Mata 26 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XXVI. CAIB. Ceannairc nan Iudhach an aghaidh Chriosta: e air ungadh le Mairi; air a bhrath le Iudas: an t-suipeir dheirionnach: urnaigh Chriosta sa gharadh: ar Tighearn air a ghlacadh: e faighinn taire an tigh Chaiphais. 1 Agus thachair nuair chuir Iosa crioch air na briathran so uile, gun tuirt e ri dheisciopuil: 2 Is aithne dhuibh gum bi a chàisg ann as deigh dà latha, agus liubhrar seachad Mac an duine gus a cheusadh. 3 An sin chruinnich na h-ard-shagairt, agus seanairean an t-sluaigh an cùirt an ard-shagairt, dhaʼm bʼainm Caiphas: 4 Us chuir iad an comhairle ri cheile, Iosa a ghlacadh le foill, ʼsa chur gu bàs. 5 Ach thuirt iad: Cha n-ann air latha na feille, eagal gum faod buaireadh eirigh am measg an t-sluaigh. 6 Agus nuair bha Iosa am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, 7 Thainig boirionnach ga ionnsuidh, aig an robh bocsa alabastair de dhʼ ola phriseil, us dhoirt i air a cheann i, agus e aig biadh. 8 Agus na deisciopuil a faicinn so, bha iad diumbach, a g-radh: Car-son an t-ana-caitheamh so? 9 Oir dhʼfhaoidte so a reic air mhoran, ʼsa thoirt do na bochdan. 10 Agus Iosa a tuigsinn so, thuirt e riu: Car-son a tha sibh cur dragh air a bhoirionnach so? oir rinn i gniomh math dhomhsa: 11 Oir tha na bochdan agaibh an comhnuidh, ach cha n-eil mise agaibh an comhnuidh. 12 Oir le ise an ola so dhortadh air mo chorp, ʼsann mu choinneamh mʼ adhlaic, a rinn i e. 13 Gu deimhinn tha mi a g-radh ribh: Ge bʼe air bith aite anns am bi an soisgeul so air a shearmonachadh feadh an t-saoghail gu leir, gum bi iomradh air na rinn i so mar chuimhne oirre. 14 An sin chaidh fear deʼn dà-fhear-dhiag, dhaʼm bʼainm Iudas Iscariot, thun nan ard-shagart: 15 Agus thuirt e riu: Dé bheir sibh dhomhsa, agus liubhraidh mi dhuibh e? Us chord iad ris air son deich buinn fhichead airgid. 16 ʼS bho sin suas bha e sireadh cothroim air a bhrath. 17 ʼS air a chiad latha deʼn aran neo-ghoirtichte, thainig na deisciopuil gu Iosa, a g-radh: Càit am math leat gun deasaich sinn dhut gus a chàisg icheadh? 18 Ach thuirt Iosa: Theirigibh a stigh doʼn bhaile gu duine araid, agus abraibh ris: Tha ʼm Maighistir a g-radh: Tha mʼ àm faisg, cumaidh mi a chàisg agadsa maille ri mʼ dheisciopuil. 19 Agus rinn na deisciopuil mar a dhʼorduich Iosa dhaibh, us dheasaich iad a chàisg. 20 ʼS air doʼn fheasgar a thighinn, shuidh e sios comhla ri dhà dheisciopul dhiag. 21 ʼS nuair a bha iad a g-ithe, thuirt e: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gum brath h-aon agaibh mi. 22 Agus bha duilichinn mhor orra, agus thòisich gach aon ri radh: Am mise e, a Thighearna? 23 Ach a freagairt thuirt esan: Am fear a tha tumadh a laimh sa mheis comhla rium, se bhrathas mi. 24 Tha Mac an duine ga rireamh a falbh, mar a tha e sgribhte uime: ach mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath doʼn duine sin nach beirteadh e. 25 An sin fhreagair Iudas, a bhrath e, us thuirt e: Am mise e, Rabbi? Ars esan ris: thuirt thu e. 26 ʼS air dhaibh a bhith ri ʼn suipeir, ghlac Iosa aran, agus bheannaich e, agus bhrist e, agus thug e dha dheisciopuil, us thuirt e: Gabhaibh, agus ithibh: se so mo chorpsa. 27 ʼSa glacadh na cailis, thug e taing, us thug e dhaibh, a g-radh: Olaibh uile dhe so. 28 Oir si so mʼfhuilse an tiomnaidh nuaidh, a dhoirtear air son morain gu mathanas pheacannan. 29 Oir tha mi g-radh ribh: cha n-ol mi á so suas de thoradh so na fionain, gus an latha sin air an ol mi ùr e maille ribh ann an rioghachd mʼAthar. 30 ʼS an deigh laoidh a ghabhail, chaidh iad a mach gu sliabh Olibheit. 31 An sin thuirt Iosa riu: Air an oidhche nochd gabhaidh sibh uile sgainneal asamsa. Oir tha e sgribhte: Buailidh mi am buachaille, agus sgapar caoraich na treuda. 32 Ach an deigh dhomh eirigh a rithist, theid mi roimhibh do Ghalile. 33 Agus Peadar a freagairt thuirt e ris: Ged a ghabhadh iad uile sgainneal asad, cha ghabh mise a chaoidh sgainneal asad. 34 Thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi g-radh riut, air an oidhche so fhein mun goir an coileach, guʼn aicheadh thu mi tri uairean. 35 Thuirt Peadar ris: Ged a bʼfheudar dhomh bàsachadh comhla riut, cha n-aicheadh mi thu. ʼS an ni ciadna thuirt na deisciopuil uile. 36 An sin thainig Iosa leo gu baile dùcha ris an canar Gethsemani, us thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibhse an so, gus an teid mi ʼn sid, ʼs an dian mi urnaigh. 37 ʼSa toirt leis Pheadair, agus dà mhac Shebede, thainig bròn us mulad air. 38 An sin thuirt e riu: Tha mʼanam brònach eadhon gu bàs: fanaibh an so, agus dianaibh faire maille rium. 39 ʼSa dol ceum air adhart, thuit e air aghaidh a g-urnaigh ʼsa g-radh: Mʼ Athair, ma ghabhas e dianamh, rachadh a chailis so seachad orm: ach co dhiu, cha n-ann mar is aill leamsa, ach mar is aill leatsa. 40 Agus thainig e dhʼionnsuidh a dheisciopul, us fhuair e ʼnan cadal iad, us thuirt e ri Peadar: Ciod e so? an e nach bʼurrainn duibh aon uair a chaithris maille rium? 41 Dianaibh faire agus urnaigh, gus nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh toileach, ach tha ʼn fheoil lag. 42 Dhʼfhalbh e rithist an darna uair, agus rinn e urnaigh, a g-radh: Mʼ Athair, mur gabh a chailis so cur seachad orm gun a h-ol, biodh do thoilse diante. 43 Agus thainig e rithist, us fhuair e ʼnan cadal iad: oir bha an suilean trom. 44 Agus gam fagail, dhʼ fhalbh e rithist, agus rinn e urnaigh an treas uair, a g-radh nam briathran ciadna. 45 An sin thainig e gu dheisciopuil, us thuirt e riu: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois: seall, tha ʼn uair air teannadh, agus brathar Mac an duine do lamhan pheacach. 46 Eiribh, siubhlamaid; seall, tha ʼm fear a bhrathas mi aig laimh. 47 Nuair a bha e fhathast a labhairt, seall, thainig Iudas, a h-aon deʼn dà-fhear-dhiag, agus buidheann mhor cuide ris, le claidhean, ʼs le bataichean, air an cur bho na h-ard-shagairt ʼs bho sheanairean an t-sluaigh. 48 A nis thug esan, a bhrath e, comharradh dhaibh, a g-radh: Ge bʼ e dhaʼn toir mise pog, se sin e, dianaibh greim air. 49 Agus ghrad-thainig e gu Iosa, us thuirt e: Fàilt dhut, a Rabbi. Agus thug e pog dha. 50 Us thuirt Iosa ris: A charaid, ciod uige a thainig thu? An sin thainig iad air an adhart, agus chuir iad lamh an Iosa, agus ghlac iad e. 51 Agus, seall, shìn fear de ʼn fheadhainn a bha maille ri Iosa a lamh, tharruinn e chlaidheamh, ʼsa bualadh seirbheiseach an ard-shagairt ghearr e a chluas dheth. 52 An sin thuirt Iosa ris: Cuir air ais do chlaidheamh gu aite fhein: oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, theid iad a dhith leis a chlaidheamh. 53 Am beil thu an duil nach eil e am chomas iarraidh air mʼ Athair, agus bheir e dhomh san uair tuilleadh us dà legion dhiag aingeal? 54 Ciamar ma ta bhiodh na sgriobturan air an coimhlionadh, gum feum e bhith mar so? 55 ʼS an uair sin fhein thuirt Iosa ris a bhuidhinn: Thainig sibh a mach le claidhean, ʼs le bataichean gu mise ghlacail, mar gum bʼ fhear-reubuinn mi: bha mi na mʼ shuidhe gach latha san teampull maille ribh a teagasg, agus cha do chuir sibh an laimh mi. 56 Ach thachair so uile chum gun coimhlionteadh sgriobturan nam faidhean. An sin dhʼfhag na deisciopuil uile e, agus theich iad. 57 Ach chum iad greim air Iosa, ʼs thug iad leo e ga Caiphas an t-ard-shagart, far an robh na Sgriobhaich ʼs na seanairean air tional. 58 Us lean Peadar e fad as gu ruig cùirt an ard-shagairt. Agus chaidh e stigh, agus shuidh e comhla ris na seirbhisich, a dhʼfhaicinn na crìche. 59 Ach dhʼiarr na h-ard-shagairt, ʼsa chomhairle uile fianuis-bhreige an aghaidh Iosa gtis a chur gu bàs: 60 ʼS cha dʼfhuair iad sin, ged thainig moran de fhianuisean-breige a stigh. Mu dheireadh thainig dà fhianuis-bhreige, 61 Agus thuirt iad: Thuirt an duine so: Is urrainn domh teampull De a leagail, ʼsa thogail a rithist an ceann thri latha. 62 ʼS an t-ard-shagart a g-eirigh, thuirt e ris: Nach toir thu freagairt sa bith air na nichean, a tha iad so toirt mar fhianuis ad aghaidh? 63 Ach dhʼfhan Iosa ʼna thosd. Agus thuirt an t-ard-shagart ris: Guidheam ort air an Dia bheo, gun innis thu dhuinn, ma ʼs tu Criosta Mac De. 64 Ars Iosa ris: Thuirt thu e: ach tha mi g-radh ribh: gum faic sibh an deigh so Mac an duine ʼna shuidhe air laimh dheis cumhachd Dhe, ʼsa tighinn ann an neoil nan speur. 65 An sin sthrachd an t-ard-shagart aodach, a g-radh: Labhair e blaisbheurn: ciod an tuilleadh feum thʼ againn air fianuisean? Seall, chual sibh a nis am blaisbheum: 66 Dé ur barail? Ach fhreagair iadsan, us thuirt iad: Tha e toillteanach air bàs. 67 An sin chaith iad smugaidean ʼna aodann, us bhuail iad le ʼn duirn e, agus bhuail feadhainn eile le ʼm basan e san aodann, 68 A g-radh: Faisnich dhuinn, a Chriosta, co bhuail thu? 69 Ach bha Peadar ʼna shuidhe air taobh-mach na cùirte; agus thainig searbhanta ga ionnsuidh, a g-radh: Bha thusa comhla ri Iosa bho Ghalile. 70 Ach dhʼaicheadh esan ʼnan lathair uile, a g-radh: Cha n-eil fhios agam ciod a tha thu a cantuinn. 71 ʼS e dol a mach air a gheata, chunnaic searbhanta eile e, us thuirt i ris an fheadhainn a bha ʼn sin: Bha ʼm fear so comhla ri Iosa bho Nasareth. 72 ʼSa rithist dhʼaicheadh esan le mionn: Cha n-aithne dhomh an duine. 73 ʼS an ceann tacain thainig iadsan, a bha ʼnan seasamh, us thuirt iad ri Peadar: Gu cinnteach ʼsann dhiu thusa: oir tha do chainnt fhein ga dʼ dhianamh follaiseach. 74 An sin thòisich e ri mollachadh ʼs ri mionnachadh, nach bʼaithne dha an duine. Agus anns a cheart uair ghoir an coileach. 75 Agus chuimhnich Peadar facal Iosa, a thuirt e: Mun goir an coileach, aicheadhaidh tu mi tri uairean. ʼSa dol a mach, ghuil e gu goirt. |