Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 24 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XXIV. CAIB. Criosta g-innse romh laimh sgrios an teampuill, agus nan comharran, a theid roimh sin, us roimh latha bhreitheanais. Feumaidh sinn a bhith daonnan ri faire.

1 Agus chaidh Iosa mach as an teampull, us dhʼ imich e. Agus thainig a dheisciopuil gu aitreamh an teampuill fhiachuinn da.

2 Ach thuirt esan riu, ʼs e freagairt: A bheil sibh faicinn so uile? gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cha n-fhagar an so clach air muin cloiche, nach tilgear sios.

3 ʼS nuair a shuidh e air beinn Olibheit, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh fos n-iosal, a g-radh: Innis dhuinn cuin a thachras iad so? agus ciod e an comharradh air do thighinn, ʼs air deireadh an t-saoghail?

4 Agus Iosa a freagairt, thuirt e riu: Thugaibh an aire nach meall duine air bith sibh.

5 Oir thig moran na mʼ ainmse, a g-radh: Is mise Criosta; us meallaidh iad moran.

6 Agus cluinnidh sibh cogaidhnean, agus fathunn chogaidhnean. Thugaibh an aire nach bi sibh fo bhruaillean: oir feumaidh na nichean so tachairt, ach cha n-eil a chrioch ann fhathast:

7 Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, us rioghachd an aghaidh rioghachd, agus bithidh plaighean, us gorta, us crithean-talmhuinn feadh aiteachan.

8 Ach cha n-eil an so uile ach toiseach nan truaighean.

9 An sin liubhraidh iad seachad sibh gu doruinn, agus marbhaidh iad sibh: agus bithidh fuath aig a h-uile cinneadh oirbh as leth mʼainmse.

10 An sin gabhaidh moran sgainneal, agus brathaidh iad a cheile, agus bheir iad fuath do gach a cheile.

11 Agus eiridh moran fhaidhean-breige, us meallaidh iad moran.

12 Agus a chionn gum bi an drochbheart pailt, fuaraichidh carrantachd mhorain.

13 Ach an neach a bhuanaicheas thun na criche, bithidh e sabhailte.

14 Agus searmonaichear soisgeul so na rioghachd feadh an domhain uile, mar theisteanas do na cinnich gu leir: an sin thig a chrioch.

15 Nuair a chi sibh ma ta graineileachd an leir-sgrios, mun do labhair am faidh Daniel, ʼna seasamh san ionad naomh: am fear a leughas, tuigeadh e.

16 An sin teicheadh iadsan a thʼ ann an Iudéa thun nam beann.

17 ʼS am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e a thoirt a bheag leis as a thigh:

18 ʼS am fear a tha san achadh, na tilleadh e a thoirt leis a chota.

19 Ach mo thruaighe iadsan, a tha lethtromach ʼsa toirt ciche anns na laithean sin.

20 Ach guidhibh nach bi ur teicheadh sa gheamhradh no air an t-sàbaid.

21 Oir san àm sin is mor an t-amhghar a bhios ann, a leithid ʼs nach robh bho thùs an t-saoghail, agus nach bi.

22 ʼS mar rachadh na lài sin a ghiorrachadh, cha bhiodh feoil air bith sabhailte: ach air son nan daoine taghte giorraichear na lài sin.

23 An sin ma their neach air bith ribh: Seall, tha Criosta an so, no ʼn sid, na creidibh e.

24 Oir eiridh criostan-breige us faidhean-breige, agus ni iad comharran mora agus beartan iongantach, ann an rathad ʼs gum mealladh iad (nam faodadh e bhith) na daoine taghte fhein.

25 Seall, dhʼinnis mise dhuibh roimh laimh.

26 Ma their iad ma ta ribh, seall, tha e san fhasach, na rachaibh a mach, seall e sna seomraichean, na creidibh.

27 Oir mar a thig an dealanach bhoʼn aird-an-ear, ʼsa chithear e gu ruig aird-an-iar: is amhuil a bhios tighinn Mhic an duine.

28 Ge bʼe aite am bi a chairbh, ʼsann an sin a chruinnichear na h-iolairean.

29 Air ball as deigh anradh nan laithean sin, thig dorchadas air a ghrein, ʼs cha toir a ghealach a solus, us tuitidh na reultan bho neamh, agus bithidh cumhachdan nan neamh air an gluasad.

30 An sin chithear comharradh Mhic an duine san athar: an sin guilidh treubhan an talmhuinn gu leir; agus chi iad Mac an duine a tighinn ann an neoil nan speur le mor-chumhachd agus le gloir.

31 Us cuiridh e ʼainglean le trombaid ʼs le guth mor: agus cruinnichidh iad a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean, bho iomall nan neamh gus an iomall eile.

32 ʼS bhoʼn chrann-fhige ionnsaichibh dubhfhacal: nuair a tha a mheangan a nis maoth, ʼs an duilleach a bristeadh a mach, tha fios agaibh gum beil an samhradh faisg.

33 Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nichean so uile, tuigibh gum beil e faisg, seadh aig na dorsan.

34 Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile.

35 Theid neamh agus talamh seachad, ach cha teid mo bhriathran-sa seachad.

36 Ach air an là sin no air an uair cha n-eil fios aig duine, no aig ainglean fhlathanais, ach aig an Athair ʼna aonar.

37 Mar a thachair an lài Noé, ʼsann a bhios aig tighinn Mhic an duine.

38 Oir mar a bha iad sna laithean romh ʼn tuil, a g-iche, ʼsa g-ol, a posadh, ʼs toirt am posadh, gus a cheart latha anns an deach Noé stigh doʼn àirc,

39 Agus cha tug iad toighe, gus an tainig an tuil, ʼs an tug i leatha iad uile: is amhuil a bhios tighinn Mhic an duine.

40 An sin bithidh dithis san achadh: gabhar fear dhiu, agus fagar fear.

41 Bithidh dithis bhan a bleith sa mhuilionn: gabhar té dhiu, agus fagar té.

42 Air an aobhar sin dianaibh faire: a chionn ʼs nach eil fhios agaibh ciod an uair san tig ur Tighearna.

43 Ach biodh fios agaibh air so, nam bitheadh brath aig fear-an-tighe dé an uair aig an tigeadh am meirleach, gun dianadh e faire, ʼs nach fuiligeadh e a thigh a bhristeadh.

44 Uime sin bithibhse deas: oir thig Mac an duine an uair nach saoil sibh.

45 Co shaoileas tu is e an seirbhiseach dileas agus glic, a dhʼorduich a thighearna fos cionn a theaghlaich, gu biadh a thoirt daibh na àm?

46 Is beannaichte an seirbhiseach sin, a gheobh a thighearna, nuair a thig e, a dianamh mar sin.

47 Gu dearbh tha mi radh ribh, gun cuir e fos cionn a mhaoin uile e.

48 Ach ma their an droch sheirbhiseach sin ʼna chridhe: Tha mo thighearna a dianamh moille ʼna thighinn:

49 ʼS gun teann e ri cho-sheirbhisich a bhualadh, agus ri iche ʼs ri ol comhla ri misgearan:

50 Thig tighearna an t-seirbhisich sin an latha air nach bi duil ris, ʼs air an uair nach saoil e:

51 Agus tearbaidh e e, agus cuiridh e a chrannchur am measg chealgairean: an sid bithidh gal us giosgan fhiacal.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan