Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 18 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XVIII. CAIB. Criosta teagasg na h-umhlachd, a bhith seachnach air sgainneal, ʼs air ceann-aobhair a pheacaidh; ʼs na peacaich rag-mhuinealach a thoirt fos naird doʼn eaglais; sealltuinn orrasan nach eisd ris an eaglais mar phaganaich: tha e toirt comais ceangal us fuasgladh pheacannan do na h-ostail, ʼsa gealltuinn a bhith maille riu ʼnan co-thionalan; ʼsa g-innse nach faigh daoine mathanas mur toir iad mathanas.

1 ʼSa cheart uair sin thainig na deisciopuil gu Iosa, a g-radh: Co shaoileas tu is mua bhios ann an rioghachd fhlathanais?

2 Agus Iosa a gairm leinibh bhig ga ionnsuidh, chuir e ʼnam miadhon e.

3 Agus thuirt e: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: mur tionndaidh sibh, ʼs mur fàs sibh mar leanabain, nach teid sibh a stigh do rioghachd fhlathanais.

4 Co sam bith ma ta, a dhʼislicheas e fhein mar an leanabh so, se is mua ann an rioghachd fhlathanais.

5 Agus ge bʼe a ghabhas ri leanabh beag mar so na mʼ ainmse, tha e gabhail riumsa.

6 Ach an neach a bheir sgainneal do h-aon deʼn fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, bʼfhearr dha clach-mhuilinn a bhith crochte mu ʼamhaich, ʼsa bhith air a bhathadh an doimhne na fairge.

7 Mo thruaighe an saoghal as leth sgainneil. Is fheudar gun tig sgainneal, ach se mo thruaighe am fear sin leis an tig sgainneal.

8 Le sin ma bheir do lamh, no do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i, us tilg bhuat i: ʼs fhearr dhut dol a stigh do bheatha air lethlaimh, no air lethchois, na do thilgeadh le dà laimh, no le dà chois ann an teine siorruidh.

9 ʼS ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i, us tilg bhuat i: ʼs fhearr dhut dol a stigh do bheatha le aon shuil, no do thilgeadh le dà shuil an teine iutharna.

10 Seallaibh nach cuir sibh suarach gin deʼn fheadhainn bheaga so: oir tha mi g-radh ribh, gum beil an ainglean air neamh a faicinn daonnan gnuis mʼAthar a tha air neamh.

11 Oir thainig Mac an duine a shabhaladh an ni a bha caillte.

12 Ciod e ur barail? ma bhios ciad caora aig duine, ʼs gun teid h-aon diu air seachran; nach fag e an ceithir-fichead us naoi-diag air na beanntan, agus nach teid e shireadh na té a chaidh air seachran?

13 Agus ma thachras gum faigh e i, gu dearbh tha mi radh ribh, gum bi tuille aighir air a son so, na air son a cheithir-fichead agus naoi-diag, nach deach air seachran.

14 Mar sin cha n-eil toil aig ur n-Athair, a tha air neamh, gun teid gin deʼn fheadhainn bheaga sin a dhith.

15 Ach ma pheacaicheas do bhrathair ad aghaidh, falbh, us cronaich e eadar thu fhein agus esan leibh fhein. Ma dhʼeisdeas e riut, bithidh tu air do bhrathair a chosnadh.

16 Ach mur eisd e riut, gabh fear no dithis eile comhla riut, los ann am bial dithis no triuir fhianuisean, gun seas a h-uile facal.

17 Agus mur eisd e riusan, innis doʼn eaglais, ʼs mur eisd e ris an eaglais, biodh e dhut mar phaganach ʼs mar chismhaor.

18 Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: ge bʼe ni a cheanglas sibh air talamh, bithidh e ceangailte air neamh; agus ge bʼe ni a dhʼ fhuasglas sibh air talamh, bithidh e fuasgailte air neamh.

19 A rithist tha mi g-radh ribh, ma chordas dithis agaibh air talamh mu dheidhinn ni air bith a dhʼiarras iad, gun toirear dhaibh e le mʼAthair a tha air neamh.

20 Oir far a bheil dithis no triuir cruinn am ainmse, tha mise an sin ʼnam miadhon.

21 An sin Peadar a tighinn ga ionnsuidh, thuirt e: A Thighearna, co miad uair a pheacaicheas mo bhrathair am aghaidh, ʼsa mhathas mi dha? an ann gu ruig seachd uairean?

22 Thuirt Iosa ris: Cha n-ann gu ruig seachd uairean tha mise g-radh riut, ach gu ruig deich us tri-fichead seachd uairean.

23 Uime sin tha rioghachd fhlathanais air a samhlachadh ri righ, leis am bʼ aill cunntas a dhianamh ri sheirbhisich.

24 ʼS nuair a theann e ri cunntas a ghabhail, thugadh fear ga ionnsuidh, air an robh aige deich mile talann.

25 ʼS nuair nach robh a bheag aige leis am paidheadh e, dhʼorduich a thighearna e fhein, ʼs a bhean, ʼs a chlann, ʼs gach ni bhʼaige a reic, agus dioladh a dhianamh.

26 Ach an seirbhiseach a tuiteam sios, ghrios e air, a g-radh: Dean faighidin rium, us paidhidh mi dhut an t-iomlan.

27 An sin ghabh tighearna an t-seirbhisich sin truas ris, ʼs leig e chead dha, agus mhath e dha na fiachan.

28 Ach nuair chaidh an seirbhiseach sin a mach, fhuair e fear dhe cho-sheirbhisich fhein, air an robh aige ciad peighinn: ʼsa breith air bha e ga thachdadh, a g-radh: Paidh tʼfhiachan.

29 Ach a cho-sheirbhiseach a tuiteam sios, ghrios e air, a g-radh: Dean faighidin rium, us paidhidh mi dhut an t-iomlan.

30 Ach cha bʼaill leis; ach dhʼfhalbh e, agus sparr e am priosan e, gus am paidheadh e na fiachan.

31 Ach a cho-sheirbhisich a faicinn na thachair, bha iad ro-dhuilich; us thainig iad, agus dhʼinnis iad dhaʼn tighearna gach ni a chaidh dhianamh.

32 An sin ghairm a thighearna e, us thuirt e ris: A sheirbhisich eucoraich, mhath mise dhutsa na fiachan uile bho na ghrios thu sin orm.

33 Nach bu chòir dhutsa ma ta truas a ghabhail ri do cho-sheirbhiseach, mar a ghabh mise truas riutsa?

34 ʼS a thighearna a gabhail feirge, liubhair e seachad doʼn luchd-riaslaidh e, gus am paidheadh e na fiachan uile.

35 Is amhuil a ni mʼAthair neamhaidh ribhse, mur math gach aon agaibh dha bhrathair bho ʼr cridheachan.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan