Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 7 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VII. CAIB. An treas earrann den t-searmoin air a bheinn.

1 Na tugaibh breth, ʼs cha toirear breth oirbh.

2 Oir a reir na breth a bheir sibh, bheirear breth oirbh: ʼsa reir an tomhais leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh air ais.

3 Agus car-son a tha thu faicinn a chaimein an suil do bhrathar, ʼs nach leir dhut an t-sail na dʼshuil fhein?

4 No ciamar a their thu ri do bhrathair: Leig dhomh an caimein a thoirt á do shuil: us, seall, tha sail na dʼshuil fhein?

5 A chealgaire, spion an toiseach an t-sail á do shuil fhein, us chi thu an sin an caimein a thoirt á suil do bhrathar.

6 Na tugaibh ni naomh do na coin; cha mhua chuireas sibh ur seudan priseil air bialaobh mhuc, eagal ma dhʼ fhaoidte gun saltair iad orra leʼn casan, agus a tionndadh gun riab iad sibhse.

7 Iarraibh, agus bheirear dhuibh; siribh, agus gheobh sibh: buailibh, agus fosglar dhuibh.

8 Oir gach aon a dhʼiarras, bheirear dha; ʼs am fear a shireas, gheobh e: agus do ʼn fhear, a bhuaileas, fosglar.

9 Oir co am fear agaibhse, ma dhʼiarras a mhac aran air, a shineas clach dha?

10 No ma dhʼiarras e iasg, an sìn e nathair dha?

11 Ma ʼs aithne dhuibhse ma ta, a tha olc, dea-thiodhlaicean a thoirt dha ʼr cloinn: nach mor nas mua na sin a bheir ur n-Athair, a tha air neamh, nichean matha dhaibhse a dhʼiarras iad air?

12 A h-uile ni ma ta bu mhath leibh daoine a dhianamh dhuibh, dianaibh dhaibh. Oir se so an lagh agus na faidhean.

13 Rachaibh a stigh air a gheata chumhann: a chionn gur leathan an geata ʼs gur farsuinn an rathad, a tha gabhail gu sgrios, agus is lionor iad a tha dol a stigh air.

14 Nach cumhann an geata, ʼs nach aimhlean an rathad, a tha gabhail gu beatha, agus nach tearc iad a tha g-amas air!

15 Bithibh air ur faicill roi fhaidhean-breige, a thig gu ʼr n-ionnsuidh an eideadh chaorach, ach air an taobh-stigh is madaidhean-alluidh riabach iad.

16 Air an toradh aithnidh sibh iad. An tionailear dearcan-fiona dheʼn droighionn, no figisean dhe na drisean?

17 Mar sin bheir a h-uile deagh chraobh a mach deagh mheas: ach bheir droch chraobh a mach droch mheas.

18 Cha n-urrainn deagh chraobh droch mheas a thoirt a mach: cha mhua ʼs urrainn droch chraobh deagh mheas a thoirt a mach.

19 A h-uile craobh nach toir a mach deagh mheas, gearrar sios i, agus tilgear san teine i.

20 Uime sin air am meas aithnidh sibh iad.

21 Cha teid a h-uile fear a their riumsa, a Thighearna, a Thighearna, a stigh do rioghachd fhlathanais: ach se am fear a ni toil mʼAthar, a tha air neamh, a theid a stigh do rioghachd fhlathanais.

22 Their moran rium san latha sin: A Thighearna, a Thighearna, nach dʼrinn sinn faisneachd ad ainm, ʼs nach do thilg sinn a mach deomhain ad ainm, ʼs nach dʼrinn sinn moran mhiarailtean ad ainm?

23 Agus an sin their mi riu: Cha bʼaithne dhomh riamh sibh: deilichibh rium, a luchd-dianamh an uilc.

24 Air an aobhar sin, h-uile h-aon a chluinneas na briathran so agamsa, ʼsa ni iad, samhlaichear e ri duine glic, a thog a thigh air creig;

25 Agus shil an t-uisge, us thainig na tuiltean, us sheid na gaoithean, agus bhuail iad ris an tigh sin, ʼs cha do thuit e, oir bha e air a steidheachadh air carraig.

26 Agus gach aon a chluinneas iad so mo bhriathran-sa, ʼs nach dian iad, tha e coltach ri duine gorach, a thog a thigh air a ghainmhich:

27 Agus shil an t-uisge, us thainig na tuiltean, us sheid na gaoithean, agus bhuail iad ris an tigh sin, us thuit e; agus bu mhor an sgrios a bhʼaige.

28 Agus thachair nuair a chriochnaich Iosa na briathran so, guna ghabh an sluagh iongantas ri theagasg.

29 Oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, ʼs cha n-ann mar na Sgriobhaich aca agus na Phairisich.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan