Mata 25 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XXV. CAIB. Dubhfhacal nan deich oighean, ʼs nan talannan, cunntas air latha bhreitheanais. 1 Bithidh rioghachd fhlathanais an sin coltach ri deich oighean, a ghabh an lochrain, ʼsa chaidh a mach an coinneamh fear-na-bainnse us bean-na-bainnse. 2 Agus bha coignear dhiu gorach us coignear glic. 3 Ach a choignear ghorach a gabhail an lochran, cha tug iad ola leo: 4 Ach thug na h-oighean glice ola leo ʼnan soitheachan maille ri ʼn lochrain. 5 Ach fear-na-bainnse a dianamh moille, thuit iad uile ʼnan turra-chadal ʼs ʼnan suain. 6 Ach mu mhiadhon oidhche chualas glaodh: Seall fear-na-bainnse a tighinn, siubhlaibh ʼna choinneamh. 7 An sin dhʼeirich na h-oighean ud uile, us dhʼuidheamaich iad an lochrain. 8 Agus thuirt na h-oighean gorach ris an fheadhainn ghlic: Thugaibh dhuinn cuid dheʼr n-ola: oir tha na lochrain againn air dol as. 9 Fhreagair na h-oighean glice, a g-radh: Eagal ma dhʼfhaoidte nach bi gu leòr dhuinne agus dhuibhse, ʼs fhearr dhuibh falbh thun nam marsannan, agus ceannach dhuibh fhein. 10 Ach nuair a bha iad dol a cheannach, thainig fear-na-bainnse: agus chaidh iadsan a bha deas a stigh comhla ris thun na bainnse, us dhuineadh an dorus. 11 Agus mu dheireadh thainig a chuid eile de na h-oighean, a g-radh: A thighearna, a thighearna, fosgail dhuinne. 12 Ach a freagairt thuirt esan: Gu deimhinn tha mi radh ribh, cha n-aithne dhomh sibh. 13 Leis a sin dianaibh faire, a chionn ʼs nach aithne dhuibh an latha, no ʼn uair. 14 Oir ceart mar dhuine a dol gu cein-thir, ghairm e sheirbhisich, agus liubhair e dhaibh a mhaoin, 15 Agus do h-aon thug e coig talannan, agus do h-aon eile dhà, agus do h-aon eile a h-aon, do gach aon air reir a chàileachd, us dhʼfhalbh e san uair air a thurus. 16 Agus dhʼimich esan a fhuair na coig talannan, us rinn e ceannachd leo, agus choisinn e coig eile. 17 Mar an ciadna am fear a fhuair a dhà, choisinn e dhà eile. 18 Ach am fear nach dʼfhuair ach a h-aon, dhʼ fhalbh e, agus chladhaich e san talamh, agus dhʼfhalaich e airgiod a thighearna. 19 Agus an deigh moran uine, thainig tighearna nan seirbhiseach sin, agus rinn e cunntas riu. 20 Agus thainig am fear a fhuair na coig talannan, us thairg e dha coig talannan eile, a g-radh: A thighearna, thug thu dhomh coig talannan, seall coig eile, a choisinn mi a bharrachd. 21 Agus thuirt a thighearna ris: Is gasda fhuaradh thu, a sheirbhisich mhath agus dhilis; a chionn gun robh thu dileas fos cionn beagain, cuiridh mise thu fos cionn morain: theirig a stigh gu sòlas do thighearna. 22 Agus thainig am fear a fhuair an dà thalann, us thuirt e: A thighearna, thug thu dhomh dà thalann, seall dhà eile, a bhuannaich mi. 23 Thuirt a thighearna ris: Is gasda fhuaradh thu, a sheirbhisich mhath agus dhilis; a chionn gun robh thu dileas fos cionn beagain, cuiridh mise thu fos cionn morain: theirig a stigh gu sòlas do thighearna. 24 Ach nuair thainig am fear nach dʼfhuair ach aon talann, thuirt e: A thighearna, tha fios agam gur duine cruaidh thu; tha thu buain far nach do chuir thu, ʼsa cruinneachadh far nach do sgap thu: 25 ʼSa gabhail eagail, dhʼfhalbh mi, agus dhʼfhalaich mi do thalann san talamh: seall, so agad do chuid fhein. 26 Ach thuirt a thighearna ris, ʼs e freagairt: A sheirbhisich eucoraich agus leisg, bha fios agad gum buain mi far nach do chuir mi, ʼs gun cruinnich mi far nach do sgap mi: 27 Uime sin bu chòir dhut mo chuid airgid a thoirt doʼn luchd-mhalairt, agus nuair a thiginn, gheobhainn mo chuid fhein le riadh. 28 Thugaibh bhuaithe ma ta an talann, us thugaibh e doʼn fhear aig a bheil na deich talannan: 29 Oir doʼn h-uile fear, aig a bheil, bheirear, us bithidh lan-phailteas aige; ach bheirear bhuaithe-san, aig nach eil, an ni a shaoilear a bhith aige. 30 Agus tilgibh an seirbhiseach gun fheum an dorchadas iomallach: an sin bithidh gal us giosgan fhiacal. 31 Agus nuair a thig Mac an duine ʼna mhoralachd, agus ainglean uile marris, an sin suidhidh e air cathair a ghloire: 32 Agus cruinnichear ʼna lathair na cinnich uile, us tearbaidh e bho cheile iad, mar a thearbas buachaille na caoraich bho na gobhair: 33 Agus cuiridh e na caoraich air a laimh dheis, ach na gobhair air a laimh chli. 34 An sin their an righ riusan, a bhios air a laimh dheis: Thigibhse, a mhuinntir bheannaichte mʼAthar, gabhaibh seilbh air an rioghachd, a chaidh uidheamachadh dhuibh bho steidheachadh an t-saoghail: 35 Oir bha mi acrach, agus thug sibh biadh dhomh; paiteach, agus thug sibh deoch dhomh; na mʼ choigreach, ʼs thug sibh stigh mi; 36 Ruisgte, us chomhdaich sibh mi; tinn, agus thainig sibh a shealltuinn orm; bha mi am priosan, agus thainig sibh gam ionnsuidh. 37 An sin freagraidh na daoine ionraic e, a g-radh: A thighearna, cuin a chunnaic sinn thu air acras, ʼsa thug sinn biadh dhut; air phathadh, ʼsa thug sinn deoch dhut? 38 Agus cuin a chunnaic sinn na dʼ choigreach thu, ʼsa ghabh sinn stigh thu? no ruisgte, ʼsa chuir sinn aodach ort? 39 No cuin a chunnaic sinn thu tinn, no am priosan, ʼsa thainig sinn ga tʼ ionnsuidh? 40 ʼSa freagairt their an righ riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cho tric ʼsa rinn sibh doʼn aon is lugha dhe mo bhraithrean so, rinn sibh dhomhsa e. 41 An sin their e ris an fheadhainn a tha air a laimh chli: Gabhaibh bhuam, a luchd nam mollachd, gu teine siorruidh, a chaidh uidheamachadh doʼn deomhan, ʼs dha ainglean. 42 Oir bha mi air acras, ʼs cha tug sibh biadh dhomh; air phathadh, ʼs cha tug sibh deoch dhomh; 43 Bha mi am choigreach, ʼs cha tug sibh a stigh mi; ruisgte, ʼs cha do chuir sibh aodach orm; gu tinn ʼs am priosan, ʼs cha tainig sibh a shealltuinn orm. 44 An sin freagraidh iadsan e cuideachd, a g-radh: A Thighearna, cuin a chunnaic sinn thu acrach, no paiteach, no ad choigreach, no ruisgte, no tinn, no am priosan, nach do fhritheil sinn dhut? 45 An sin freagraidh e iad, a g-radh: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: fhad ʼs nach dʼrinn sibh e doʼn aon is lugha dhiu so, cha dʼrinn sibh dhomhsa e. 46 Uime sin theid iad so gu pein shiorruidh: ʼs na daoine ionraic gu beatha shiorruidh. |