Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


II. CAIB. Criosta, leigheas an fhir air an robh a chrith: a gairmeadh Mhatu: e a gabhail leisgeul a dheisciopul.

1 Agus chaidh e stigh a rithist do Chapharnaum an ceann beagan laithean.

2 Us chualas gun robh e san tigh, agus chruinnich moran, ionnus ʼs nach faigheadh iad fiu timchioll an doruis, us labhair e am facal riu.

3 Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar.

4 ʼSa chionn nach bʼurrainn iad a chur ʼna lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad an tigh far an robh e; ʼs air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe ʼna laidhe.

5 ʼS nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut.

6 Ach bha cuidʼ de na Sgriobhaich ʼnan suidhe an sin, ʼsa smaoineachadh ʼnan cridheachan:

7 Ciod thaʼm fearsa cantuinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia ʼna aonar?

8 Dhʼaithnich Iosa san uair ʼna spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, us thuirt e riu: Car-son tha sibh a smaoineachadh nan nichean sin ʼnur cridheachan?

9 Co dhiu is fhasa gh-radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich?

10 Ach los fios a bhith agaibh gum beil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,)

11 Deiream riut: Eirich, tog do leaba, agus imich gu do thigh.

12 Agus ghrad-dhʼeirich e: ʼsa togail a leaba, dhʼfhalbh e ʼnam fianuis uile; air chor ʼs gun do ghabh iad ioghnadh air fad, ʼs thug iad gloir do Dhia, a g-radh: Cha n-fhaca sinn riamh a leithid so.

13 Us chaidh e mach a rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, us theagaisg e iad.

14 ʼS nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis ʼna shuidhe an tigh na cise, us thuirt e ris: Lean mise. ʼSa g-eirigh, lean e e.

15 Agus thachair, nuair a bha e ʼna shuidhe aig biadh ʼna thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor us pheacach mar ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e.

16 Agus na Sgriobhaich ʼs na Phairisich a faicinn gun robh e g-iche comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Car-son a tha ur maighistir a g-iche ʼsa g-ol comhla ri cismhaoir agus peacaich?

17 Air do Iosa so chluinntinn, thuirt e riu: Cha n-eil feum aig daoine slana air leigh, ach aig daoine tinne: oir cha tainig mi a ghairm nan naomh ach nam peacach.

18 Agus bha deisciopuil Eoin ʼs nam Phairiseach a trasgadh; agus thainig iad, us thuirt iad ris: Car-son tha deisciopuil Eoin ʼs nam Phairiseach ri traisg, agus nach eil na deisciopuil agadsa ri traisg?

19 Us thuirt Iosa riu: An urrainn clann na bainnse trasgadh, fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riu? Fhad ʼsa bhitheas fear-na-bainnse cuide riu, cha n-urrainn dhaibh trasgadh.

20 Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin.

21 Cha n-fhuaghail duine air bith breid de dhʼaodach ùr air seann eideadh: air-neo bheir am breid ùr a liad fhein as an t-seann aodach, us bithidh an stracadh nas mua.

22 Agus cha chuir duine sam bith fion ùr ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, us doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is còir fion ùr a chur an searragan ùra.

23 Us thachair a rithist, nuair a bha an Tighearna triall tromh achaidhean arbhair air an t-sàbaid, gun a theann a dheisciopuil, ʼs iad a gabhail air an adhart, ri spioladh dhias.

24 Us thuirt na Phairisich ris: Seall, car-son tha iad a dianamh air latha na sàbaid ni nach eil ceadaichte?

25 Us thuirt e riu: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Dài, nuair a bha e feumach ʼs air acras, e fhein agus iadsan a bha cuide ris?

26 Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dhʼich e na builionnan-tairgse, nach robh ceadaichte icheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhse a bha comhla ris?

27 Us thuirt e riu: Rinneadh an t-sàbaid air son an duine, ʼs cha n-e an duine air son na sàbaid.

28 Mar sin se Mac an duine Tighearna na sàbaid fhein.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan