Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


VI. CAIB. An darna earrann deʼn t-searmoin air a bheinn.

1 Thugaibh an aire nach dian sibh ur ceartas an lathair dhaoine, gus sibh a bhith air ur faicinn leo: air-neo cha bhi duais agaibh bhoʼr n-Athair, a tha air neamh.

2 Uime sin nuair a bheir thu seachad deirc, na seid trombaid romhad, mar a tha na cealgairean a dianamh sna sinagogan, agus air na straidean, gus iad a dhʼfhaighinn onair bho dhaoine. Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, fhuair iad an duais.

3 Ach nuair bheir thusa seachad deirc, na biodh fios aig do laimh chli ciod tha do lamh dheas a dianamh:

4 Los gum bi do dheirc an uaigneas, agus bheir tʼAthair, a chi an uaigneas, duais dhut.

5 Agus nuair a ni sibhse urnaigh, na bithibh mar na cealgairean, leis an toil urnaigh a dhianamh ʼnan seasamh sna sinagogan ʼs aig oisinnean nan straidean, los gum faicear le daoine iad: Gu deimhinn, tha mi g-radh ribh, fhuair iad an duais.

6 Ach thusa nuair a ni thu tʼ urnaigh, theirig a stigh dha dʼ sheomar, ʼsa dunadh an doruis dian urnaigh ri tʼAthair an uaigneas: agus tʼAthair, a chi ann an uaigneas, paidhidh e thu.

7 Agus nuair ni sibh urnaigh, na abraibh moran, mar na cinnich: oir tha duil aca-san le moran a radh gum faigh iad eisdeachd.

8 Na bithibh ma ta coltach riu, oir ʼs aithne dha ʼr n-Athair na tha feumail dhuibh muʼn iarr sibh air e.

9 ʼSann mar so ma ta ni sibh urnaigh: Ar n-Athair, a tha air neamh, gum bu naomh a bhios tʼainm.

10 Gun tigeadh do rioghachd. Gun dianar do thoil air talamh, mar a thathas ga dianamh air neamh.

11 Thoir dhuinn an diugh ar n-aran lathail.

12 Agus math dhuinn ar fiachan, mar a mhathas sinn do luchd-ar-fiach.

13 ʼS na leig ann am buaireadh sinn. Ach saor sinn bho ʼn olc. Amen.

14 Oir ma mhathas sibh an ciontan do dhaoine, mathaidh ur n-Athair air neamh ur ciontan fhein dhuibhse.

15 Ach mur math sibh do dhaoine, cha mhua mhathas ur n-Athair ur ciontan dhuibh fhein.

16 Agus nuair a ni sibh traisg, na bithibh dubhach mar na cealgairean: oir duaichnichidh iadsan an aodann, gus fhiachuinn do dhaoine gu bheil iad a trasgadh. Gu deimhinn, tha mi g-radh ribh, fhuair iad an duais.

17 Ach nuair a thraisgeas tusa, ung do cheann, us nigh tʼaodann;

18 Gus nach faicear le daoine thu ri traisg, ach le tʼAthair, a tha an uaigneas: agus tʼAthair, a tha an uaigneas, ath-dhiolaidh e dhut.

19 Na taisgibh dhuibh fhein iuntas air talamh, far an caith a mheirg ʼs an reudan, agus far am brist meirlich a stigh ʼs an goid iad.

20 Ach taisgibh dhuibh fhein iuntas am flathanas: far nach caith a mheirg no an reudan, agus far nach brist meirlich a stigh, ʼs nach goid iad.

21 Oir far am beil tʼ iuntas, ʼsann an sin tha do chridhe mar an ciadna.

22 Si do shuil solus do choluinne. Ma bhitheas do shuil glan bithidh do cholunn uile soilleir.

23 Ach ma bhios do shuil olc, bithidh do cholunn uile dorcha. Le sin ma tha an solus a tha unnad ʼna dhorchadas, nach mor an dorchadas a bhios an sin!

24 Cha n-urrainn do dhuine sam bith dà mhaighistir a sheirbhiseachadh. Oir bheir e fuath doʼn darna fear, us gaol do ʼn fhear eile; no cuiridh e suas ris an darna h-aon, us ni e diu de ʼn aon eile. Cha n-urrainn dhuibh seirbhis a dhianamh do Dhia ʼs do mhammon.

25 Uime sin deiream ribh, na biodh iomaguin oirbh mu ʼr beatha, ciod a dhʼitheas sibh, no mu ʼr coluinn, ciod a chuireas sibh oirbh. Nach mua a bheatha na ʼm biadh, ʼs nach mua a cholunn na ʼn t-aodach?

26 Seallaibh air ianlaith an athair, oir cha n-eil iad a cur, no buain, no cruinneachadh gu saibhlean: ʼs tha ur n-Athair neamhaidh gam beathachadh. Nach mua luach gu mor sibhse na iadsa?

27 Us co agaibh le smaoineachadh is urrainn aon lamh-choille a chur ri airde fhein?

28 Agus mu aodach car-son a tha sibh fo imcheist? Gabhaibh beachd air lilidhean an achaidh mar a tha iad a fàs: cha n-eil iad ri saothair no ri sniomh.

29 Ach tha mise radh ribh nach robh Solomon fhein ʼna uile ghloir air eideadh coltach ri h-aon dhiu so.

30 A nis ma tha Dia a sgeadachadh mar so fiar an achaidh, a tha an diugh ann, ʼsa thilgear am maireach san àmhuinn: nach mor is mua sibhse, a dhaoine air bheag creidimh?

31 Na bithibh ma ta fo churam, a g-radh: Ciod a dhʼitheas sinn, no ciod a dhʼolas sinn, no ciod a chuireas sinn oirnn?

32 Oir iad so uile tha na cinnich a g-iarraidh. Oir tha fios aig ur n-Athair gum beil feum agaibh air na nichean sin uile.

33 Air an aobhar sin iarraibh an toiseach rioghachd Dhe ʼs a cheartas-san, agus bheirear iad sin uile dhuibh a bharrachd.

34 Uime sin na biodh iomaguin oirbh muʼn là maireach; oir bithidh an latha maireach curamach uime fhein. Is leor doʼn latha ʼolc fhein.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan