Mata 21 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XXI. CAIB. Criosta marcachd air asail gu Ierusalem; a tilgeadh luchd-reic us ceannachd a mach as an teampull; a mollachadh na craoibh-fige; a cur nan sagart ʼs nan Sgriobhach ʼnan tosd. 1 Agus nuair a thainig iad teann air Ierusalem, ʼsa rainig iad Bethphage aig sliabh Olibheit, an sin chuir Iosa dithis dhe dheisciopuil, 2 A g-radh riu: Rachaibh doʼn bhaile a tha muʼr coinneamh, agus gun dàil gheobh sibh asal an ceangal, us loth comhla rithe, fuasglaibh iad, agus thugaibh gam ionnsuidh iad. 3 Agus ma their duine facal ribh, abraibh gum beil feum aig an Tighearna orra, agus leigidh e bhuaithe san uair iad. 4 Us thachair so uile, gus an ni a labhradh leis an fhaidh a choimhlionadh, a g-radh; 5 Abraibh ri nighean Shioin: Seall, tha do righ a tighinn dha tʼionnsuidh ciuin, ʼna shuidhe air asail ʼs air bioraiche, mac na té a chaidh fo chuing. 6 Agus dhʼfhalbh na deisciopuil, agus rinn iad mar a dhʼorduich Iosa dhaibh. 7 ʼS thug iad leo an asal agus am bioraiche; us chuir iad an aodach orra, agus thug iad air suidhe air am muin. 8 Agus sgaoil moran sluaigh am falluinnean air an rathad, agus ghearr feadhainn eile giagan bharr nan craobh, agus sgap iad air an rathad iad. 9 Agus ghlaodh an sluagh a bha roimhe ʼs ʼna dheigh, a g-radh: Hosanna do Mhac Dhài: Is beannaichte esan, a tha tighinn an ainm an Tighearna; hosanna anns na h-airdibh. 10 ʼS nuair a chaidh e stigh do Ierusalem, ghluaiseadh am baile uile, a g-radh: Co e so? 11 Ach thuirt an sluagh: Se so Iosa, faidh bho Nasareth Ghalile. 12 Agus chaidh Iosa a stigh do theampull Dhe, ʼs thilg e mach iadsan uile a bha reic ʼsa ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-mhalairt an airgid, agus cathraichean luchd-reic chalman. 13 Agus thuirt e riu: Tha e sgribhte: Theirear tigh urnaigh ri mo thighse, ach rinn sibhse uamha mheirleach dheth. 14 Agus thainig doill us bacaich ga ionnsuidh san teampull, agus leighis e iad. 15 Ach nuair chunnaic na h-ard-shagairt ʼs na Sgriobhaich na miarailtean a rinn e, ʼsa chlann a g-eigheach san teampull, ʼsa g-radh: Hosanna do Mhac Dhài: las am fearg, 16 Us thuirt iad ris: Am beil thu cluinntinn ciod a tha iad sin a cantuinn? Agus thuirt Iosa riu: Tha mi. An do leugh sibh riamh: A bial naoidhean agus chiochran choimhlion thu moladh? 17 Agus dhʼfhag e iad, ʼs chaidh e mach as a bhaile gu Bethania, agus dhʼfhan e an sin. 18 ʼSa tilleadh sa mhaduinn thun a bhaile, bha acras air. 19 ʼSa faicinn craoibh-fige aig taobh an rathaid, thainig e ga h-ionnsuidh; ʼs cha dʼfhuair e dad oirre ach duilleach a mhain, us thuirt e: Gu bràth na fasadh meas ortsa. Agus shearg a chraobh-fhige sa cheart uair. 20 ʼS na deisciopuil a faicinn so, ghabh iad iongantas, a g-radh: Ciamar a shearg i as ann an tiota? 21 ʼSa freagairt thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: ma bhios creideamh agaibh, ʼs nach cuir sibh ag ann, cha n-ann a mhain air craoibh-fhige, a ni sibh so, ach ma their sibh ris a bheinn so: Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, nithear e. 22 Agus a h-uile ni a dhʼ iarras sibh ann an urnaigh, ma chreideas sibh, gheobh sibh e. 23 An deigh dha an teampull a ruighinn, thainig ga ionnsuidh, agus esan a teagasg, na h-ard-shagairt us seanairean a phobuill, a g-radh: Ciod e an t-ughdaras leis am beil thu dianamh nan nichean so? Us co thug an t-ughdaras so dhut? 24 Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Faighnichidh mise aon fhacal dhibhse; ʼs ma dhʼ innseas sibh dhomh e, innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so. 25 Co as a bha baisteadh Eoin? an ann bho neamh, no bho dhaoine? Ach smaoinich iadsan aca fhein, a g-radh: 26 Ma their sinn bho neamh, their e ruinn: Car-son ma ta nach do chreid sibh e? Ach ma their sinn bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall iad uile air Eoin mar fhaidh. 27 Agus fhreagair iad Iosa, agus thuirt iad: Cha n-aithne dhuinn. Agus thuirt esan riu: Cha mhua dhʼinnseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so. 28 Ach ciod e ur barail? Aig duine àraidh bha dithis mhac, agus chaidh e dhʼionnsuidh a chiad fhir, us thuirt e: A mhic, falbh an diugh a dhʼobair na mʼ fhion-lios. 29 Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Cha teid. Ach le gluasad an aithreachais dhʼ fhalbh e an deigh sin. 30 ʼSa dol a dhʼionnsuidh an fhir eile, thuirt e an ni ciadna. Ach thuirt esan, ʼs e freagairt: Theid mi, a thighearna; ʼs cha deach e. 31 Co dheʼn dithis a rinn toil ʼathar? Thuirt iad ris: A chiad fhear. Agus thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi a g-radh ribh, gun teid cismhaoir agus striopaichean do rioghachd Dhe roimhibhse. 32 Oir thainig Eoin guʼr n-ionnsuidh air slighe a cheartais, agus cha do chreid sibh e: ach chreid cismhaoir agus striopaichean: agus sibhse, a chunnaic so, cha do ghabh sibh aithreachas an deigh sin, los gun creideadh sibh e. 33 Eisdibh ri dubhfhacal eile: Bha fear-tighe àraidh ann a phlanntaich fion-lios, ʼsa chuartaich le gàradh e, ʼsa chladhaich amar-fìona ann, ʼsa thog tùr, agus a shuidhich air tuath e, ʼsa dhʼfhalbh do dhuthaich choigrich. 34 Agus nuair a dhluthaich àm nam meas, chuir e sheirbhisich thun na tuatha, gus a mheas fhaighinn. 35 Ach rug an tuath air na seirbhisich, agus bhuail iad fear dhiu, mharbh iad fear eile, agus chlach iad fear eile. 36 A rithist chuir e seirbhisich eile na bu lionoire na chiad fheadhainn, agus rinn iad orrasan air an alt chiadna. 37 Ach mu dheireadh chuir e mhac gan ionnsuidh, a g-radh: Bheir iad athadh do mʼ mhac. 38 Ach air doʼn tuath am mac fhaicinn, thuirt iad ʼnam measg fhein: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e, ʼs bithidh ʼoighreachd againn fhein. 39 Agus ga ghlacadh thilg iad a mach as an fhion-lios e, agus mharbh iad e. 40 Nuair thig ma ta tighearna an fhion-lios, ciod a ni e air an tuath sin? 41 Thuirt iad ris: Bheir e na droch dhaoine sin gu droch chrich, agus suidhichidh e fhion-lios air tuath eile, a bheir dha na measan ʼnan àm fhein. 42 Thuirt Iosa riu: Nach do leugh sibh riamh anns na sgriobturan: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach-chinn na h-oisinn dhi? Rinneadh so leis an Tighearna, ʼs tha e iongantach ʼnar suilean? 43 Uime sin tha mi g-radh ribh, gun toirear bhuaibhse rioghachd Dhe, agus bheirear i do chinneach a bheir mach a toradh. 44 Agus an neach a thuiteas air a chloich so, pronnar e, ach an neach air an tuit i, min-bhleithear e. 45 ʼS nuair a chuala na h-ard-shagairt, ʼs na Phairisich a dhubhfhaclan, thuig iad gum bʼann muʼn deidhinn fhein a bha e labhairt. 46 ʼS ged bha toil aca a ghlacadh, bha eagal an t-sluaigh orra: oir bha iad coimhead air mar fhaidh. |