Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 10 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


X. CAIB. Criosta cur air falbh an dà Ostal-dhiag le cumhachd miarailtean oibreachadh; a chomhairlean dhaibh.

1 ʼSa gairm a dhà ostal-dhiag, thug e cumhachd dhaibh thairis air spioraid neo-ghlan, gus an cur a mach, ʼs gus iad a leigheas a h-uile eugail ʼsa h-uile easlaint.

2 Agus ʼsiad so ainmean an dà ostal-dhiag. A chiad fhear Simon, ris an canar Peadar, agus Aindris a bhrathair,

3 Seumas mac Shebede, us Eoin a bhrathair, Philip, ʼs Bartholomé, Tomas, agus Matu an cismhaor, Seumas Alpheuis, agus Thadeus,

4 Us Simon an Canàanach, agus Iudas Iscariot a bhrath e.

5 Chuir Iosa an dà fhear dhiag so air falbh, a g-àithneadh orra, a g-radh: Na rachaibh rathad nan cinneach, ʼs na gabhaibh a stigh do bhailtean nan Samaritanach:

6 Ach gum bu raghnaiche leibh dol air tòir nan caorach a chailleadh de thigh Israil.

7 Agus air ur siubhal, searmonaichibh, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais faisg.

8 Leighisibh na daoine tinne, thugaibh beo na mairbh, glanaibh na lobhair, cuiribh a mach na deomhain: fhuair sibh a nasgaidh, thugaibh seachad a nasgaidh.

9 Na gleidhibh òr, no airgiod, no cùineadh ʼnur sporain:

10 No màla air ur turus, no dà chota, no brogan, no bata: oir ʼs fhiach an t-oibriche a bhiadh.

11 Us ge bʼe air bith caithir no baile dhaʼn teid sibh a stigh, faighnichibh co an duine fiachail a tha ʼn sin, agus fanaibh an sin gus am falbh sibh.

12 Agus nuair a thig sibh a stigh do thigh, beannaichibh e, a g-radh: Sith doʼn tigh so.

13 Agus ma ʼs airidh an tigh sin, thig ur sith air: ach mur airidh, tillidh ur sith h-ugaibh fhein.

14 Us co sam bith nach gabh ribh, no nach eisd riʼr briathran; a dol a mach as an tigh, no as a bhaile sin, crathaibh an duslach dheʼr casan.

15 Gu firinneach tha mi g-radh ribh: Fiachar tuille fathamais do thalamh Shodoim us Ghomorra air latha bhreitheanais, na doʼn bhaile sin.

16 Seall, tha mise guʼr cur mar chaoraich am miadhon mhadadh-alluidh. Bithibh ma ta glic mar nathraichean, us aon-fhillte mar chalamain.

17 Ach bithibh air ur faicill bho dhaoine. Oir liubhraidh iad sibh do chomhairlean, agus sgiursaidh iad sibh ʼnan sinagogan.

18 Us bheirear air bialaobh uachdran agus righrean sibh as mo lethse, mar theisteanas dhaibh fhein ʼs dha na cinnich.

19 Ach nuair a liubhras iad seachad sibh, na smaoinichibh ciamar no ciod a their sibh: oir bheirear dhuibh san uair sin, ciod a their sibh.

20 Oir cha n-e sibhse a labhras, ach se Spiorad ur n-Athar a labhras unnaibh.

21 Agus liubhraidh brathair a bhrathair gu bàs, ʼs an t-athair am mac; agus eiridh a chlann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bàs iad.

22 Agus bheir daoine uile fuath dhuibh as leth mʼ ainmse: ach se am fear a bhuan-sheasas gus a chrioch a bhios sabhailte.

23 Agus nuair a ni iad geur-leanmhuinn oirbh an aona bhaile, teichibh gu baile eile. Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: Nach teid sibh tromh bhailtean Israil uile mun tig Mac an duine.

24 Cha n-eil an deisciopul fos cionn a mhaighistir, no an seirbhiseach fos cionn a thighearna.

25 Foghnaidh doʼn deisciopul a bhith mar a mhaighistir, ʼs doʼn t-seirbhiseach a bhith mar a thighearna. Ma thuirt iad Beelsebub ri fear-an-tighe, nach mua gu mor na sin ri mhuinntir?

26 Uime sin na gabhaibh eagal rompa: oir cha n-eil ni am falach, nach soilleirichear: no an diomhaireachd, air nach faighear eolas.

27 An ni a their mi ribh an dorchadas, labhraibh e san t-solus: agus na chluinneas sibh sa chluais, searmonaichibh e air mullach nan tighean.

28 Agus na gabhaibh eagal rompasan a mharbhas a cholunn, ʼs nach urrainn an t-anam a mharbhadh: ach gum bu raghnaiche leibh eagal a bhith oirbh roimhe-san, a ʼs urrainn a cholunn agus an t-anam a sgrios ann an iutharna.

29 Nach eil dà ghealbhonn gan reic air feoirlinn, ʼsa h-aon dhiu sin cha thuit gu talamh gun ur n-Athair?

30 Agus tha uile fhuiltean ur cinn air an aireamh.

31 Na biodh eagal oirbh ma ta: is fhearr sibhse na moran ghealbhonn.

32 Uime sin a h-uile h-aon a dhʼ aidicheas mise an lathair dhaoine, aidichidh mise esan an lathair mʼAthar, a tha air neamh.

33 Ach an neach a dhʼ aicheadhas mise an lathair dhaoine, aicheadhaidh mise esan an lathair mʼAthar, a tha air neamh.

34 Na saoilibh gur ann a chur sith air talamh a thainig mi: cha n-ann a chur sithe, ach claidhimh.

35 Oir thainig mi a chur duine an aghaidh athar, us nighinn an aghaidh a mathar, agus bean a mhic an aghaidh a mathar-céile.

36 Agus ʼsiad naimhdean duine muinntir a thighe fhein.

37 Am fear a bheir gaol dha athair no dha mhathair nas mua na dhomhsa, cha n-airidh e orm; ʼs am fear a bheir gaol dha mhac no dha nighinn nas mua na dhomhsa, cha n-airidh e orm.

38 ʼS am fear nach glac a chrois, ʼs nach lean mise, cha n-airidh e orm.

39 An neach a ghleidheas a bheatha, caillidh e i; ʼs an neach a chailleas a bheatha air mo shonsa, gleidhidh e i.

40 An neach a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa: ʼs an neach a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris-san a chuir mi.

41 An neach a ghabhas faidh an ainm faidh, gheobh e duais faidh; ʼs an neach a ghabhas duine ionraic an ainm duine ionraic, gheobh e duais duine ionraic.

42 Agus neach air bith a bheir cupa de dhʼuisge fuar fhein gus ol do ʼn aon is lugha dhiu sin an ainm deisciopuil, gu firinneach tha mi g-radh ribh: cha chaill e dhuais.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan