachd gum fuilig sibh as a leth:

30 An cath ciadna agaibh, a chunnaic sibh unnamsa, ʼsa tha sibh a nis air cluinntinn mu thimchioll.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan