Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 19 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XIX. CAIB. Criosta fiachuinn nach fhaodar ceangal a phosaidh fhuasgladh; a comhairleachadh dhaoine caillteanaich a dhianamh dhiu fhein air son rioghachd fhlathanais; ʼs dealachadh ri gach ni air a shonsa; ʼsa fiachuinn cunnart a bheartais, agus na duais air son gach ni fhagail agus esan a leantuinn.

1 Agus thachair, nuair a chriochnaich Iosa na briathran sin, gun dʼfhalbh e á Galile, ʼs gun tainig e gu criochan Iudéa air taobh thall Iordain.

2 Us lean moran sluaigh e, agus leighis e an sin iad.

3 Us thainig na Phairisich ga ionnsuidh ga bhuaireadh, ʼsa g-radh: Am beil e laghail do dhuine a bhean a chur bhuaithe air son a h-uile aobhair?

4 Thuirt e riu, ʼs e freagairt: Nach do leugh sibh, esan a chruthaich an duine bho thoiseach, gun dʼrinn e firionn agus boirionn iad? Us thuirt e:

5 Air an aobhar so dealaichidh duine ri athair ʼs ri mhathair, agus leanaidh e ri mhnaoi, agus bithidh an dithis ʼnan aon fheoil.

6 Uime sin cha dithis iad tuille, ach aon fheoil. An ni ma ta, a cheangail Dia, na fuasgladh duine.

7 Thuirt iad ris: Car-son ma seadh a dhʼorduich Maois litir-dhealachaidh a thoirt seachad, ʼsa cur air falbh?

8 Thuirt e riu: ʼSann air son cruas ur cridhe a thug Maois cead duibh ur mnathan a chur air falbh: ach cha robh e mar sin bho thoiseach.

9 Agus tha mise g-radh ribh, co sa bith a chuireas bhuaithe a bhean, ach air son striopachais, ʼsa phosas té eile, gu bheil e dianamh adhaltranais; ʼs gum beil am fear, a phosas an té a chuireadh air falbh, a dianamh adhaltranais.

10 Thuirt a dheisciopuil ris: Ma se sin cor an duine a thaobh a mhna, cha n-eil e iomchuidh posadh.

11 Thuirt e riu: Cha n-eil daoine uile a gabhail an fhacail so, ach iadsan dha ʼn tugadh e.

12 Oir tha caillteanaich ann, a rugadh mar sin bho bhroinn am mathar; ʼs tha caillteanaich ann, a rinneadh mar sin le daoine; agus tha caillteanaich ann, a rinn caillteanaich dhiu fhein air son rioghachd fhlathanais. Am fear is urrainn a ghabhail, gabhadh e e.

13 An sin thugadh ga ionnsuidh clann bheag gus a lamhan a chur orra ʼs urnaigh a dhianamh. Agus chronaich na deisciopuil iad.

14 Ach thuirt Iosa riu: Leigibh leis a chloinn bhig, ʼs na bacaibh iad a thighinn gam ionnsuidhse; oir ʼsann dhaʼn leithidean a bhuineas rioghachd fhlathanais.

15 Agus an deigh dha a lamhan a chur orra, dhʼfhalbh e as a sin.

16 Agus, seall, thainig fear ga ionnsuidh, us thuirt e ris: A Mhaighistir mhath, ciod am math an ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh?

17 Tʼhuirt e ris: Car-son tha thu cur ceisd ormsa mu mhath? Tha h-aon math, Dia. Ach ma ʼs aill leat dol a stigh gu beatha, cum na faintean.

18 Thuirt esan ris: Co iad? Us thuirt Iosa: Na dian marbhadh: Na dian adhaltranas: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige.

19 Thoir onair dha tʼ Athair ʼs dha dʼmhathair: agus bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein.

20 Thuirt an t-oganach ris: Chum mi iad sin uile bho mʼoige, ciod tuille a tha dhith orm?

21 Ars Iosa ris: Ma ʼs aill leat a bhith coimhlionta, falbh, reic na thʼagad, us thoir do na bochdan, agus bithidh iuntas agad am flathanas, us thig, lean mise.

22 Ach nuair a chual an t-oganach am facal so, dhʼ fhalbh e gu muladach; oir bha moran sheilbh aige.

23 Agus thuirt Iosa ri dheisciopuil: Gu firinneach tha mi g-radh ribh, gur h-ann air eiginn a theid duine beartach a stigh do rioghachd fhlathanais.

24 ʼSa rithist tha mi g-radh ribh: Gur fhasa do chamhall dol ro chrò snathaid, na do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd fhlathanais.

25 ʼSa cluinntinn so ghabh na deisciopuil moran iongantais, a g-radh: Co is urrainn ma ta a bhith sabhailte?

26 Thuirt Iosa, ʼs e g-amharc orra: Tha so do-chomasach do dhaoine, ach tha h-uile ni comasach do Dhia.

27 An sin fhreagair Peadar, us thuirt e: Seall, threig sinne a h-uile ni, agus lean sinn thu; ciod ma ta gheobh sinn?

28 Agus thuirt Iosa riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, sibhse a lean mise, gun suidh sibh, anns an ath-bhreith nuair a shuidheas Mac an duine air cathair a mhoralachd, air dà chathair dhiag, a toirt breith air dà threibh dhiag Israil.

29 Agus duine sa bith, a dhʼfhag a thigh, no bhraithrean, no pheathraichean, no athair, no mhathair, no bhean, no chlann, no fhearann, air son mʼainmse, gheobh e ciad fillte, agus sealbhaichidh e a bheatha mhairionnach.

30 Agus tha moran air thoiseach a bhios air dheireadh, ʼs air dheireadh a bhios air thoiseach.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan