Mata 16 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875XVI. CAIB. Criosta, diultadh comharradh bho neamh a thoirt do na Phairisich: aideachadh Pheadair a faighinn duaise: thathas ga chronachadh air son cur an aghaidh pais Chriosta: Crìosta diultadh comharradh bho neamh a thoirt do na Phairisich: aideachadh Pheadair a faighinn duaise: thathas ga chronachadh air son cur an aghaidh pàis Chriosta: feumaidh a luchd-leanmhuinn uile iad fhein aicheadh. 1 Agus thainig na Phairisich ʼs na Sadusaich h-uige ga bhuaireadh; us dhʼ iarr iad air comharradh fhiachuinn dhaibh bho neamh. 2 Ach esan a freagairt, thuirt e riu: Nuair a thig am feasgar, their sibh: Bithidh aimsir mhath ann; oir thaʼn t-athar dearg. 3 Agus sa mhaduinn: Bithidh stoirm ann an diugh; oir tha an t-athar ruadh agus gruamach. 4 Is aithne dhuibh ma ta aghaidh nan speur a bhreithneachadh: agus nach urrainn duibh comharran nan aimsir a thuigsinn? Tha ginealach olc agus adhaltranach a g-iarraidh comharraidh: us comharradh cha toirear dha, ach comharradh an fhàidh Ionas. Agus gam fagail dhʼfhalbh e. 5 ʼS nuair a thainig a dheisciopuil thar a chaol, dhiochuimhnich iad builionnan arain a thoirt leo. 6 Agus thuirt e riu: Bithibh faicilleach, us thugaibh an aire oirbh fhein bho thaois ghoirt nam Phairiseach ʼs nan Sadusach. 7 Ach smaoinich iadsan aca fhein, a g-radh: ʼSann air son nach tug sinn builionnan leinn. 8 Ach Iosa a tuigsinn so, thuirt e: Car-son tha sibh a smaoineachadh agaibh fhein, O lag-chreidiche, gur h-ann air son nach eil aran agaibh? 9 Nach eil sibh a tuigsinn fhathast, no cuimhneachadh nan coig builionnan am measg choig mile fear, ʼs co miad cliabh a thog sibh? 10 No nan seachd builionnan am measg cheithir mile fear, agus co miad cliabh a thog sibh? 11 Car-son nach do thuig sibh nach ann muʼn aran a thuirt mi ribh: Bithibh air ur faicill bho thaois-ghoirt nam Phariseach ʼs nan Sadusach? 12 An sin thuig iad nach tuirt e, iad a bhith air am faicill bho thaois-ghoirt nam builionnan, ach bho theagasg nam Phairiseach ʼs nan Sadusach. 13 Agus thainig Iosa gu criochan Chesaréa Philippi; ʼs dhʼfharraid e dhe dheisciopuil, a g-radh: Co tha daoine a g-radh is e Mac an duine? 14 Agus thuirt iadsa: Cuid gur tu Eoin Baiste, us cuid Elias, us cuid eile Ieremias, no fear dhe na faidhean. 15 Thuirt Iosa riu: Ach co tha sibhse a g-radh is mi? 16 Simon Peadar a freagairt, thuirt e: Is tusa Criosta, Mac an De bheo. 17 Us Iosa a freagairt, thuirt e ris: Is beannaichte thusa, Shimoin Bhar-Iona; oir cha n-iad feoil us fuil a thaisbean sin dhutsa, ach mʼ Athair a tha air neamh. 18 Agus tha mise g-radh riut: Gur tusa Peadar, agus air a charraig so togaidh mi mʼ Eaglais, ʼs cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre. 19 Us bheir mi dhut iuchraichean rioghachd fhlathanais. Agus ciod sa bith a cheanglas tu air talamh, bithidh e ceangailte air neamh: agus ciod sa bith a dhʼfhuasglas tu air talamh, bithidh e fuasgailte air neamh. 20 An sin dhʼorduich e dha dheisciopuil, gun iad a dhʼ innse do neach air bith gum bʼ esan Iosa an Criosta. 21 Bho ʼn àm sin thòisich Iosa ri fhiachuinn dha dheisciopuil gum feumadh e dol gu Ierusalem, ʼs moran fhulang bho na seanairean, ʼs na Sgriobhaich, ʼs na h-ard-shagairt, ʼsa bhith air a chur gu bàs, agus eirigh air an treas latha. 22 An sin thug Peadar air leth e, agus theann e ri chronachadh, a g-radh: Gum bu fada so bhuat, a Thighearna: cha thachair so dhut. 23 Ach a tionndadh thuirt e ri Peadar: Falbh air mo chul, a shatain, tha thu na dʼ sgainnoal domh: a chionn nach blasda leat nichean Dhe, ach nichean dhaoine. 24 An sin thuirt Iosa ri dheisciopuil: Ma ʼs aill le neach air bith tighinn am dheigh, aicheadhadh e e fhein, us togadh e chrois, agus leanadh e mi. 25 Oir an neach leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: ach an neach a chailleas a bheatha as mo lethse, gheobh e i. 26 Oir ciod e ʼs fheairrde duine, ged a choisneadh e an saoghal gu leir, ma chailleas e anam? No ciod e an eirig a bheir duine air son anma? 27 Oir thig Mac an duine an gloir Athar le ʼainglean: ʼs an sin bheir e do gach neach air reir ʼoibrichean. 28 Gu dearbh tha mi g-radh ribh: gum beil cuid ʼnan seasamh an so, nach blais bàs, gus am faic iad Mac an duine tighinn ʼna rioghachd fhein. |