Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 15 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875


XV. CAIB. A chuid eile de dhʼ eachdraidh a phàis.

1 Agus gu luath sa mhaduinn chuir na h-ard-shagairt, ʼs na seannairean ʼs na Sgriobhaich, ʼsa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat.

2 Us dhʼfharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosʼ a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga gh-radh.

3 Agus bha na h-ard-shagairt a cur ioma cuis as a leth.

4 Us dhʼfharraid Pilat a rithist dheth, a g-radh: Nach toir thu freagairt air bith? seall co liuthad ni tha iad a g-agairt na tʼaghaidh.

5 Ach cha do fhreagair Iosa idir tuilleadh, air sheol ʼs gun do ghabh Pilat iongantas.

6 A nis air latha na feille bʼabhuist da leigeil mu sgaoil dhaibh aon sa bith dhe na priosanaich, a dhʼiarradh iad.

7 Agus bha fear ann, dha ʼm bʼainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc.

8 Agus nuair a dhirich an sluagh suas, thòisich iad ri iarraidh air, e dhianamh dhaibh mar a bʼabhuist dha daonnan.

9 Agus fhreagair Pilat iad, ʼs thuirt e: An aill leibh gun leig mi as dhuibh righ nan Iudhach?

10 Oir bha fios aige gum bʼann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e.

11 Ach bhrosnaich na h-ard-shagairt an sluagh, gun leigeadh e mar raghainn Barabbas mu sgaoil daibh.

12 Agus fhreagair Pilat a rithist, us thuirt e riu: Ciod ma ta is aill leibh mi dhianamh ri righ nan Iudhach?

13 Ach ghlaodh iad a rithist: Ceus e.

14 Us thuirt Pilat riu: Ciod an t-olc a rinn e? Ach ʼsann is mua ghlaodh iad: Ceus e.

15 Agus bho na bha Pilat deonach an sluagh thoileachadh, leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh, ʼs an deigh Iosa sgiursadh, thug e seachad e, gus a cheusadh.

16 Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cùirt an uachdrain, us ghairm iad am buidheann uile.

17 Agus dhʼeid iad e le purpur, ʼsa fighe crùn dreighinn chuir iad air e.

18 Agus thòisich iad air furan a chur air, a g-radh: Failt, a righ nan Iudhach.

19 Us bhuail iad a cheann le cuilc; agus thilg iad smugaidean air, ʼsa lubadh an glun, thug iad aoradh dha.

20 Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, us chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh.

21 Agus dhʼeignich iad fear a bha dol seachad, Simon bho Chirene, athair Alastair agus Rufuis, a bha tighinn as an duthaich, gus a chrois a ghiulan.

22 Agus thug iad e gu aite ris an canar Golgotha, se sin air eadar-theangachadh, aite Chalbhari.

23 Agus thug iad dha ri ol fion measgte le mirr; agus cha do ghabh e e.

24 Agus air dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach, a tilgeadh chrann air, fiach ciod a thogadh gach aon.

25 Agus bʼi an tritheamh uair a bhʼann, agus cheus iad e.

26 ʼS bha chuis-dhitidh sgribhte fos a chionn: Righ nan Iudhach.

27 Agus cheus iad dà mheirleach comhla ris, fear air a laimh dheis, us fear air a laimh chli.

28 Agus choimhlionadh an sgriobtur, a tha g-radh: Agus bha e air a mheas am measg nan eucorach.

29 Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a crathadh an cinn, ʼsa g-radh: O thusa, a leagas an teampull, ʼsa thogas e rithist ann an tri latha:

30 Teasraig thu fhein agus thig a nuas dheʼn chrois.

31 Mar an ciadna bha na h-ard-shagairt a magadh air, agus marris na Sgriobhaich a cantuinn ri cheile: Shabhail e feadhainn eile, e fhein cha n-urrainn e shabhaladh.

32 Thigeadh Criosta righ Israil a nuas a nis bhoʼn chrois, chum gum faic agus gun creid sinn. Us thug iadsan, a cheusadh maille ris, taire dha.

33 ʼS nuair a thainig an t-siathamh uair, bha dorchadas air an talamh gus an naoitheamh uair.

34 Agus aig an naoitheamh uair dhʼeigh Iosa le guth ard, a g-radh: Eloi, Eloi, lamma sabacthani? se sin air eadar-theangachadh: Mo Dhia, mo Dhia, car-son a threig thu mi?

35 Agus thuirt cuid deʼn fheadhainn a bha ʼnan seasamh mun cuairt, nuair a chual iad e: Seall, tha e gairm Eliais.

36 Agus ruith fear, ʼsa lionadh spuing le fion-geur, ʼs ga cur air cuilc, thug e dha ri ol, a g-radh: Leigibh leam, faicemid an tig Elias gus a thoirt a nuas.

37 Agus Iosa a g-eigheach le guth ard, thug e suas an anail.

38 Agus sthracadh brat an teampuill na dhà leth bho bhraighe gu ʼiochdar.

39 Agus nuair a chunnaic an ceannard-ciad, a bha ʼna sheasamh mu choinneamh, gun do dhʼeug e a g-eigheachd mar sin, thuirt e: Gu firinneach bʼe an duine so Mac Dhe.

40 Agus bha boirionnaich cuideachd a coimhead fad as: ʼnam measg bha Mairi Magdalen, agus Mairi mathair Sheumais is lugha us Ioseiph, agus Salome:

41 A lean e nuair a bha e ann an Galile, ʼsa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bhʼair direadh gu Ierusalem maille ris.

42 ʼS nuair thainig am feasgar, a chionn gum bʼe an t-uidheamachadh a bhʼann, se sin an latha romh ʼn t-sàbaid,

43 Thainig Ioseph bho Arimatéa, comhairleach urramach, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe, us chaidh e stigh gu dàna gu Pilat, agus dhʼiarr e corp Iosa.

44 ʼS bha iongantas air Pilat gum biodh e cheana marbh. ʼSa gairm a cheannaird-chiad, dhʼfharraide dheth an robh e cheana marbh.

45 ʼS nuair fhuair e fios bhoʼn cheannard-chiad, thug e an corp do Ioseph.

46 Agus cheannaich Ioseph lion-anart, ʼs ga thoirt a nuas, shuain e san lion-anart e, agus chuir e ann an uaigh e, a bhʼair a gearradh as a chraig, agus charaich e clach gu dorus na h-uaighe.

47 ʼS bha Mairi Magdalen agus Mairi mathair Ioseiph a gabhail beachd càite an rachadh a chur.

© Scottish Bible Society 2017

© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan