Mata 27 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XXVII. CAIB. A chuid eile de phais Chriosta: a bhàs, agus a thiodlacadh. 1 ʼS nuair a thainig a mhaduinn, ghabh na h-ard-shagairt uile agus seanairean an t-sluaigh comhairle an aghaidh Iosa, gus a chur gu bàs. 2 Agus thug iad leo e an ceangal, agus liubhair iad e do Phontius Pilat, an t-uachdran. 3 An sin Iudas, a bhrath e, a faicinn gun deach a dhiteadh, ghabh e aithreachas, agus thug e air ais na deich buinn fhichead airgid do na h-ard-shagairt ʼs do na seanairean, 4 A g-radh: Pheacaich mi le fuil neochiontach a bhrath. Ach thuirt iadsan: Ciod e sin dhuinne? seall thusa ris. 5 ʼSa tilgeadh sios na buinn airgid san teampull, thug e e fhein as; ʼsa falbh chroch e e fhein le taod. 6 Agus na h-ard-shagairt a gabhail na buinn airgid, thuirt iad: Cha chòir an cur anns an ionmhas: a chionn gur pris fala iad. 7 ʼS an deigh an comhairle a chur ri cheile, cheannaich iad leo achadh a chriadhadair air son cladha choigreach. 8 ʼSann air son sin a theirear Haceldama ris an achadh sin, se sin, achadh na fala, gus an latha an diugh. 9 An sin choimhlionadh na labhradh leis an fhaidh Ieremias, a g-radh: Us ghabh iad na deich buinn fhichead airgid, pris an fhir a mheasadh, ʼs air na chuir iad pris de chloinn Israil. 10 Agus thug iad air son achadh a chriadhadair iad, air reir ʼs mar a dhʼorduich an Tighearna dhomhsa. 11 Us sheas Iosa air bialaobh an uachdrain, agus dhʼfharraid an t-uachdran deth, a g-radh: An tusa righ nan Iudhach? Ars Iosa ris: Thuirt thu e. 12 ʼS nuair a chuir na h-ard-shagairt ʼs na seanairean coire as a leth, cha do fhreagair e ni sa bith. 13 An sin thuirt Pilat ris: Nach eil thu cluinntinn co liuthad ni, a tha iad a toirt mar fhianuis na tʼaghaidh? 14 Agus cha tug e freagairt dha fiu facail, air chor ʼs gum bʼanabarrach an t-ioghnadh a ghabh an t-uachdran. 15 A nis air latha na feille bʼabhuist doʼn uachdran a leigeil mu sgaoil do ʼn t-sluagh aon phriosanach air bith a bʼàill leo. 16 A nis sa cheart àm bha priosanach comharraichte aige, dhaʼm bʼainm Barabbas. 17 Bho na bha iadsa ma ta cruinn, thuirt Pilat: Co is aill leibh mi leigeil mu sgaoil dhuibh, an e Barabbas, no Iosa ris an canar Criosta? 18 Oir bha fios aige gum bʼann tre fharmad a liubhair iad seachad e. 19 ʼS nuair a bha e ʼna shuidhe air cathair a bhreitheanais, chuir a bhean ga ionnsuidh, a g-radh: Na biodh idir gnothach agad ris an duine ionraic sin: oir dhʼfhuilig mise moran air a shon an diugh ann am bruadar. 20 Ach thug na h-ard-shagairt ʼs na seanairean comhairle air an t-sluagh, Barabbas iarraidh, ach Iosa chur gu bàs. 21 Agus an t-uachdran a freagairt, thuirt e riu: Co dheʼn dithis is math leibh leigeadh as dhuibh? Agus thuirt iadsa: Barabbas. 22 Thuirt Pilat riu: Ciod ma ta ni mi ri Iosa, ris an canar Criosta? 23 Fhreagair iad uile: A cheusadh. Thuirt an t-uachdran riu: Ach ciod an t-olc a rinn e? Ach ʼsann is mua dhʼeigh iad, a g-radh: Ceusar e. 24 Ach Pilat a faicinn nach robh e a cosnadh dad, ach gur ann is mua a bha am buaireas a fàs, ghabh e uisge, agus nigh e a lamhan an lathair an t-sluaigh, a g-radh: Tha mise neochiontach de dhʼfhuil an duine ionraic so: seallaibhse ris. 25 Agus an sluagh uile freagairt, thuirt iad: Biodh fhuil oirnne agus air ar cloinn. 26 An sin leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh: ach liubhair e Iosa dhaibh, an deigh a sgiursadh, gus a cheusadh. 27 An sin thug saighdearan an uachdrain Iosa leo doʼn talla, agus thionail iad a bhuidheann uile mun cuairt da. 28 Agus ga rusgadh, chuir iad cleochd sgarlaid uime. 29 ʼSa fighe crun dreighinn, chuir iad air a cheann e, agus cuilc ʼna laimh dheis. ʼSa lùbadh an glun air a bhialaobh, rinn iad fanaid air, a g-radh: Fàilt ort, a righ nan Iudhach. 30 ʼSa caitheamh smugaidean air, rug iad air a chuilc, agus bhuail iad sa cheann e. 31 ʼS an deigh dhaibh fanaid a dhianamh air, thug iad dheth an cleochd, agus chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh. 32 ʼSa dol a mach fhuair iad duine bho Chirene, dhaʼm bʼainm Simon: thug iad airsan a chrois a ghiùlan. 33 Us thainig iad gu aite ris an canar Golgotha, se sin, ionad Chalbhari. 34 ʼS thug iad dha ri ol fion measgte le domblas. Agus nuair a bhlais e e, cha bʼaill leis ol. 35 Agus an deigh dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach a tilgeadh chrann; gus an ni a labhradh leis an fhaidh a choimhlionadh a g-radh: Roinn iad mʼaodach eatorra, agus air mʼeideadh uachdrach thilg iad croinn. 36 Agus a suidhe sios, rinn iad faire air. 37 Agus chuir iad a chùis-dhitidh sgribhte fos cionn a chinn: Se so Iosa Righ Nan Iudhach. 38 An sin cheusadh comhla ris dà mheirleach, fear air a laimh dheis, us fear air a laimh chli. 39 Agus thug iadsan, a bha gabhail seachad, toibheum dha, a crathadh an cinn, 40 ʼSa g-radh: A! thusa a leagas teampull De, agus an tri latha a thogas e rithist, teasraig thu fhein: ma ʼs tu Mac De, thig a nuas bhoʼn chrois. 41 Air an alt chiadna thuirt na h-ard-shagairt, maille ris na Sgriobhaich ʼs ris na seanairean, a magadh air: 42 Shabhail e feadhainn eile, e fhein cha n-urrainn e shabhaladh: ma se righ Israil e, thigeadh e nis a nuas bhon chrois, agus creididh sinn e: 43 Chuir e earbsa ann an Dia: tiarnadh e nis e, ma tha toil aige dha; oir thuirt e: Is mi Mac Dhe. 44 Agus mar an ciadna thug na meirlich, a cheusadh comhla ris, taire dha. 45 A nis bhoʼn t-siathamh uair gus an naoitheamh uair bha dorchadas air an talamh uile. 46 Agus muʼn naoitheamh uair dhʼeigh Iosa le gu ard, a g-radh: Eli, Eli, lamma sabacthani? se sin: Mo Dhia, mo Dhia, car-son a threig thu mi? 47 Us thuirt cuid a bha ʼnan seasamh an sin, ʼsa cluinntinn: Tha e so a gairm Eliais. 48 Agus ruith fear dhiu san uair, ʼsa breith air spuing lion e le fion-geur i, us chuir e air cuilc i; agus thairg e dha ri ol. 49 Ach thuirt càch: Leig leis, fiach am faic sinn an tig Elias gus a theasraiginn. 50 Agus Iosa a g-eigheach a rithist le guth ard, thug e suas an spiorad. 51 Agus, seall, sthracadh cuirtein an teampuill ʼna dhà bhloigh, bho bhraighe gu iochdar: agus chrith an talamh, agus sgain na creagan. 52 Us dhʼfhosgladh na h-uaighean, agus dhʼeirich moran de chuirp nan naomh, a bha ʼnan cadal. 53 ʼSa tighinn a mach as na h-uaighean an deigh aiseirighse, thainig iad do ʼn bhaile naomh, agus chunnacas le moran iad. 54 A nis nuair a chunnaic an ceannard-ciad, us iadsan a bha cuide ris, a cumail faire air Iosa, a chrith-thalmhuinn ʼs na nichean a thachair, ghabh iad eagal mor, a g-radh: Gu firinneach bʼe so Mac Dhe. 55 Agus bha an sin moran bhoirionnach fad as, a lean Iosa bho Ghalile, a frithealadh dha: 56 Bʼann dhiu sin Mairi Magdalen, agus Mairi, mathair Sheumais us Ioseiph, agus mathair mic Shebede. 57 ʼS nuair bhaʼm feasgar ann, thainig duine beartach àraid bho Arimatéa dha ʼm bʼainm Ioseph, a bha e fhein ʼna dheisciopul do Iosa. 58 Chaidh esan gu Pilat, agus dhʼiarr e corp Iosa, An sin dhʼorduich Pilat an corp a thoirt da. 59 Agus Ioseph a gabhail a chuirp, phaisg e ann an annart glan e. 60 Us chuir e ʼna uaigh ùir fhein e, a bha e air gearradh ann an creig. Agus charaich e clach mhor gu dorus na h-uaighe, us dhʼfhalbh e. 61 Agus bha Mairi Magdalen agus a Mhairi eile ʼnan suidhe an sin mu choinneamh na h-uaghach. 62 Agus an ath latha, a tha an deigh an deasachaidh, chruinnich na h-ard-shagairt agus na Phairisich gu Pilat, 63 A g-radh: A thighearna, tha cuimhne againn, gun tuirt am mealltair ud, ʼs e fhathast beo: An ceann thri laithean eiridh mi rithist. 64 Air an aobhar sin orduich freiceadan a chur air an uaigh gus an treas latha, eagal gum faod a dheisciopuil tighinn agus a ghoid, agus guʼn abair iad ris an t-sluagh: Dhʼeirich e bho na mairbh; agus bithidh am mearachd mu dheireadh nas miosa na ʼn ciad mhearachd. 65 Thuirt Pilat riu: Tha freiceadan agaibh: falbhaibh, cuiribh freiceadan mar is aithne dhuibh. 66 Us dhʼfhalbh iadsa, agus rinn iad an uaigh tiaruinte leis a chlach a sheuladh agus le luchd-faire. |