Marcus 6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875VI. CAIB. Criosta teagasg ann an Nasareth; a cur a mach a dhà ostal diag a theagasg; a riarachadh choig mile le coig builionnan: ʼsa coiseachd air a mhuir. 1 Us dhʼfhalbh e as a sin, agus chaidh e gu dhuthaich fhein; us lean a dheisciopuil e; 2 Agus nuair thainig an t-sàbaid, thòisich e ri teagasg san t-sinagog; us ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagasg, a g-radh: Co as tha na nichean so uile aig an duine so? agus ciod e an gliocas a tha air a thoirt dha: ʼs na gniomhan cho euchdail, a thʼair an dianamh le lamhan? 3 Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, us Ioseiph, us Iuda, us Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as. 4 Us thuirt Iosa riu: Cha n-eil faidh gun onair ach ʼna dhuthaich fhein, agus ʼna thigh fhein, ʼs am measg a chairdean fhein. 5 Agus cha bʼurrainn da miarailt air bith a dhianamh an sin, ach a mhain gun do leighis e beagan de dhaoine tinne le a lamhan a leagail orra; 6 Us ghabh e iongantas ri ʼn cion creidimh, agus dhʼ imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg. 7 Agus ghairm e na dhà-dhiag: us thòisich e air an cur air falbh lion dithis us dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan. 8 Us dhʼàithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhàla gun aran, gun airgiod ʼnan sporan, 9 Ach cuarain air son caiseirt, ʼs gun dà chota a chur orra. 10 Us thuirt e riu: Ge bʼe aite san teid sibh a stigh do thigh, fanaibh ann, gus am falbh sibh as a sin. 11 Agus co air bith nach dian ur beatha, ʼs nach eisd ribh, a falbh á sin, crathaibh an duslach dhe ʼr casan mar theisteanas ʼnan aghaidh. 12 ʼSa gabhail a mach, shearmonaich iad gun diante peanas: 13 Agus thilg iad a mach moran dheomhan, us dhʼung iad le ola moran dhaoine tinne, agus leighis iad iad. 14 Agus chual righ Herod (oir rinneadh ʼainm follaiseach), us thuirt e: Dhʼ eirich Eoin Baiste bho na mairbh: ʼs air an aobhar sin tha feartan gan oibreachadh leis. 15 Ach thuirt feadhainn eile: Se Elias a thʼann. Us thuirt cuid eile: Se faidh thʼ ann, mar a h-aon de na faidhean. 16 Air do Herod so chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dheʼn tug mise an ceann, a thʼ ann, dhʼeirich e bho na mairbh. 17 Oir bha Herod fhein air cur mach, ʼs air glacadh Eoin, ʼs air a cheangal am priosan as leth Herodiais, bean a bhrathar Philip, chionn gun do phos e i. 18 Oir thuirt Eoin ri Herod: Cha n-eil e laghail dhut bean do bhrathar a bhith agad. 19 Agus bha Herodias a caitheamh foille air; agus bha toil aice a mharbhadh, ach cha bʼurrainn di. 20 Oir bha eagal aig Herod roimh Eoin, a tuigsinn gun robh e ʼna dhuine ceart agus naomh: agus ghleidh e e, agus air dha eisdeachd ris, rinn e ioma ni, agus dhʼ eisd e ris gu toileach. 21 Agus nuair thainig latha freagrach, rinn Herod suipeir, air son latha bhreith, do dhʼuaislean, ʼs do cheannardan, ʼs do mhaithean Ghalile. 22 ʼS nuair a thainig nighean Herodiais so stigh, ʼsa dhanns i, ʼsa thaitinn i ri Herod, agus riusan a bha aig bord cuide ris, thuirt an righ ris a chailin: Iarr orm na ʼs aill leat, us bheir mi dhut e: 23 Agus mhionnaich e dhi: Ge bʼe ni a dhʼiarras tu bheir mi dhut, ged a bʼe leth mo rioghachd. 24 Nuair chaidh i mach, thuirt i ri mathair: Ciod a dhʼiarras mi? ach thuirt ise: Ceann Eoin Baiste. 25 ʼS air dhi tighinn stigh le cabhaig san uair thun an righ, dhʼiarr i, a g-radh: Is aill leam gun toir thu dhomh san uair ceann Eoin Baiste air meis. 26 Agus bhaʼn righ ro-dhuilich: ach as leth a mhionnan, ʼs air son na feadhnach a bhʼaig bord maille ris, cha bʼaill leis miothlachd a chur oirre: 27 ʼSa cur sleagh-fhear bhuaithe, dhʼorduich e a cheann a thoirt a stigh air meis. Us thug e an ceann dheth sa phriosan, 28 Agus thug e leis a cheann air meis, ʼs thug e do ʼn chailin e; agus thug a chailin dha mathair e. 29 Nuair chual a dheisciopuil so, thainig iad, ʼs thug iad leo a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e. 30 Us chruinnich na h-ostail gu Iosa, agus dhʼ innis iad dha h-uile ni, a bha iad air dianamh, ʼs air teagasg. 31 Us thuirt e riu: Thigibh a lethtaobh gu aite fàs, agus leigibh ur n-anail car tamuill. Oir bha iad lionor an fheadhainn a bha tighinn ʼsa dol; agus cha robh urad us tim aca air biadh a ghabhail. 32 ʼSa gabhail a stigh do bhàta, chaidh iad a lethtaobh gu aite fàs. 33 Agus chunnacas iad a falbh, ʼs bha fios aig moran air; ʼsa falbh air an cois as na bailtean uile, ruith iad an sin, agus bha iad rompa. 34 ʼSa dol a mach, chunnaic Iosa moran sluaigh: agus ghabh e truas riu, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaill, agus thòisich e ri moran a theagasg dhaibh. 35 Agus nuair a bha nis a mhor chuid de ʼn latha seachad, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, a g-radh: Is fasach an t-aite so, ʼs thaʼn uair nis air ruith: 36 Leig air falbh iad, los a dol do na tighean duthcha ʼs do na bailtean is teinne orra gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein a dhʼicheas iad. 37 Agus fhreagair e iad, a g-radh: Thugaibh fhein dhaibh ri iche. Us thuirt iad ris: Rachamaid a cheannach luach dà chiad sgilinn de dhʼ aran; agus bheir sinn dhaibh ri iche. 38 Us thuirt e riu: Co miad builionn a thʼagaibh? siubhlaibh a dhʼfhaicinn. Agus nuair fhuair iad mach, thuirt iad: Coig, ʼs dà iasg. 39 Agus dhʼorduich e dhaibh a thoirt orra suidhe uile ʼnam buidhnean air an fhiar ghorm. 40 Us shuidh iad sios ʼnan cuideachdan chiadan agus leth-chiadan. 41 ʼSa glacail nan coig builionnan, ʼs an dà éisg, ʼsa g-amharc suas gu neamh, bheannaich e, us bhrist e na builionnan, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an dà iasg orra uile. 42 Us dhʼich iad uile, agus riaraicheadh iad. 43 Us thog iad na fuighlichean, lan dà chliabh dhiag de spruileach, ʼs de dhʼiasg. 44 Agus bʼe aireamh na feadhnach, a dhʼich, coig mile fear. 45 ʼS air ball thug e air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhàta, gus iad a dhol roimhe thar a chaol gu Bethsaida, fhad ʼsa bhiodh e fhein a sgaoileadh an t-sluaigh. 46 Agus nuair a sgaoil e iad, chaidh e suas do bheinn a ghabhail urnaigh. 47 ʼS nuair a bha an t-anamuch ann, bha am bàta am miadhon na fairge, agus esan leis fhein air tir. 48 ʼSa faicinn gun robh iad air an sarachadh a g-iomradh (oir bha ghaoth ʼnan aghaidh), thainig e muʼn cheathramh faire deʼn oidhche gan ionnsuidh, a coiseachd air a mhuir; agus bha toil aige dhol seachad orra. 49 Ach iadsan ga fhaicinn a coiseachd air a mhuir, shaoil iad gur samhladh a bhʼann, ʼs thug iad glaodh. 50 Oir chunnaic iad uile e, agus dhʼoiltich iad. Agus ghrad-labhair e riu, us thuirt e riu: Biodh misneach agaibh: Is mise thʼann, na biodh eagal oirbh. 51 Agus dhirich e suas doʼn bhàta gan ionnsuidh, agus laidh a ghaoth. Agus ʼsann is mua a bha dhʼiongantas orra annta fhein. 52 Oir cha do thuig iad mu na builionnan: oir bha an cridhe air a dhalladh. 53 Agus nuair dhʼaisig iad thairis, thainig iad gu talamh Ghenesareth, us tharruinn iad gu tir. 54 ʼS nuair thainig iad as a bhàta, dhʼaithnich iad e san uair: 55 ʼSa ruith feadh na duthcha sin uile, thoisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiulan mun cuairt air leabaichean far an cual iad esan a bhith. 56 Agus co sa bith aite san robh e dol a stigh do bhailtean, no chathraichean, no do dhuthchannan, bha iad a cur nan daoine tinn air na straidean, ʼsa guidhe air gum faodadh iad a mhain beantuinn do dhʼfhaitheam eididh; ʼsa mhiad ʼsa bhean da, rinneadh slan iad. |