Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 12 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XII. CAIB. Criosta cronachadh doille nam Phairiseach, ʼsa fiachuinn nach e Satan ughdair a mhiarailtean.

1 San àm sin chaidh Iosa tro arbhar air an t-sàbaid; agus thòisich a dheisciopuil, ʼs iad air acras, ri spionadh dhias, agus ri ʼn iche.

2 Ach na Phairisich a faicinn so, thuirt iad ris: Seall, tha do dheisciopuil a dianamh rud nach eil ceadaichte a dhianamh air laithean na sàbaid.

3 Ach thuirt esan riu: Nach do leugh sibh ciod a rinn Dài, ʼs e air acras, ʼs an fheadhainn a bha comhla ris:

4 Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe, us dhʼich e na builionnan-tairgse, nach robh ceadaichte dha iche, no dhaibhse a bha comhla ris, ach do na sagairt a mhain?

5 No nach do leugh sibh san lagh, gum beil na sagairt a bristeadh na sàbaid san teampull, ʼs iad saor bho choire?

6 Ach tha mise g-radh ribh gum beil neach nas mua na an teampull an so.

7 Ach nam bʼaithne dhuibh ciod e: Is aill leam trocair, ʼs cha n-e iobairt: cha bhiodh sibh riamh air diteadh nan neochiontach.

8 Oir is Tighearna air an t-sàbaid fhein Mac an duine.

9 ʼS nuair a thriall e as a sin, thainig e stigh doʼn t-sinagog aca.

10 Agus fiach duine aig an robh lamh sheargte, agus dhʼfhaighnich iad dheth, a g-radh: Am beil e laghail leigheas a dhianamh air latha na sàbaid? los coire chur as a leth.

11 Ach thuirt esan riu: Co an duine agaibhse aig a bheil aon chaora, ʼs ma thuiteas i ann an slochd air an t-sàbaid, nach beir oirre, ʼs nach tog as i?

12 Nach mor is fhearr duine na caora? Air an aobhar sin tha e laghail math a dhianamh air an t-sàbaid.

13 An sin thuirt e ris an duine: Sìn a mach do lamh. Us shìn e i, agus rinneadh slan i mar an té eile.

14 Agus chaidh na Phairisich a mach, us ghabh iad comhairle ʼna aghaidh, ciamar a chuireadh iad a dhith e.

15 Ach Iosa a tuigsinn so, dhʼfhalbh e as a sin, us lean moran e, agus leighis e iad uile.

16 Agus dhʼ àithn e orra gun iad ga dhianamh follaiseach:

17 Los gun coimhlionteadh na chaidh a labhairt leis an fhaidh Isaias, a g-radh:

18 Seall mo sheirbhiseach a thagh mi, mʼannsachd, dheth na ghabh mʼanam mor-thlachd. Cuiridh mi mo spiorad air, us foillsichidh e breitheanas do na cinnich.

19 Cha dian e consachadh ʼs cha ghlaodh e, cha mhua chluinneas duine a ghuth air na straidean.

20 A chuilc bhruite cha bhrist e, agus an lion smuideach cha mhùch e, gus an cuir e breitheanas air adhart gu buaidh.

21 Agus ʼna ainm cuiridh na cinnich an earbsa.

22 An sin thugadh ga ionnsuidh duine anns an robh deomhan, ʼs e dall agus balbh; us leighis e e, ionnus guna bhruidhinn ʼs gum fac e.

23 Us ghabh an sluagh uile iongantas, us thuirt iad: Nach e so Mac Dhài?

24 Agus na Phairisich a cluinntinn so, thuirt iad: Cha n-eil an duine so a cur a mach dheomhan ach le Beelsebub prionnsa nan deomhan.

25 Ach Iosa a tuigsinn an smaointean, thuirt e riu: A h-uile rioghachd, a thʼair a roinn ʼna h-aghaidh fhein, nitear ʼna fasach i: ʼsa h-uile baile no tigh a thʼ air a roinn ʼna aghaidh fhein, cha sheas e.

26 Agus ma chuireas satan a mach satan, tha e air a roinn ʼna aghaidh fhein: cia-mar ma ta a sheasas a rioghachd?

27 Agus ma ʼsann le Beelsebub a tha mise tilgeil a mach dheomhan, co leis tha ur cloinn fhein gan tilgeadh a mach? Air an aobhar sin bithidh iadsa ʼnam britheamhnan oirbh.

28 Ach ma ʼsann le Spiorad Dhe a tha mise tilgeadh a mach dheomhan, an sin thainig rioghachd Dhe guʼr n-ionnsuidhse.

29 No ciamar is urrainn do neach dol a stigh do thigh duine laidir, us ʼairneis a spuilleadh, mar ceangail e an toiseach an duine laidir? ʼs an sin creachaidh e a thigh.

30 An neach nach eil leam, tha e na mʼ aghaidh, ʼs an neach nach eil a tional maille rium, tha e sgapadh.

31 Uime sin tha mi g-radh ribh: Mathar a h-uile peacadh agus blaisbheum do dhaoine, ach cha mhathar blaisbheum an aghaidh an Spioraid.

32 Agus neach air bith a their facal an aghaidh Mhic an duine, mathar dha e: ach an neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhathar dha e san t-saoghal so, no san t-saoghal ri tighinn.

33 An darna cuid, dianaibh a chraobh math, ʼs am meas math; no dianaibh a chraobh olc ʼs am meas olc: ʼs gur ann air a meas a dhʼaithnear a chraobh.

34 A ghineil nan nathraichean, ciamar is urrainn duibh nichean matha labhairt, nuair tha sibh fhein olc? ʼs gur ann bho phailteas a chridhe a labhras am bial.

35 Bheir duine math a mach bho iuntas math nichean matha: agus bheir duine olc a mach bho iuntas olc nichean olca.

36 Ach tha mi g-radh ribh, gun toir daoine cunntas latha bhreitheanais air a h-uile facal diomhain a labhras iad.

37 Oir ʼsann bho do bhriathran a shaorar thu, agus ʼsann bho do bhriathran a dhìtear thu.

38 An sin fhreagair cuid de na Sgriobhaich agus de na Phairisich, a g-radh: A mhaighistir, bu mhath leinn comharradh fhaicinn bhuat.

39 Thuirt esan, ʼs e gam freagairt: Tha ginealach olc agus adhaltranach a g-iarraidh comharraidh; us comharradh cha toirear dhaibh, ach coniharradh Ionais am faidh.

40 Oir mar bha Ionas tri laithean ʼs tri oidhchean am broinn na muice-mara: is amhuil a bhios Mac an duine tri laithean agus tri oidhchean an cridhe an talmhuinn.

41 Eiridh muinntir Ninibhé am breitheanas leis a ghinealach so, us ditidh iad e: a chionn guna ghabh iad aithreachas ri searmonachadh Ionais. Agus, seall, tha nas mua na Ionas an so.

42 Eiridh banrighn na h-airde-deas am breitheanas leis a ghinealach so, us ditidh i e: a chionn ʼs gun tainig i bho iomall an t-saoghail a dhʼeisdeachd ri gliocas Sholomoin. Agus seall nas mua na Solomon an so.

43 Nuair a theid deomhan neoghlan a mach á duine, siubhlaidh e feadh aiteachan tiorma a sireadh foise, ʼs cha n-fhaigh e i.

44 An sin their e: Tillidh mi gu mʼ fhardaich fhein as an tainig mi. ʼSa tighinn gheobh e i falamh, sguabte, us sgeadaichte.

45 An sin falbhaidh e us bheir e leis seachd spioraid eile nas miosa na e fhein, ʼsa dol a stigh fuirghidh iad an sin: us bithidh deireadh an duine sin nas miosa na thoiseach. Sin mar a dhʼeirgheas doʼn ghinealach choirbte so.

46 Nuair a bha e fhathast a labhairt ris an t-sluagh, seall sheas a mhathair ʼs a bhraithrean a muigh a g-iarraidh labhairt ris.

47 Us thuirt duine àraidh ris: Seall do mhathair us do bhraithrean ʼnan seasamh a muigh, ga dʼ iarraidh.

48 Ach esan a toirt freagairt do ʼn urra a dhʼinnis dha, thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean?

49 ʼSa sineadh a laimh a dhʼionnsuidh a dheisciopul, thuirt e: Faic mo mhathair agus mo bhraithrean.

50 Oir co sa bith a ni toil mʼAthar, a tha air neamh, is esan mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan