Mata 4 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875IV. CAIB. Tha Criosta trasgadh; air a bhuaireadh; a teannadh ri teagasg; a taghadh a dheisciopul; ʼsa dianamh mhiarailtean. 1 An sin chaidh Iosa stiuradh leis an Spiorad doʼn fhasach, gus e bhith air a bhuaireadh leis an aibhistear. 2 ʼS nuair a thraisg e dàfhichead latha agus dàfhichead oidhche, an deigh sin bha acras air. 3 ʼS am buaireadair a tighinn, thuirt e ris: Maʼs tu Mac De, orduich do na clachan so a bhith ʼnan aran. 4 Os esan, a freagairt: Tha e sgribhte: Cha n-ann air aran a mhain a thig an duine beo, ach air a h-uile facal a thig a mach á bial De. 5 An sin thug an deomhan suas e gus am baile naomh, agus chuir e air binnein an teampuill e, 6 Agus thuirt e ris: Ma ʼs tu Mac De, tilg thu fhein sios: oir tha e sgribhte: Thug e fainte dha ʼainglean mu dʼ dheidhinn, us togaidh iad suas ʼnan lamhan thu, eagal ma dhʼfhaoidte gum buail thu do chas an aghaidh cloiche. 7 Thuirt Iosa ris: Tha e sgribhte rithist: Na buair an Tighearna do Dhia. 8 Thug an deomhan e rithist gu beinn gle ard, agus dhʼfhiach e dha rioghachdan an domhain uile agus an gloir, 9 Us thuirt e ris: Iad so uile bheir mi dhut, ma thuiteas tu sios agus aoradh a thoirt domh. 10 An sin thuirt Iosa ris: Gabh romhad, a shatain: oir tha e sgribhte: Doʼn Tighearna do Dhia bheir thu aoradh, agus dhasan a mhain ni thu seirbhis. 11 An sin dhʼfhag an deomhan e; agus, seall, thainig ainglean, agus fhreasdail iad dha. 12 Ach nuair a chual Iosa, gun do ghlacadh Eoin, dhʼfhalbh e do Ghalile. 13 ʼSa fagail baile Nasareth, thainig e agus ghabh e comhnuidh ann an Capharnaum ri taobh na mara, an criochan Shabuloin agus Nephtalim: 14 Gus an ni, a thuirt am faidh Isaias, a choimhlionadh: 15 Talamh Shabuloin us talamh Nephtalim ri oir na mara air taobh thall Iordain, Galile nan Cinneach: 16 Am pobull a shuidh an dorchadas, chunnaic iad solus mor: us dhaibhse, a shuidh an tir sgàil a bhais, dhʼeirich solus. 17 Bhoʼn àm sin thòisich Iosa ri teagasg, ʼs ri radh: Dianaibh peanas, oir tha rioghachd De faisg. 18 Us nuair a bha Iosa g-imeachd ri taobh muir Ghalile, chunnaic e dithis bhraithrean, Simon dhaʼn ainm Peadar, agus Aindris a bhrathair, a cur lin sa mhuir (oir bʼiasgairean iad). 19 Us thuirt e riu: Leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh. 20 Agus ghrad-dhʼfhag iad na lin, us lean iad e. 21 ʼSa falbh as a sin, chunnaic e dithis bhraithrean eile, Seumas mac Shebede, agus Eoin a bhrathair, ann am bàta maille riʼn athair Sebede, a càradh an lion: agus ghairm e iad. 22 ʼS air ball dhʼfhag iad an lin agus an athair, us lean iad e. 23 Agus dhʼimich Iosa mun cuairt feadh Ghalile uile, a teagasg ʼnan sinagogan, ʼsa searmonachadh soisgeul na rioghachd, ʼsa leigheas a h-uile gné thinnis, ʼsa h-uile easlaint am measg an t-sluaigh. 24 Agus sgaoil a chliu feadh Shiria uile, us thug iad ga ionnsuidh an sluagh tinn uile, a bha air am pianadh le iomadh aiceid agus doruinn, us iadsan anns an robh deomhain, us iadsan air an robh an caothach, us iadsan air an robh a chrith, agus leighis e iad. 25 Agus lean cuideachda mhor e bho Ghalile, ʼs bho Dhecapolis, bho Ierusalem ʼs bho Iudéa, ʼs bho thaobh thall Iordain. |