Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 13 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XIII. CAIB. Dubhfhacal an fhir-chuir, a choguill, ʼsa ghrainne mhustaird.

1 Air an latha sin fhein chaidh Iosa mach as an tigh, agus shuidh e ri taobh na mara.

2 Us thionail moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor ʼs gun deach e stigh do bhàta, ʼs gun do shuidh e; ach sheas an sluagh uile air a chladach.

3 Us labhair e moran nichean riu ann an dubhfhacail, a g-radh: Seall, chaidh fear-cuir a mach a chur.

4 ʼS nuair a bha e cur, thuit cuid ri oir an rathaid; us thainig ianlaith an athair, agus dhʼith iad e.

5 Us thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran ùire aige; agus ghrad-dhʼfhas e suas, bhrigh nach robh doimhneachd thalmhuinn aige:

6 ʼS air eirigh doʼn ghrein loisg e, ʼs bho nach robh friamh aige, shearg e as.

7 Agus thuit cuid eile am measg dhrisean; us dhʼfhas na drisean, agus thachd iad e.

8 Agus thuit cuid eile air talamh math, us thug e mach toradh, cuid ciad fillte, cuid tri fichead, agus cuid deich thar fhichead.

9 Am fear aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.

10 Us thainig na deisciopuil ga ionnsuidh, us thuirt iad ris: Car-son a tha thu labhairt ann an dubhfhacail riu?

11 ʼSa freagairt thuirt e riu: A chionn gun tugadh dhuibhse eolas air ruin-dhiomhair rioghachd neamh: ach cha tugadh sin dhaibhse.

12 Oir an neach aig a bheil, dhasan bheirear, agus bithidh lan-phailteas aige: ach an neach aig nach eil, bheirear bhuaithse fiu na thʼaige.

13 ʼSann air son sin tha mi labhairt ann an dubhfhacail riu: chionn a faicinn nach leir dhaibh, ʼsa cluinntinn nach cluinn iad ʼs nach tuig iad.

14 Us tha faisneachd Isaiais air a coimhlionadh unnta, a g-radh: Le claisneachd cluinnidh sibh, agus cha tuig sibh; agus le fradharc chi sibh, agus cha leir dhuibh.

15 Oir tha cridhe a phobuill so air fàs marbhanta, ʼs an cluasan mall gu eisdeachd, agus dhuin iad an suilean: eagal uair sam bith gum faiceadh iad leʼn suilean, agus gun cluinneadh iad leʼn cluasan, ʼs gun tuigeadh iad leʼn cridhe, agus gum biodh iad air an iompachadh, ʼs gun leighisinn iad.

16 Ach is beannaichte ur suilean-sa, a chionn gum beil iad a faicinn, agus ur cluasan a chionn gum beil iad a cluinntinn.

17 Oir gu firinneach tha mi g-radh ribh, gur ioma faidh agus ionracan a bha an geall air na nichean fhaicinn, tha sibhse faicinn, agus cha n-fhac iad iad; agus na nichean a chluinntinn, tha sibhse cluinntinn, agus cha chual iad iad.

18 Cluinnibhse ma ta dubh-fhacal an fhir-chuir.

19 Gach neach a dhʼeisdeas ri facal na rioghachd gun a thuigsinn, thig an droch-fhear agus sgobaidh e air falbh an ni a chuireadh ʼna chridhe: se so esan a chaidh a chur ri oir an rathaid.

20 Ach esan a chuireadh air talamh creagach, se so esan a chluinneas am facal, ʼsa ghlacas e san uair le aoibhneas:

21 Ach cha n-eil friamh aige ann fhein ach car tamuill, oir nuair thig trioblaid agus geur-leanmhuinn air son an fhacail, air ball gabhaidh e sgainneal.

22 Esan mar an ciadna a chuireadh am measg dhrisean, se so esan a chluinneas am facal; ach tha ro-churam an t-saoghail so agus mealltaireachd beartais a tachdadh an fhacail, ʼs ga fhagail gun toradh.

23 Ach esan a chuireadh air talamh math, se so esan a chluinneas am facal, ʼsa thuigeas e, ʼsa bheir a mach toradh, cuid gu dearbh ciad fìllte, cuid tri fichead, agus cuid deich thar fhichead,

24 Thug e dubhfhacal eile dhaibh, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais coltach ri duine a chuir deagh shiol ʼna achadh.

25 Ach nuair a bha daoine ʼnan cadal, thainig a namhaid, ʼs chuir e cogull am measg a chruithneachd, us dhʼfhalbh e.

26 Ach nuair a dhʼfhàs an dias, ʼsa thug e toradh a mach, an sin nochd an cogull e fhein cuideachd.

27 An sin thainig seirbhisich fear-an-tighe ga ionnsuidh, agus thuirt iad: A thighearna, nach do chuir thu siol math na tʼachadh? Co as ma ta tha an cogull?

28 Us thuirt e riu: Rinn namhaid so. Ach thuirt na seirbhisich ris: An e do thoil sinn a dhol ʼs a thional?

29 Us thuirt e riu: Cha n-e, eagal ma dhʼfhaoidte a trusadh a choguill gun spion sibh an cruithneachd comhla ris.

30 Leigibh leo le cheile fàs gu faghar, ʼs an àm an fhaghair their mi ris na buanaichean: Trusaibh an toiseach an cogull, agus ceanglaibh e ʼna sguaban gus a losgadh, ach tionailibh an cruithneachd gu mʼ shabhal.

31 Thug e dubhfhacal eile dhaibh, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais coltach ri grainnein mustaird, a ghabh duine ʼsa chuir e ʼna achadh.

32 Deʼn h-uile frois gun ag si so is meanbha; ach nuair a dhʼfhasas i, si is mua de na luibhean uile, agus cinnidh i ʼna craoibh, air sheol ʼs gun tig ianlaith an athair, ʼs gun gabh iad tamh ʼna giagan.

33 Labhair e dubhfhacal eile riu. Tha rioghachd fhlathanais coltach ri taois-ghoirt, a ghabh boirionnach ʼsa dhʼfhalaich i an tri toimhsean mine, gus na ghoirtich an t-iomlan.

34 Labhair Iosa so uile ann an dubhfhacail ris an t-sluagh: ʼs gun dubhfhacal cha do labhair e riu:

35 Gus an coimhlionteadh na thuirt am faidh, a g-radh: Ann an dubhfhacail fosglaidh mi mo bhial agus cuiridh mi an céill nichean a bha falaichte bho steidheachadh an t-saoghail.

36 An sin, air dha an sluagh a chur air falbh, thainig e stigh doʼn tigh; agus thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, a g-radh: Minich dhuinn dubhfhacal cogull an achaidh.

37 Us fhreagair esan us thuirt e riu: Am fear tha cur an t-sil mhath se Mac an duine e.

38 Se an saoghal an t-achadh. Ach se an siol math clann na rioghachd, agus se an cogull clann an droch-fhir.

39 Ach an namhaid a chuir e, se an deomhan. Se am faghar deireadh an t-saoghail. Agus ʼsiad na h-ainglean na buanaichean.

40 Mar a thathas a cruinneachadh a choguill ma ta, ʼs ga losgadh le teine, ʼsann mar sin a thachras aig deireadh an t-saoghail:

41 Cuiridh Mac an duine a chuid ainglean, us tionailidh iad as a rioghachd a h-uile sgainneal, agus iadsan a tha dianamh an uilc;

42 Us tilgidh iad iad anns an àmhuinn theine: An sin bithidh gal agus giosgan fhiacal.

43 An sin soillsichidh na daoine matha mar a ghrian ann an rioghachd an Athar. An neach aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.

44 Tha rioghachd fhlathanais coltach ri ulaidh air a falach ann an achadh: ʼs an duine, a fhuair i, dhʼfhalaich e i, ʼs le miad a shòlais dhʼ fhalbh e, agus reic e na bhʼ aige gu leir, agus cheannaich e an t-achadh sin.

45 A rithist tha rioghachd fhlathanais coltach ri ceannaiche, a tha sireadh leugan priseil.

46 ʼS air dha aona leug phriseil fhaighinn dhʼfhalbh e, us reic e gach ni a bhʼaige, agus cheanaich e i.

47 A rithist tha rioghachd fhlathanais coltach ri lion air a thilgeadh san fhairge, agus a chruinnich a h-uile seorsa de dhʼiasg.

48 ʼS nuair bha e lan, ga tharruing gu tir, ʼsa suidhe air a chladach, chuir iad an t-iasg math air leth an soithichean, ach thilg iad mach an droch iasg.

49 ʼSann mar so a thachras aig deireadh an t-saoghail: theid na h-ainglean a mach, agus tearbaidh iad na droch dhaoine á miadhon nan ionracan,

50 Agus tilgidh iad san àmhuinn theine iad: an sin bithidh caoidh agus giosgan fhiacal.

51 Na thuig sibh na nichean so uile? Thuirt iad ris Thuig.

52 An sin thuirt e riu: Mar sin tha h-uile sgriobhach ionnsuichte ann an rioghachd fhlathanais coltach ri fear-tighe, a bheir a mach as ionmhas nichean ùra agus sean.

53 Agus thachair an deigh do Iosa na dubhfhacail so chriochnachadh, gun dʼfhalbh e as a sin.

54 ʼSa tighinn gu dhuthaich fhein, theagaisg e iad ʼnan sinagogan, air chor ʼs gun do ghabh iad ioghnadh, ʼs gun tuirt iad: Co as a fhuair an duine so an gliocas, ʼs na feartan so?

55 Nach e so mac an t-saoir? Nach e ainm a mhathar Moire; ʼs a bhraithrean, Seumas, agus Ioseph, agus Simon, agus Iudas?

56 Agus nach eil a pheathraichean uile maille ruinn? Co as ma ta tha iad so uile aig an duine so?

57 Us ghabh iad sgainneal ga thaobh. Ach thuirt Iosa riu: Cha n-eil faidh gun onair ach ʼna dhuthaich fhein, ʼs ʼna thigh fhein.

58 Agus cha dʼrinn e moran mhiarailtean an sin as leth am mi-chreidimh.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan