Marcus 9 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875IX. CAIB. Criosta caochladh cruth; a tilgeadh a mach spioraid neo-ghlain; a teagasg irioslachd, agus a sheachnadh sgainneil. 1 Agus an deigh shia laithean ghabh Iosa Peadar, us Seumas, agus Eoin; us threoraich e iadsa leo fhein gu beinn aird a lethtaobh, agus dhʼatharraicheadh a chruth ʼnan lathair. 2 Agus dhʼfhàs eideadh dealrach us ro-gheal mar shneachda, geal mar nach urrainn fucadair air talamh a dhianamh. 3 Us chunnacas leo Elias agus Maois; agus bha iad a bruidhinn ri Iosa. 4 Agus Peadar a freagairt, thuirt e ri Iosa: A Rabbi, is math dhuinne a bhith an so; agus dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, a h-aon do Mhaois, ʼsa h-aon do Elias. 5 Oir cha robh fios aige ciod a bha e g-radh; bhrigh gun robh iad fo fhiamh ro-mhor. 6 Agus bha nial a cur sgàile orra, agus as an nial thainig guth, a g-radh: Se so mo Mhac ro-ghaolach; eisdibh ris. 7 ʼSa g-amharc san uair mun cuairt daibh, cha n-fhac iad gin a thuilleadh, ach Iosa leis fhein maille riu. 8 ʼSa tearnadh bhoʼn bheinn, dhʼàithn e orra, gun iad a dhʼ innse do neach air bith nan nichean a chunnaic iad, gus an eireadh Mac an duine bho na mairbh. 9 Us ghleidh iad am facal aca fhein, a cur cheisd air a cheile, ciod a bʼe: gus an eireadh e bho na mairbh. 10 Agus dhʼfharraid iad dheth, a g-radh: Car-son ma ta tha na Phairisich ʼs na Sgriobhaich a cantuinn, gum feum Elias tighinn an toiseach? 11 Thuirt e riu, ʼs e freagairt: Elias, nuair thig e air tùs, ath-shuidhichidh e h-uile ni; us mar tha e sgribhte mu Mhac an duine, gum fuilig e moran, ʼs gum faigh e taire. 12 Ach tha mi g-radh ribh, gun tainig Elias, (ʼs gun dʼrinn iad air gach ni bʼaill leo) mar tha sgribhte uime. 13 ʼSa tighinn gu dheisciopuil, chunnaic e moran sluaigh muʼn timchioll, ʼs na Sgriobhaich a deaspud riu. 14 ʼS cha luaithe chunnaic an sluagh uile Iosa, na ghlac iongantas agus uamhas iad, ʼsa ruith ga ionnsuidh chuir iad fàilt air. 15 Agus dhʼfhaighnich e dhiu: Ciod mu bheil sibh a consachadh ri cheile? 16 Us fhreagair fear deʼn t-sluagh, a g-radh: A mhaighistir, thug mi ga tʼ ionnsuidh mo mhac anns am beil spiorad balbh. 17 Agus, ge bʼe aite an glac e e, tha e ga bhualadh ri làr, agus tha e cur a mach cobhair, ʼsa giosgail le fhiaclan, ʼsa seargadh as: us thuirt mi ri dʼ dheisciopuil iad a thilgeadh a mach, agus cha bʼ urrainn daibh. 18 ʼSa freagairt thuirt e: O ghinealaich ana-creidich, cia fhad a bhitheas mi mar-ribh? cia fhad a chuireas mi suas ribh? thugaibh gam ionnsuidh e. 19 Agus thug iad e ga ionnsuidh. Agus cha luaithe chunnaic e Iosa, na ghluais an spiorad e; us bhuaileadh e ris an làr, agus chuir e caran deth us cop mu bhial. 20 Us dhʼfhaighnich e dhe athair: Cia fhad bho na thachair so dha? Us thuirt esan: Bho na bha e ʼna leanabh. 21 Agus is tric a thilg e san teine us anns an uisge e, gu cur as da: ach ma tha ni sa bith na dʼ chomas, gabh truas ruinn agus cuidich sinn. 22 Us thuirt Iosa ris: Ma ʼs urrainn dhut creidsinn, is comasach a h-uile ni doʼn chreideach. 23 Agus athair a ghille a glaodhach san uair, thuirt e le deoir: Tha mi creidsinn, a Thighearna: cuidich mʼ ana-creideamh. 24 Us nuair a chunnaic Iosa an sluagh a ruith cuideachd, mhaoidh e air an spiorad neoghlan, a cantuinn ris: A spioraid bhodhair agus bhailbh, tha mi g-àithneadh ort, theirig a mach as; ʼs na rach a stigh ann tuilleadh. 25 Agus chaidh e mach as, a g-eigheach, ʼs ga riabadh gu goirt: agus dhʼfhas e coltach ri duine marbh, air chor ʼs gun robh moran a g-radh: Tha e marbh. 26 Ach Iosa breith air laimh air, thog e e, agus dhʼ eirich e. 27 ʼS nuair chaidh e stigh doʼn tigh, dhʼfharraid a dheisciopuil deth fos n-iosail: Car-son nach bʼ urrainn duinn a thilgeadh a mach? 28 Us thuirt e riu: Cha n-urrainn do ʼn t-seorsa so dol a mach air sheol sa bith, ach le urnaigh ʼs le traisg. 29 ʼSa falbh as a sin, chaidh iad troimh Ghalile; ʼs cha bʼaill leis gum biodh fios aig duine air bith air so. 30 Oir bha e teagasg a dheisciopul, ʼsa g-radh riu: Gun rachadh Mac an duine liubhairt seachad do lamhan dhaoine, ʼs gum marbhadh iad e, ʼs an deigh a mharbhadh, gun eireadh e rithist air an treas latha. 31 Ach cha do thuig iadsan am facal; agus bha sgàth orra fharraid dheth. 32 Us thainig iad gu Capharnaum. ʼS nuair a bha iad san tigh, dhʼfhaighnich e dhiu: Ciod mun robh sibh a deaspud air an rathad? 33 Ach bha iadsa samhach: oir air an rathad bha iad a consachadh eatorra fhein, co dhiu bu mhua bhiodh. 34 ʼSa suidhe, ghairm e na dhà-dhiag, us thuirt e riu: Ma tha toil aig fear sam bith a bhith air thoiseach, bithidh e air dheireadh orra uile, agus ʼna sheirbhiseach dhaibh uile. 35 ʼSa breith air leanabh, chuir e ʼnam miadhon e; ʼs an deigh a ghlacail ʼna uchd, thuirt e riu: 36 Ge bʼe sa bith ghabhas ri aon leanabh deʼn leithidean so na mʼ ainmse, tha e gabhail riumsa; agus co sa bith ghabhas riumsa, cha n-ann riumsa tha e gabhail, ach ris-san a chuir mi. 37 Agus fhreagair Eoin e, a g-radh: A Mhaighistir, chunnaic sinn duine araid, nach eil gaʼr leanailne, a tilgeadh a mach dheomhan na tʼ ainmse, agus bhac sinn e. 38 Agus thuirt Iosa: Na bacaibh e: oir cha n-eil aon air bith, a ni miarailt na mʼ ainmse, a ʼs urrainn gu h-ealamh labhairt gu h-olc orm. 39 Oir an neach nach eil ʼnur n-aghaidh, tha e leibh. 40 Oir co sa bith a bheir dhuibh ri ol cupan uisge na mʼainmse, a chionn ʼs gur le Criost sibh: gu firinneach tha mi g-radh ribh: cha chaill e dhuais. 41 Agus co sa bith bheir sgainneal do h-aon deʼn fheadhainn bheaga so, a tha creidsinn unnamsa, bʼfhearr dha clach mhuilinn a bhith crochte mu amhaich, ʼsa bhith air a thilgeil sa mhuir. 42 ʼS ma bheir do lamh sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut dol a stigh gu beatha air lethlaimh, na dol le dà laimh a dhʼiutharna gu teine nach smalar: 43 Far nach basaich a chnuimh aca, ʼs nach smalar an teine. 44 Agus ma bheir do chas sgainneal dhut, gearr dhiot i: is fhearr dhut dol a stigh gu beatha air lethchois, na do thilgeadh le dà chois a dhʼ iutharna gu teine nach diocail: 45 Far nach basaich a chnuimh aca, ʼs nach smalar an teine. 46 Agus ma bheir do shuil sgainneal dhut, spion asad i: is fhearr dhut dol a stigh do rioghachd Dhe le aon shuil, na do thilgeadh le dʼ dhà shuil ann an teine iutharna: 47 Far nach basaich a chnuimh aca, ʼs nach smalar an teine. 48 Oir saillear gach aon le teine, us saillear gach iobairt le salann. 49 Tha salann math: ach ma dhʼfhasas an salann neo-bhlasda, co leis a ni sibh blasda e? Biodh salann agaibh unnaibh, agus biodh sith agaibh eadaraibh fhein. |