Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


III. CAIB. Criosta leigheas na laimhe seargte, a taghadh an dà ostal dhiag, ʼsa diteadh blaisbheum nam Phairiseach.

1 Us chaidh e stigh a rithist do ʼn t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte.

2 Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air na laithean sàbaid; los cuis dhitidh fhaighinn ʼna aghaidh.

3 Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon.

4 Us thuirt e riu: A bheil e laghail math dhianamh air na laithean sàbaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as di? Ach bha iadsan ʼnan tosd.

5 ʼSa g-amharc orra mun cuairt le feirg ʼs le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sìn a mach do lamh. Agus shìn e i: us rinneadh slan a lamh dha.

6 ʼSna Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich ʼna aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad a dhith e.

7 Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile ʼs bho Iudéa,

8 Agus bho Ierusalem, agus bho Iduméa, ʼs bho thaobh thall Iordain; us iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, ʼs iad air cluinntinn nan nichean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh.

9 Agus thuirt e ri dheisciopuil, saghach beag a bhith ga fhreasdal as leth an t-sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e.

10 Oir leighis e moran, air chor ʼs gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn da, a mhiad ʼsa bha easlainteach.

11 ʼS nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dhʼeigh iad, a g-radh:

12 Is tusa Mac Dhe. Us mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach.

13 ʼSa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a bʼaill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh.

14 Agus roghnaich e gum biodh dà fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad.

15 Us thug e comas dhaibh tinneasan a leigheas, agus deomhain a thilgeadh a mach.

16 Agus thug e Peadar mar ainm air Simon:

17 Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, us thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich:

18 Agus Aindris, agus Philip, agus Bartholomé, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananéach,

19 Agus Iudas Iscariot, esa mar an ciadna a bhrath e.

20 Us thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor ʼs nach bʼ urrainn daibh urad agus aran iche.

21 ʼS nuair a chual a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Guna ghabh e an caothach.

22 Us thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas á Ierusalem: Tha Beelsebub aige, ʼs gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan.

23 ʼS an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riu ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach?

24 Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, cha n-urrainn do ʼn rioghachd sin seasamh.

25 Agus ma bhios tigh air a roinn ʼna aghaidh fhein, cha n-urrainn do ʼn tigh sin seasamh.

26 ʼS ma tha Satan air eirigh ʼna aghaidh fhein, tha e roinnte, ʼs cha n-urrainn da seasamh, ach tha crioch air.

27 Cha n-urrainn do neach air bith dol a stigh do thigh duine laidir, agus ʼairneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh.

28 Gu firinneach tha mi g-radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum:

29 Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha n-fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh.

30 Chionn gun robh iad a g-radh: Tha spiorad neo-ghlan aige.

31 Us thainig a mhathair ʼsa bhraithrean; ʼs ʼnan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh.

32 Agus bha an sluagh ʼnan suidhe mun cuairt da; us thuirt iad ris: Faic tha do mhathair ʼs do bhraithrean a muigh ga tʼ iarraidh.

33 Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean?

34 ʼSa g-amharc mun cuairt orrasan, a bha ʼnan suidhe mu thimchioll, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean.

35 Oir is esan, a ni toil De, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan