Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 20 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XX. CAIB. Dubhfhacal an luchd-oibre sa ghàradh-fhiona: uaill dithis mhac Shebede: Criost a toirt fradhairc do dhithis dhall.

1 Tha rioghachd fhlathanais coltach ri fear-tighe, a chaidh a mach much sa mhaduinn a thuarasdalachadh luchd-oibre gu ghàradh-fiona.

2 Agus an deigh dha cordadh ris an luchd-oibre air son sgilinn san latha, chuir e gu ghàradh-fona iad.

3 ʼSa dol a mach muʼn treas uair, chunnaic e feadhainn eile ʼnan seasamh diomhain air a mhargadh.

4 Agus thuirt e riu: Theirigibhse mar an ciadna gu mʼ fhion-lios, ʼs an ni a bhios ceart bheir mi dhuibh.

5 Us dhʼfhalbh iad. Agus chaidh e mach a rithist muʼn t-siathamh, ʼs muʼn naoitheamh uair; agus rinn e mar an ciadna.

6 Agus mu aon uair-diag chaidh e mach, us fhuair e feadhainn eile ʼnan seasamh, us thuirt e riu: Car-son a tha sibh ʼnur seasamh an so ré an latha diomhain?

7 Thuirt iad ris: A chionn nach do chuir duine air bith muinntireas oirnn. Thuirt e riu: Theirigibhse cuideachd gu mʼ fhion-lios.

8 ʼS nuair thainig am feasgar, thuirt Tighearna a ghàraidh-fhiona ris an stiubhart: Gairm an luchd-oibre, ʼs thoir an tuarasdal dhaibh, a toiseachadh aig an fheadhainn mu dheireadh gu ruig a chiad fheadhainn.

9 Nuair ma ta thainig iadsan a bhʼair tighinn mu aon uair-diag, fhuair iad sgilinn am fear.

10 Ach nuair thainig a chiad fheadhainn, shaoil iad gum faigheadh iad tuilleadh; ach fhuair iadsa mar an ciadna sgilinn am fear.

11 Agus ga fhaighinn rinn iad gearan an aghaidh fear-an-tighe,

12 A g-radh: Cha dʼoibrich an fheadhainn dheirionnach so ach aon uair, agus rinn thu iad ionann us sinne a ghiulain cudtrom an latha agus a bhruthainn.

13 Ach esan a freagairt, thuirt e ri fear dhiubh: A charaid, cha n-eil mi dianamh eucoir ort, nach do chord thu rium air son sgilinn?

14 Tog do chuid fhein ʼs bi falbh: oir is aill leam a thoirt doʼn fhear dheirionnach so urad us dhutsa.

15 Nach fhaod mi mo thoil fhein a dhianamh? am beil do shuilse olc, a chionn gum beil mise math?

16 Mar sin bithidh an fheadhainn mu dheireadh air thoiseach, ʼs an fheadhainn a tha air thoiseach air dheireadh. Oir tha moran air an gairm, ach beagan air an taghadh.

17 Agus Iosa a dol suas gu Ierusalem, thug e an dà dheisciopul diag a lethtaobh, us thuirt e riu:

18 Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine seachad do na h-ard-shagairt, ʼs do na Sgriobhaich, agus ditidh iad gu bàs e.

19 Agus bheir iad seachad do na cinnich e gu magadh air, agus gu sgiursadh, ʼs gu cheusadh, agus eiridh e air an treas latha.

20 An sin thainig mathair mic Shebede le a mic ga ionnsuidh, a g-aoradh, ʼsa g-iarraidh rudeigin air.

21 Thuirt e rithe: Ciod is aill leat? Thuirt i ris: Abair gun suidh iad so mo dhà mhac, fear air do laimh dheis, agus fear air do laimh chli na dʼ rioghachd.

22 Ach thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Cha n-eil fhios agaibh ciod tha sibh a g-iarraidh. An urrainn duibh a chailis ol, a tha mise dol a dhʼol? Thuirt iad ris: Is urrainn.

23 Thuirt e riu: Olaidh sibh gu dearbh mo chailis: ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gus a thoirt dhuibh, ach dhaibhse dha ʼn deach uidheamachadh le mʼAthair.

24 Nuair a chuala an deichnear so, bha iad diumbach dheʼn dà bhrathair.

25 Ach ghairm Iosa iad ga ionnsuidh, us thuirt e: Tha fios agaibh gum beil prionnsachan nan cinneach a gnathachadh tighearnais orra, ʼs gur h-ann aig na daoine mora tha chumhachd thairis orra.

26 Cha n-ann mar sin a bhios ʼnur measgsa: ach fear sam bith leis an aill a bhith nas mua ʼnur measg, biodh e ʼna fhear-frithealaidh dhuibh.

27 Agus esan leis an aill a bhith ʼna chiad fhear ʼnur measg, bithidh e ʼna sheirbhiseach dhuibh.

28 Amhuil mar nach eil Mac an duine air tighinn gu frithealadh fhaighinn, ach los frithealadh, ʼs a bheatha a thoirt seachad gu moran a shabhaladh.

29 Agus nuair a chaidh iad a mach á Iericho, lean moran sluaigh e.

30 Agus seall, chuala dithis dhall, a bha ʼnan suidhe aig taobh an rathaid, gun robh Iosa dol seachad; us ghlaodh iad, a g-radh: A Thighearna, gabh truas ruinn, a Mhic Dhài.

31 Agus chronaich an sluagh iad, gus iad a bhith samhach. Ach ʼsann is mua ghlaodh iad, a g-radh: A Thighearna, a Mhic Dhài, gabh truas ruinn.

32 Agus sheas Iosa, us ghairm e iad, us thuirt e: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh?

33 A Thighearna, ars iadsan, ar suilean fhosgladh.

34 Agus ghabh Iosa truas riu, agus bhean e dhaʼn suilean. Agus air ball chunnaic iad, us lean iad e.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan