Mata 9 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875IX. CAIB. Criosla a leigheas na crithe, a gairm Mhatu, a leigheas na te air an robh siubhal fala, a toirt beo nighean Iaruis, a toirt fradhairc do dhithis dhall, ʼsa leigheas balbhain anns an robh deomhan. 1 ʼSa dol a stigh do bhàta, chaidh e thairis, us thainig e gu bhaile fhein. 2 Agus, seall, thug iad ga ionnsuidh fear air an robh an tinneas-critheach ʼna laidhe air leabaidh. Agus Iosa faicinn an creidimh, thuirt e ris an fhear air an robh a chrith: Biodh misneach agad, a mhic, tha do pheacannan mathte dhut. 3 Agus, seall, thuirt cuid dhe na Sgriobhaich riu fhein: Tha e labhairt blaisbheum. 4 Agus Iosa faicinn an smaointean, thuirt e: Car-son a tha sibh a smaoineachadh air olc ʼnur cridheachan? 5 Co dhiu is fhasa radh: Tha do pheacannan mathte dhut; no gh-radh: Eirich agus coisich? 6 Ach air chor ʼs gum bi fios agaibh, gum beil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (an sin thuirt e ri fear na crithe): Eirich, tog do leabadh, us falbh gu do thigh. 7 Agus dhʼeirich e, us dhʼ fhalbh e gu thigh. 8 Agus an sluagh a faicinn so, ghabh iad eagal us thug iad gloir do Dhia, a thug a leithid so de chomas do dhaoine. 9 Agus nuair a thriall Iosa as a sin, chunnaic e fear dhaʼm bʼainm Matu ʼna shuidhe an tigh-na-cise. Us thuirt e ris: Lean mise. ʼSa g-eirigh, lean e e. 10 Us thachair nuair a bha e ʼna shuidhe aig biadh san tigh, seall, thainig moran chismhaor us pheacach, agus shuidh iad maille ri Iosa, ʼs ri dheisciopuil. 11 Agus nuair chunnaic na Phairisich so, thuirt iad ri dheisciopuil: Car-son a tha ur maighistir a g-ithe comhla ri cismhaoir ʼs ri peacaich? 12 Ach thuirt Iosa, ʼs e cluinntinn so: Cha n-eil feum aig daoine slan air leigh, ach aig daoine tinne. 13 Ach falbhaibh agus ionnsaichibh ciod is ciall dha so: Is aill leam trocair, ʼs cha n-e iobairt. Oir cha tainig mi a ghairm nan naomh, ach nam peacach. 14 An sin thainig deisciopuil Eoin ga ionnsuidh, a g-radh: Car-son a tha sinne ʼs na Phairisich a trasgadh gu tric, ʼs nach eil do dheisciopuil-se a trasgadh? 15 Us thuirt Iosa riu: An urrainn do fhleasgaich fear-na-bainnse a bhith ri cumha fhad ʼsa bhios fear-na-bainnse maille riu? Ach thig na lài anns an toirear fear-na-bainn-se bhuapa: agus an sin ni iad traisg. 16 Agus cha chuir neach air bith breid de dhʼaodach ùr air seann eideadh: oir bheir e ʼliad fhein as an eideadh, us bithidh an stracadh nas miosa. 17 Cha mhua chuireas iad fion ùr an seann searragan; air-neo sgàinidh na searragan, us doirtear am fion, agus caillear na searragan. Ach thathas a cur fiona ùir an searragan ùra, agus tiarnar an dà chuid. 18 Nuair bha e labhairt so riu, seall, thainig uachdran àraidh h-uige, us thug e aoradh dha, a g-radh: A Thighearna, chaochail mo nighean san uair so, ach thig-se, cuir do lamh oirre, agus thig i beo. 19 Us Iosa a g-eirigh, lean e e, agus a dhiesciopuil. 20 Agus, seall, boirionnach air an robh siubhal fala fad dà bhliadhna-dhiag a tighinn air a chulaobh, bhean i do dhʼfhaitheam eididh. 21 Oir thuirt i rithe fhein: Ma bheanas mi a mhain dha eideadh, bithidh mi slan. 22 Ach Iosa a tionndadh ʼs ga faicinn, thuirt e: Biodh misneach agad, a nighean, rinn do chreideamh slan thu. Us bha ʼm boirionnach slan bho ʼn uair sin. 23 Agus nuair a thainig Iosa gu tigh an uachdrain, ʼsa chunnaic e an luchd-ciuil ʼsa chuideachda ri toirm mhoir, thuirt e: 24 Rachaibh as an rathad: oir cha n-eil a chaileag marbh, ach ʼna cadal. Us rinn iad gaire-fanaid air. 25 ʼS nuair a chuireadh a mach a chuideachda, chaidh e stigh: agus rug e air laimh oirre. Us dhʼeirich a chaileag. 26 Agus sgaoil iomradh air so feadh na ducha sin gu leir. 27 ʼS nuair a thriall e as a sin, lean dithis dhall e, a g-eigheach, ʼsa cantuinn: Gabh truas ruinn, a Mhic Dhài. 28 Agus nuair a thainig e thun an tighe, thainig na doill ga ionnsuidh. Us thuirt Iosa riu: Am beil sibh a creidsinn gur urrainn domh so dhianamh dhuibh? Tha, a Thighearna, arsa iadsan ris. 29 An sin bhean e dhaʼn suilean, a g-radh: Biodh e dhuibh a reir ur creidimh. 30 Us dhʼfhosgladh an suilean. Agus mhaoidh Iosa orra, a g-radh: Faicibh nach fhaigh neach air bith fios air so. 31 Ach dhʼfhalbh iadsan, agus sgaoil iad a chliu feadh na duthcha sin uile. 32 ʼS an deigh dhaibhse falbh, seall, thug iad ga ionnsuidh balbhan, anns an robh deomhan. 33 Agus nuair a chuireadh a mach an deomhan, labhair am balbhan, agus ghabh an sluagh iongantas, a cantuinn: Cha n-fhacas riamh leithid so an Israel. 34 Ach thuirt na Phairisich: ʼSann le prionnsa nan deomhan a tha e cur a mach dheomhan. 35 Us dhʼimich Iosa mun cuairt feadh nan caithrichean ʼs nam bailtean uile, a teagasg ʼnan sinagogan, ʼsa searmonachadh soisgeul na rioghachd, ʼsa leigheas a h-uile eugail, ʼsa h-uile easlaint. 36 ʼSa faicinn an t-sluaigh ghabh e truas riu: a chionn ʼs gun robh iad air an sarachadh ʼs ʼnan laidhe mar chaoraich gun bhuachaille. 37 An sin thuirt e ri dheisciopuil: Tha ʼm foghar ga rireamh pailt, ach an luchd-oibre gann. 38 Uime sin guidhibh air Tighearna an fhoghair, e chur luchd-oibre gu fhoghar fhein. |